Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 238: Niall MacLeòid

Tha mòran sluaigh am beachd an-diugh

Nach eil ar cĂ nan slĂ n,

Nach fhada cluinnear fuaim a guth,

Nach tèid i chaoidh nas fheàrr,

Gu bheil a’ bhuaidh a bh’ aic’ air ruith,

Nach tog i ceann gu brĂ th;

’S a dh’aindeoin buaidh MhicIlledhuibh,

Gum faigh a’ Ghàidhlig bàs.

Tha mi an dòchas nach eil sibh aontachadh ri sin. Chaidh am pìos bàrdachd sin a sgrìobhadh le bàrd às an Eilean Sgitheanach, Niall MacLeòid, a bha beò anns an dàrna leth dhen naoidheamh linn deug agus aig toiseach an fhicheadamh linn. Tha daoine air a bhith a’ dèanamh ro-aithris air bàs na Gàidhlig airson ùine mhòir!

Tha mi airson ’s gun èist ribh ris a-rithist agus, an turas seo, èistibh airson ainm duine – cinneadh:

Tha mòran sluaigh am beachd an-diugh

Nach eil ar cĂ nan slĂ n,

Nach fhada cluinnear fuaim a guth,

Nach tèid i chaoidh nas fheàrr,

Gu bheil a’ bhuaidh a bh’ aic’ air ruith,

Nach tog i ceann gu brĂ th;

’S a dh’aindeoin buaidh MhicIlledhuibh,

Gum faigh a’ Ghàidhlig bàs.

An cuala sibh MhicIlledhuibh? Sin MacIlledhuibh anns an tuiseal ghinideach. Mar as trice, chanadh tu gur e Black a bhiodh air ann am Beurla, ach an turas seo tha e a’ seasamh airson Blackie.

Tha cunnart ann gu bheil mòran an là an-diugh a’ dìochuimhneachadh an ainm – Iain Stiùbhart Blackie – ach, anns an dàrna leth dhen naoidheamh linn deug, bha e ainmeil air feadh Alba. Agus, eucoltach ris a’ chuid mhòir de dh’Albannaich ainmeil an-diugh, bha e na fhìor dheagh charaid don Ghàidhlig. Rinn e barrachd na duine sam bith eile airson dèanamh cinnteach gum biodh cathair Cheilteis ann an Oilthigh Dhùn

Eideann. An-diugh, agus anns na beagan seachdainean romhainn, bu toigh leam rud beag innse dhuibh mu dheidhinn.

Rugadh Iain Stiùbhart Blackie ann an Glaschu ann an ochd ceud deug ’s a naoi (1809). Bha a chuideachd às na Crìochan. Bha athair na mhanaidsear banca, agus bha athair a mhàthar na innleadair a dhealbh dà dhrochaid thar Abhainn Chluaidh.

Nuair a bha Iain trì bliadhna a dh’aois, ghluais a theaghlach a dh’Obar Dheathain. As dèidh dha sgoil fhàgail, chuir athair gu oifis-lagh ann an Obar Dheathain e airson ’s gum biodh e ag ionnsachadh mun lagh. Ann an litir gu phiuthar, sgrìobh e, “Tha an dreuchd a’ còrdadh rium, ach chòrdadh e rium na b’ fheàrr nam faighinn dheth aig dà uair feasgar.” Bha e follaiseach nach leanadh Iain le obair-oifis fad a bheatha.

Bha ùidh mhòr aige anns na cànanan clasaigeach – Laideann agus an t-seann Ghreugais – agus nuair a bha e na oileanach ann an Oilthigh Obair Dheathain, dh’fhàs e air leth comasach ann an Laidinn. Bhiodh e ag argamaid gu fileanta innte leis a’ phroifeasair. Ach, nuair a chaidh e a-null thairis airson ionnsachadh mu chànan is litreachas, chan ann don Ròimh no don Àithne a chaidh e, ach a Ghöttingen anns a’ Ghearmailt, ged nach robh aige de Ghearmailtis ach corra fhacal. Uaireannan, aig an toiseach, bhiodh e a’ bruidhinn ri daoine foghlamaichte ann an Laidinn!

Chaidh e a-null còmhla ri dithis eile à Obar Dheathain ach sgrìobh athair thuige, ag ràdh nach fhaodadh e fuireach còmhla riutha oir bha e air a dhol ann airson an cànan ionnsachadh. Fhreagair Iain an litir, ag ràdh gu robh iad ag ionnsachadh a’ chànain còmhla. Agus, sgrìobh e, leis gu robh buinteanas aca do dh’Obar Dheathain, gu robh iad ag ionnsachadh cunntadh an airgid gu luath, gus nach gabhadh fear-bùtha sam bith brath orra! Bhiodh dà fhichead bliadhna ann mus fhaigheadh Iain greim air a’ Ghàidhlig ach cha b’ fhada gus an robh e fileanta ann an cànan na Gearmailt.

Faclan na seachdaine

Faclan na seachdaine: cinneadh: surname, clan name; cunnart: danger; a’ dìochuimhneachadh: forgetting; cathair Cheilteis: Chair of Celtic; oilthigh: university;innleadair: engineer; Obar Dheathain: Aberdeen; lagh: law; Laideann: Latin; Greugais: Greek (language); a’ Ghearmailt: Germany; corra fhacal: a few words; foghlamaichte: educated; buinteanas: belonging, connection; fileanta: fluent.

Abairtean na seachdaine

Abairtean na seachdaine: nach fhada chluinnear fuaim a guth: the sound of her voice will not be heard long; a dh’aindeoin buaidh MhicIlledhuibh: despite Blackie’s influence; a’ dèanamh ro-aithris air bàs na Gàidhlig: predicting the death of Gaelic; eucoltach ris a’ chuid mhòir: unlike the majority; bha e na fhìor dheagh charaid: he was a really good friend; bha a chuideachd às na Crìochan: his people were from the Borders; dà dhrochaid thar Abhainn Chluaidh: two bridges over the Clyde; às dèidh dha sgoil fhàgail: after he left school; chan ann don Ròimh no don Àithne a chaidh e: it wasn’t to Rome or Athens he went; sgrìobh athair thuige: his father wrote to him; gus nach fhaigheadh fear-bùtha brath orra: so that a shopkeeper wouldn’t take advantage of them.

Puing-ghrĂ mair na seachdaine

Puing-ghrĂ mair na seachdaine: nuair a chaidh e a-null thairis airson ionnsachadh mu chĂ nan is litreachas..: when he went overseas to learn about language and literature.

How would you translate “overseas” into Gaelic? Well, that depends on whether or not there is motion involved. If you are overseas you are thall thairis, but if you are travelling overseas from here (ie there is motion involved) it is a-null thairis. This difference is important. If you said tha mi a’ gluasad thall thairis, it would not mean that you are emigrating from here to another country (you would need a-null for that) but that you were overseas already and were moving within that geographical frame, but not out of it.

GnĂ ths-cainnt na seachdaine

Gnàths-cainnt na seachdaine: Chòrdadh e rium na b’ fheàrr: I would like it even more.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast