30/06/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 365
Duration: 05:26
Litir 365: Sabaid Mhòr Inbhir Ùige
Thathar ag rà dh gum b’ e am batail mu dheireadh eadar Gà idheil is Goill ann an Alba “Sabaid Mhòr Inbhir Ùige” ann an ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859). ’S e gnothach uabhasach a bh’ ann às nach bi Gà idheal no Gall moiteil an-diugh. Thòisich e le ubhal – no, a rèir cuid, orainsear. Agus chrìochnaich e le aimhreit mhòr air srà idean Inbhir Ùige.
Bha na mìltean de Ghà idheil ann an Inbhir Ùige airson an iasgaich. ’S ann à Leòdhas a bha mòran aca. Air an t-seachdamh latha fichead dhen Lùnastal – ’s e Disathairne a bh’ ann – thòisich sabaid air an à rd-shrà id eadar dithis bhalach. ’S ann mu dheidhinn ubhal – no orainsear – a bha an t-sabaid. B’ iad an dithis gille à Inbhir Ùige agus fear Calum MacLeòid à Bail’ Ailein ann an Leòdhas. Bha Calum ceithir bliadhn’ deug a dh’aois.
Bha gu leòr a-muigh air an t-srà id agus sgaoil an t-sabaid mar fhalaisg sa mhòintich. Taobh a-staigh dà mhionaid bha na ceudan air a dhol an amhaichean a chèile. Thà inig na poilis agus dh’fheuch iad ri eileanach a chur an grèim a bhathar a’ coireachadh airson na h-aimhreit. Ach cha leigeadh a charaidean leis na poilis a thoirt air falbh. Mu dheireadh fhuair na poilis taic bho chuid de mhuinntir an à ite, agus chaidh aca air an duine a thoirt gu stèisean nam poileas.
Chuairtich na h-eileanaich an togalach. Bha iad a’ toirt rabhadh seachad gun toireadh iad fhèin an duine a-mach mura biodh e air a leigeil ma sgaoil. Bha na poilis dhen bheachd gum b’ e fear à Ceòs ann an Leòdhas, Raibeart Dòmhnallach, an ceannard aca. Thà inig iad a-mach agus tharraing iad Raibeart a-steach don togalach. A rèir aithris, chaidh a chuid aodaich a reubadh dheth anns an ùpraid.
Dh’fhàs a’ mhì-rian na bu mhiosa. Thuirt an sluagh gun leagadh iad an togalach gu là r mura leigeadh na poilis na h-eileanaich ma sgaoil. Bha mu dhà mhìle gu leth duine an là thair, ach bha dìreach mu cheud a’ gabhail pà irt san aimhreit.
Bha feadhainn a’ sadail chlachan. Chaidh trithead uinneag a bhriseadh ann an Talla a’ Bhaile agus bha feadhainn a’ toirt ionnsaigh air daoine eile a bha dìreach a’ coimhead a’ ghnothaich. Chaidh oidhirp a dhèanamh, ann an Gà idhlig is Beurla, fearg an t-sluaigh a mhùchadh, ach cha do dh’obraich e.
Cha robh an t-Àrd-chonstabal air a bhith dìomhain, ge-tà . Bha e air fios a chur don t-soitheach dìon-iasgaich, am Princess Royal, a bha anns an sgìre. Bha e cuideachd air a bhith a’ clà radh cuid de dh’fhir an à ite mar chonstabalan sònraichte.
Bha dragh air na h-ùghdarrasan cuideachd mu choinneamh-ùrnaigh a bha a’ gabhail à ite faisg air là imh, anns an robh mìle gu leth duine – a’ chuid a bu mhotha aca nan Gà idheil. Chaidh brath a chur don mhinistear, Mgr MacAoidh à Dùthaich MhicAoidh, iarraidh air a’ choitheanal aige dhol dìreach dhachaigh às dèidh là imh. Rinn e sin, agus chaidh a’ chuid a bu mhotha de na daoine dhachaigh gun dà il. Rinn Mgr MacAoidh fhèin air là rach na h-aimhreit agus bhruidhinn e ris an t-sluagh airson fichead mionaid, ag iarraidh orra sgaoileadh, ach cha do ghabh iad a chomhairle.
An uair sin leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit. Agus chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.