23/06/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 364
Duration: 05:31
Litir 364: Coitheanal Inbhir 脵ige
Anns na bliadhnaichean mu dheireadh de chaogadan an naoidheamh linn deug c脿ite an robh na coitheanalan G脿idhlig a bu mhotha air an t-saoghal? Tha mi a鈥 ciallachadh coitheanalan eaglaise. Ann an Ste貌rnabhagh, 鈥檚 d貌cha? No Port R矛gh? No Inbhir Nis? Uill, tha e cinnteach gu robh coitheanalan m貌ra anns na h-脿iteachan sin. Ach tha amharas agam nach robh gin aca na bu mhotha na coitheanal Inbhir 脵ige.
Seadh 鈥 Inbhir 脵ige. Ged a bha G脿idhlig ga bruidhinn ann an taobh an iar is ceann a deas Ghallaibh, b鈥 i a鈥 Bheurla Ghallda c脿innt muinntir Inbhir 脵ige. Ach bha gnothaichean c脿nain a鈥 bhaile ag atharrachadh ann an seusan an iasgaich. Nuair a bha an t-iasgach a鈥 dol, bha na h-uibhir de Gh脿idheil a鈥 dol ann, gu h-脿raidh bhon Eilean Sgitheanach is na h-Eileanan Siar.
Bhiodh suas ri ceithir m矛le duine a鈥 tighinn cruinn c貌mhla ann am p脿irc ann an Inbhir 脵ige air an t-S脿baid airson seirbheis Gh脿idhlig. Bhiodh suas ri tri霉ir mhinistearan a鈥 frithealadh a鈥 choitheanail oir bha e ro mh貌r airson aon duine.
Bha gn矛omhachas an iasgaich air leth m貌r ann an Alba aig an 脿m sin. Agus bha Inbhir 脵ige am measg nam bailtean a bu chudromaiche san d霉thaich airson iasgach 鈥 gu h-脿raidh iasgach an sgadain. Bha na h-iasgairean 脿 iomadh 脿ite. Bhiodh bonaidean G脿idhealach air na h-iasgairean G脿idhealach agus bhiodh sin gan comharrachadh mar eadar-dhealaichte bho ch脿ch.
Bhiodh geansaidhean orra uile, ach bha diofar beag ann eadar na geansaidhean 脿 diofar sg矛rean. Bha d脿 she貌rsa de gheansaidh aig gach iasgair 鈥 fear obrach agus fear airson gnothaichean s貌isealta, a鈥 gabhail a-steach frithealadh na h-eaglaise. Bha diofar eadar an d脿 she貌rsa. Cha robh putanan air an fheadhainn a bhathar a鈥 cleachdadh airson iasgach. Bhiodh putanan cunnartach. Dh鈥檉haodadh iad a bhith air an glacadh sna l矛n. Bha na cinn-mhuinichill air na geansaidhean sin fada teann 鈥 airson bl脿ths a chumail a-staigh. Bha na geansaichean fada air an c霉laibh cuideachd 鈥 airson dubhagan nan iasgairean a chumail bl脿th.
Ach bha na geansaidhean airson gnothaichean s貌isealta na bu spaideile. Bha putanan orra a leigeadh leis an duine an geansaidh a thoirt dheth gun a bhith a鈥 s矛neadh a鈥 bhann-mhuineil. Bha na putanan air na guailnean.
Bhiodh suas ri ceithir putanan air gach gualann aig geansaidhean iasgairean bhon chosta an ear. Bha e comasach do dhaoine d猫anamh a-mach d猫 am port dham buineadh iasgair, le bhith a鈥 coimhead air na putanan air a gheansaidh. Mar eisimpleir, bhiodh ceithir putanan air gualann chl矛 iasgairean 脿 Inbhir 脵ige, agus an t-aon astar eatarra. Bhiodh d矛reach aon phutan, no dh脿 no thr矛, air geansaidhean iasgairean a bhuineadh do chuid de phuirt eile.
Bha na putanan uaireannan na chuideachadh nuair a bhathar a鈥 feuchainn ri iasgair a chaidh a bh脿thadh aithneachadh.
Bha a鈥 Gh脿idhlig gu math l脿idir ann an Inbhir 脵ige ann am m矛osan an t-samhraidh. Tha mi cinnteach gu robh cuid de mhuinntir a鈥 bhaile ann nach robh ro chofhurtail mun t-suidheachadh. Bho 脿m gu 脿m, bhiodh droch-r霉n a鈥 tighinn am follais eadar an d脿 shluagh.
B鈥 e an tachartas a bu mhiosa dhiubh sin an aimhreit air an robh, agus air a bheil, 鈥淪abaid Mh貌r Inbhir 脵ige鈥. Thachair sin ann an ochd ceud deug, caogad 鈥檚 a naoi (1859), agus innsidh mi dhuibh mu a deidhinn an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Gn脿ths-cainnt na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.