31/08/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 426
Duration: 05:36
Litir 426: Medb
An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ toirt nà dar de gheà rr-chunntas dhuibh air an t-seann sgeulachd Táin Bó Cuailnge. Bha arm Chonnacht agus arm Uladh an aghaidh a chèile, oir bha Banrigh Chonnacht – Medb – ag iarraidh an tairbh dhuinn a bh’ aig na h-Ultaich. Rinn an sà r-Ultach, Cuchulainn, ge-tà , an gnothach air a h-uile gaisgeach aig arm Chonnacht a chaidh a chur na aghaidh. An uair sin nochd a bhrà thair dalta, Ferdiad, na aghaidh. Bha iad dlùth ri chèile. Cha robh Cuchulainn ag iarraidh sabaid na aghaidh idir.
Ach cha robh dol-às ann don dithis. Airson trì latha bha Cuchulainn is Ferdiad a’ sabaid le chèile aig ath ann an abhainn. Bha iad an ìre mhath co-ionann ann an comas sabaid. Cha robh fear seach fear dhiubh a’ faighinn là mh-an-uachdair. Aig a’ cheann thall ghabh Cuchulainn an cuthach. Sin nuair a bhiodh e fìor chunnartach. Chleachd e am ball-airm sònraichte aige – sleagh aig an robh comasan os-nà darrach. Thilg e an sleagh ann am Ferdiad agus cha do mhair Ferdiad fada às dèidh sin. Ghiùlain Cuchulainn corp a charaid gu bruach na h-aibhne. Bha an tà mailt air. Dh’fhà g e am blà r.
Dh’fhalbh arm Medb. Bha iad a’ connsachadh am measg a chèile. Cha robh cùisean rèidh eatarra. Ach bha an tarbh donn aca. Bha iad a’ dèanamh air Connacht leis an tarbh dhonn. Ach cha robh an cogadh seachad. Thà inig saighdearan Uladh còmhla a-rithist. Chaidh iad an tòir air an nà imhdean. Bha batail ann. Anns a’ bhatail rinn na h-Ultaich a’ chùis air na Connachtaich. Leig Cuchulainn le Medb falbh le a beatha ach thug arm Uladh an tarbh donn dhachaigh leotha.
Air an rathad dhachaigh, ge-tà , thachair an tarbh donn ri Finnbhennach, an tarbh fionn-adharcach aig Ailill (rìgh Chonnacht). Thug am fear donn ionnsaigh air an fhear eile. Fad latha is oidhche bha iad a’ sabaid le chèile. Ach air madainn an là rna-mhà ireach bha Finnbhennach marbh, agus bha buaidh nan Ultach air a coileanadh.
Ged a thachair a h-uile cà il a tha sin ann an Èirinn, tha à ite aig Alba anns a’ ghnothach cuideachd. Oir thathar ag rà dh gun do dh’ionnsaich Cuchulainn na sgilean gaisgeachd aige anns an Eilean Sgitheanach fo stiùir na banrigh ainmeil, Sgà thach. Agus sin far an do dh’ionnsaich e mar a chleachdadh e an sleagh os-nà darrach aige. Mura b’ e sin, cò aige tha fios dè bh’ air tachairt do dh’Ulaidh nuair a chaidh arm Chonnacht ann.
Agus naidheachd bheag eile mu Chuchulainn agus Alba. Bidh an fheadhainn a tha measail air iomain – spòrs traidiseanta nan Gà idheal – ag rà dh seo mu a deidhinn: O chionn fhad an t-saoghail, thà inig gaisgeach à Èirinn a dh’Alba. Le trì ceumannan mòra, thà inig e na chruinn-leum bho fhaicheannan na h-Èireann chun an Eilein Sgitheanaich. Crochte ri gach sliasaid aige, bha ochdad duine. Bha ochdad eile air gach gà irdean. Bha naoinear eile na fhalt. Thà inig e a dh'Alba a dh’fhaighinn foghlam còmhla ris a' Bhanrigh Sgà thach. Bha e ag ionnsachadh mu armachd is gaol. ’S e a dh’ionnsaich gu math – agus ged nach eil e air ainmeachadh anns a’ bheul-aithris, tha fhios gur e Cuchulainn a bh’ ann.
Mar thiodhlac, thug e an gèam – camanachd – do mhuinntir na h-Alba. ’S iomadh tiodhlac na bu mhiosa na sin a chaidh a thoirt seachad.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ag iarraidh an tairbh dhuinn: Just a gentle reminder that the genitive singular is not yet dead! Remember the rules (they came naturally to previous generations of Gaelic speakers but less so today)? Following a verbal noun (ag iarraidh), an tarbh becomes an tairbh (it’s a masculine noun – naturally enough for a male animal). Donn follows suit – becoming slenderised (duinn) and also becoming lenited (dhuinn) because that’s what would happen to lenitable masculine verbs in the genitive singular.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.