24/08/2007
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 425
Duration: 05:56
Litir 425: T谩in B贸 Cuailnge
Nuair a bha mi a鈥 fuireach anns an Eilean Sgitheanach cha robh mi uabhasach fada bho sheann chaisteal a tha a-nise na thobhta 鈥 Caisteal Dh霉n Sg脿thaich. Chuala mi bho dhaoine anns an eilean gun robh e air ainmeachadh airson Sg脿thach, seann bhanrigh a bha a鈥 fuireach anns an Eilean Sgitheanach nuair a bha Cuchulainn na ghille. Cha b鈥 ann an-d猫 no a bhon-d猫 a bha sin. Bha Sg脿thach cruaidh, comasach, gaisgeil 鈥 agus borb cuideachd.
Dh鈥檃inmich mi Cuchulainn. B鈥 esan am balach! Ged a tha muinntir na h-脠ireann ga agairt dhaibh fh猫in, agus ged a bha e na Ultach 鈥 fear a bhuineas do dh鈥橴laidh 鈥 bha buinteanas aige do dh鈥橝lba cuideachd, mar a ch矛 sinn.
Tha Cuchulainn a鈥 nochdadh, am measg eile, anns an sgeulachd ainmeil, T谩in B贸 Cuailnge 鈥 鈥檚 d貌cha an sgeulachd as sine a th鈥 anns an Roinn E貌rpa a tha a鈥 buntainn ri gaisge nan seann l脿ithean. Gu tric ann am Beurla thathar a鈥 gabhail The Cattle Raid of Cooley air. T谩in B贸 Cuailnge.
Tha an st貌iridh a鈥 t貌iseachadh 鈥 thathar a鈥 smaoineachadh, faisg air d脿 mh矛le bliadhna air ais 鈥 le r矛gh is banrigh Chonnacht 鈥 Ailill agus Medb. Bha an dithis aca beartach. Bha iad a-mach air a ch猫ile mu dheidhinn na bh鈥 aig gach duine aca de st貌ras. Bha Medb farmadach mu tharbh air leth math a bh鈥 aig Ailill. Bha an tarbh ann an treud Medb an toiseach ach cha robh e toilichte a bhith fo smachd boireannaich agus dh鈥檉halbh e gu treud Ailill. 鈥橲 e Finnbhennach an t-ainm a bh鈥 air. Tha sin a鈥 ciallachadh 鈥渇ionn-adharcach鈥.
Uill, bha Medb ag iarraidh tarbh a cheart cho math ris, agus bha i air cluinntinn mu fhear donn ann an Cuailnge ann an Ulaidh. Bha an tarbh sin le ceann-feadhna air an robh Daire MacFiachna.
Bha Medb de貌nach p脿igheadh airson an tarbh a ghabhail air mh脿l. Ach cha robh na teachdairean aice uabhasach gleusta. Leig iad fhaicinn do Dhaire MacFiachna gum biodh iad air an tarbh donn a ghoid bhuaithe mura robh e air a bhith de貌nach a thoirt seachad air mh脿l. Uill, chuir sinn cr矛och air a鈥 bhargan. Chaidh teachdairean Medb dhachaigh a Chonnacht 脿s aonais an tairbh.
Bha Medb fiadhaich. Chuir i roimhpe an tarbh donn a thoirt air ais ge b鈥 oil le Daire. Chuir i arm ri ch猫ile. Fhuair i taic bho ghaisgich 脿 Mumhan, m貌r-roinn eile de dh鈥櫭坕rinn. Gheall Medb fearann, airgead 鈥 eadhon a nighean fh猫in 鈥 do dh鈥檉hir a bhiodh de貌nach sabaid 脿s a leth.
Th貌isich an t-arm air a shlighe a dh鈥橴laidh. Nochd bana-bhuidseach agus thug i rabhadh do Mhedb gun a dhol air adhart leis a鈥 chogadh. Ach cha do dh鈥櫭╥st Medb rithe.
An toiseach bha c霉isean a鈥 coimhead f脿bharach do dh鈥檃rm Chonnacht. Bha fir Uladh uile tinn. Bha, co-dhi霉, ach aon duine 鈥 Cuchulainn. Aig an 脿m bha Cuchulainn d矛reach seachd bliadhn鈥 deug a dh鈥檃ois. Agus bha aige ri Ulaidh a dh矛on leis fh猫in. Ach 鈥檚 e a bha gaisgeil. Mharbh e m貌ran saighdearan.
Mu dheireadh bha c霉mhnant ann eadar an d脿 thaobh. Dh鈥檃ontaich Cuchulainn sabaid na aonar an aghaidh gaisgeach sam bith 鈥 fhad 鈥檚 a dh鈥檉huiricheadh na saighdearan Connachtach far an robh iad. Fear 脿s d猫idh fear, latha 脿s d猫idh latha, rinn Cuchulainn a鈥 ch霉is air gach gaisgeach a chuireadh air a bheulaibh.
Ach latha a bha seo, c貌 nochd mu a choinneamh ach a bhr脿thair dalta, Ferdiad. Ch矛 sinn gu d猫 dh鈥櫭╥rich eatarra an ath-sheachdain. Agus ch矛 sinn carson a dh鈥檃inmich mi Sg脿thach agus an t-Eilean Sgitheanach aig toiseach na Litreach.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Sg脿thach: Sg脿thach (a legendary warrior queen based on Skye); Ultach: Ulsterman; farmadach: envious; treud: herd; ceann-feadhna: clan leader.
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach: Cha b鈥 ann an-d猫 no a bhon-d猫 a bha sin: lit. that wasn鈥檛 yesterday or the day before 鈥 ie it was a very long time ago.
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.