Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald.

Tha Iain Stephen Moireasdan agus Pàdraig MacAmhlaigh a' toirt beachd air a' phrògram, Salmond and Sturgeon: A Troubled Union, a chaidh a-mach air 鶹Լ Scotland agus air iPlayer a' BhBC a-raoir.

Tha banrigh ùr aig sluagh Māori Sealainn Nuaidh. Tha Janet NicDhòmhnaill, a thug iomadh bliadhna a' fuireach ann a Sealainn Nuadh, a' toirt sùil air na tha an cois a bhith taghadh monarc ùr.

'S e Calum MacIllEathain, cèiliche na seachdain. Thogadh Calum ann a teanamant aig Cowcaddens, làithean a tha prìseil na chuimhne. Às a sin, chaidh an teaghlach gu Ibrox - rud, mar a chluinneas sinn, a thug a bhuaidh fhèin air an sealladh 's an tuigse a bh' aige air an t-saoghal obrach a bh' air thoiseach air. Chuir e seachad a bheatha-obrach na thidsear ealain 's an uair sin os cionn agus an sàs ann an iomadh pròiseact chliùiteach anns na h-ealain agus fiù greiseag bheag sa Chuan a Tuath an cois obair na h-ola. Tha e an-diugh a' tàmh gu dòigheil ann a sgìre a shinnsearean an Ùige, Leòdhais.

21 days left to listen

57 minutes

Last on

Wed 11 Sep 2024 22:25

Broadcasts

  • Wed 11 Sep 2024 09:00
  • Wed 11 Sep 2024 22:25