Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald.

Tha an te-naidheachd Anna NicLeòid a' toirt sùil air eachdraidh-beatha Prìomhaire ùr na Frainge, Michel Barnier.

Tha sgeama a tha a' toirt saorsa do phrìosanaich nas tràithe na bha an dùil, a' tòiseachadh ann a Sasainn 's anns a' Chuimrigh an t-seachdain-sa. Ach tha iomagain air mòran nach bi an taic neo na goireasean ceart ri fhaighinn dhaibh. Tha Cathy a' bruidhinn ri dithis a bhiodh a' toirt taic do dh'fheadhainn a bha a' tighinn a-mach às a' phrìosan.

Choisinn Sue Lawrence à Dùn Dè farpais Masterchef ann an 1991. Bhon uair sin, tha i air iomadh leabhar còcaireachd is bèiceareachd a sgrìobhadh. Tha an leabhar ùr aice, New Scottish Baking, direach air nochdadh 's tha an còcaire, Dolag Monaghan air a bhith a' toirt sùil tron leabhar agus air feuchainn rud neo dhà às.

Tha dràma ùr ri fhaicinn air Netflix an-dràsta, a tha a' tarraing mòran aire sna meadhanan. Tha The Perfect Couple stèidhichte ann a Nantucket,
Massachusetts, far a bheil cuideigin air a mhurt ann an coimhearsnachd de theaghlaichean cofhurtail, math dheth. 'S e nòs gu math bitheanta a th' anns an seòrsa sgeulachd a tha seo, ged a b' ann air telebhisean neo ann a leabhraichean. Dè tha cho tarraingeach mu dheidhinn 's carson? Tha an sgrìobhaiche, Catriona Lexy Chaimbeul air a bhith ga choimhead.

20 days left to listen

57 minutes

Last on

Tue 10 Sep 2024 22:25

Broadcasts

  • Tue 10 Sep 2024 09:00
  • Tue 10 Sep 2024 22:25