le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald.
Tha Cathy a' còmhradh ri Aonghas Lambkin a tha air tilleadh à sgìre Ghaza far a robh e ag obair dha na Dùthchannan Aonaichte, an lùib iomairt a bha a' toirt taic dhaonnachdach sa sgìre. Tha e a' mìneachadh na duiligheadasan a bh' aca a' feuchainn ri cuideachadh, goireasan, biadh agus stuthan meidigeach fhaighinn gu daoine.
Chuala sinn bho chionn là neo dhà mu Lorraine McCall, a tha air a h-uile Graham ann an Alba a dhìreadh. Is iomadh turas a chuala sinn mu Munro Bagging, ach dè a th' ann an Graham? Tha Malcolm Charles Moireach, a tha na bhall de luchd-teasairginn nam beann, ag innse mu na diofar sheòrsaichean bheanntan a th' ann an Alba.
Tha Angela NicFhionghuin a' còmhradh ris an t-seinneadair Criosaidh Nic a' Phiocar air thoiseach air cuirm shònraichte dhi, a' comharrachadh gu bheil i a-nis 70, a tha Fèis Blas a' cur air adhart san Òb.
Agus cluinnear bho Phatsi NicChoinnich mar a tha Marseille, am baile as sine sa Fhraing, air cliù fhaighinn mar an à ite as fasanta airson là ithean-saora.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 12 Sep 2024 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 12 Sep 2024 22:25Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal