Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1307

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1307. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 4 Aug 2024 13:55

Clip

Litir 1307: 'Breun' ann an Ainmean-àite

Bha mi ann an Beinn nam Fadhla turas. Thuirt cuideigin rudeigin rium mu dheidhinn ‘Stinky Bay’ – camas air taobh an iar an eilein. Chuir sin iongnadh orm oir bha sinn a’ còmhradh ann an Gàidhlig. Tha e coltach gur e sin an t-ainm a thathar a’ cleachdadh a-nise anns an eilean – ann am Beurla agus Gàidhlig.

An latha a bha mise ann, cha robh fàileadh neo-àbhaisteach ann air an tràigh. Ach, aig amannan, bidh brùchdan feamainn ann. Nuair a tha an fheamainn a’ grodadh, bidh fàileadh ann.

Thug sin orm smaoineachadh mu ainmean-àite Gàidhlig. A bheil gin ann a tha a’ comharrachadh fàileadh no boladh? Uill, tha, agus tha iad uaireannan co-cheangailte ri feamainn.

Cumaibh sùil a-mach airson na h-eileamaid breun – B-R-E-U-N. Seo na tha am Faclair Beag ag ràdh. Breun: foetid, putrid, disgusting, filthy, nasty, stinking. Tha ìm breun a’ ciallachadh ‘rancid butter’. Tha breun-anail a’ ciallachadh ‘bad breath’. Agus tha an samhladh seo ann: cho breun ri saobhaidh an t-sionnaich ‘as foul-smelling as the fox’s den’. Cho breun ri saobhaidh an t-sionnaich.

Anns a’ Ghearasdan, tha camas mòr ann eadar beul a’ Chanàil Chailleannaich agus beul na h-aibhne. ’S e an t-ainm a th’ air Am Breun Chamas. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais a’ dearbhadh gur e an fheamainn a bhios a’ grodadh an sin as coireach ris an ainm. 

Ann an Eilean Dhiùra, tha dà àite air a’ chladach an iar air a bheil Breun-Phort mar ainm. Stinky harbour. Tha e inntinneach anns a h-uile eisimpleir sin gu bheil breun a’ tighinn ron ainmear. Breun-Phort seach Port Breun. 

Chithear sin cuideachd anns na h-ainmean-àite Allt na Breun-choille agus Cnoc na Breun-choille ann am Bràigh Chat. Cha chreid mi gu bheil coille nàdarrach sam bith ann an sin a-nise, ach feumaidh gun robh uaireigin. Tha an talamh fliuch agus feumaidh gun robh a’ choille fhèin fliuch le fàileadh de ghrodadh ann.

Chan ann a-mhàin ann an Diùra a tha an t-ainm Breun-Phort a’ nochdadh. Tha àite air a’ chladach faisg air Breacais anns an Eilean Sgitheanach, agus ’s e Breun-Phort a chanas muinntir an àite ris. A rèir Ainmean-Àite na h-Alba, a rinn rannsachadh air an ainm (nach eil air mapa sam bith), tha e a’ ciallachadh ‘putrid port, a smelly area of stale water’. Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil Brainport (B-R-A-I-N) air Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal a’ ciallachadh an aon rud.

Ann an Gleann Afraig, ann an Siorrachd Inbhir Nis, tha àite air taobh a deas Loch Beinn a’ Mheadhain air a bheil Breun-leitir. Faisg air làimh, tha Bealach na Breun-leitir. Bhithinn an dùil gu bheil Breun-leitir a’ ciallachadh ‘hillside that smells of decomposition’. Ge-tà, tha an t-Suirbhidh Òrdanais a’ cumail a-mach gu bheil breun an sin a’ ciallachadh ‘coarse’. Chan eil fhios a’m dè tha ceart, ach tha Sròn na Breun-leitir ann an Loch Abar faisg air Gleann Cuaich. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh gu bheil sin a’ ciallachadh ‘snout of the stinking or corrupt hillside’. Tha mi cinnteach, air latha grianach, gu bheil an t-àite brèagha gu leòr!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Beinn nam Fadhla: Benbecula; brùchdan feamainn: piles of seaweed washed up in storms; a’ grodadh: rotting; boladh: stink; gin: any; moladh: praise, recommendation; samhladh: simile; Eilean Dhiùra: the Isle of Jura; Breacais: Breakish; Loch Fìne: Loch Fyne; Gleann Afraig: Glen Affric; Gleann Cuaich: Glen Quoich.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Thuirt cuideigin rudeigin rium: somebody said something to me; camas air taobh an iar an eilein: a bay on the western side of the island; chuir sin iongnadh orm oir bha sinn a’ còmhradh ann an Gàidhlig: that surprised me because we were conversing in Gaelic; cha robh fàileadh neo-àbhaisteach ann air an tràigh: there wasn’t an unusual smell on the beach; cumaibh sùil a-mach: keep an eye out; anns a’ Ghearasdan: in Fort William; tha camas mòr ann eadar beul a’ Chanàil Chailleannaich agus beul na h-aibhne: there is a big bay between the mouth of the Caledonian Canal and the mouth of the river; cha chreid mi gu bheil coille nàdarrach sam bith ann: I don’t think there is any natural wood[land] there; ach feumaidh gun robh uaireigin: but there must have been at one time; bhithinn an dùil: I would expect.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Bràigh Chat: this is one of the traditional Gaelic land-divisions of the County of Sutherland (Siorrachd Chataibh) and I am not aware of any English equivalent. In the Gaelic mind, Sutherland is divided as follows going from west to east via the north: Asainte (Assynt); Eadar Dhà Chaolas (Eddrachillis), between the Caolas Cumhang (Kylesku) and Caolas Dhiùranais (Kyle of Durness); Dùthaich MhicAoidh (the Mackay Country) between the Kyle of Durness and Strath Halladale. These all have English equivalents and note that some people consider Dùthaich MhicAoidh to include all the country between Assynt and the Caithness border. Cataibh (which, strictly speaking, is only East Sutherland) is divided into three further areas – Dìthreabh Chat ‘wilderness of cats’ (the barely inhabited country of central Sutherland), Bràigh Chat ‘upland of cats’, the country that rises inland from the coast, such as in the Strath of Kildonan and Strath Brora, and Machair Chat ‘the flat land of cats’ which is the flat coastal strip on the east of the county. This is where Morair Chat ‘lord of cats’ – the Duke of Sutherland – has his castle.

Samhladh na Litreach

Samhladh na Litreach: cho breun ri saobhaidh an t-sionnaich: as foul-smelling as the fox’s den.

Broadcast

  • Sun 4 Aug 2024 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast