Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1306
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1306. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 28 Jul 2024
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1002
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1306
Duration: 05:00
Litir 1306: Caisteal a' Bhreabadair (4)
Bha Iain MacNèill, mac a’ bhreabadair, ann an Lunnainn. Bha e am measg sheann mharaichean. Dh’inns fear dhiubh do chà ch mar a mharbh e spùinneadair ainmeil agus a thriùir mhac. B’ iad na spùinneadairean a bu chunnartaiche anns na h-Eileanan an Iar. Bha fios aig Iain, a bha a-nise na chaiptean air soitheach-mara, gun robh am fear eile a’ bruidhinn air athair agus a bhrà ithrean. Bha Iain air gealltainn gun dèanadh e dìoghaltas air an duine a mharbh iad ann an Èirisgeigh nuair a bha e òg.Â
Chaidh Iain a-null a bhruidhinn ris an duine. Thug e taing dha airson a bhith cho treun. Thug am fear eile cuireadh do dh’Iain biadh a ghabhail cuide ris aig an taigh aige an ath latha. Thuirt e le moit gun robh fuil a’ bhreabadair fhathast air a chlaidheamh. Cha do thuig e gum b’ e Iain MacNèill am mac a b’ òige aig a’ bhreabadair. Bha iomadh bliadhna air a dhol seachad on uair sin.
An ath latha nochd Iain aig taigh an fhir eile. Bha biadh is deoch deiseil. Ach thuirt Iain nach gabhadh e cà il ri ithe no òl gus am fac’ e an claidheamh a chleachd am fear eile airson an spùinneadair a mharbhadh.Â
Thug am bodach Iain a-steach gu seòmar eile. Dh’fhosgail e preas agus thug e an claidheamh a-mach. Bha fuil a’ bhreabadair fhathast air an lann. Thà inig e a-steach air Iain gum faodadh e an claidheamh a chleachdadh airson an duine a mharbhadh. Ach dh’atharraich e a bheachd. Thug e dòrn dha na chluais agus thuit am bodach marbh. B’ e sin an dìoghaltas a bha mac a’ bhreabadair air gealltainn.
Ach cha b’ urrainn dha fuireach ann an Lunnainn tuilleadh. B’ fheudar dha teicheadh. Dh’fhà g e an soitheach aige, agus a carago, ann an Lunnainn agus chaidh e am falach ann an Uibhist. Bha e air a bhith air falbh on taigh cho fada ’s gun robh e an dùil nach biodh duine ga aithneachadh.
Agus bha sin fìor. Nuair a rà inig e taigh a mhà thar, bha seann bhoireannach na suidhe a-muigh. ’S e latha brèagha samhraidh a bh’ ann. Bha Iain an dùil gum b’ e sin a mhà thair – ged nach robh e ga h-aithneachadh gu furasta.
Cha robh ise ga aithneachadh-san idir. Nuair a thà inig e faisg air an taigh, thuirt i ris, ‘An e seòladair a th’ annad? An do thachair thu riamh ris a’ ghille agam – Iain MacNèill?’
Chaidh Iain a-null agus thug e pòg do a mhà thair. Bha uiread de dh’iongnadh oirre ’s nach robh comas labhairt aice airson greis.Â
Chan eil fhios agam an do mhìnich Iain do a mhà thair mar a rinn e dìoghaltas às leth athar ’s a bhrà ithrean. Saoilidh mi gun do mhìnich oir nuair a dh’fhà g e an taigh bliadhnaichean roimhe, thuirt e gur e sin a bha fa-near dha.
A rèir an sgeòil, mar a dh’aithris an Codaidh e ann an ‘Tales from Barra’, dh’fhuirich Iain ann an taigh a mhà thar ann an Uibhist airson còrr is dà bhliadhna. Nuair a bha e dhen bheachd gun robh e sà bhailte dha, fhuair e obair mar mharaiche a-mach à Liverpool. Chan eil fhios agam an do ghabh e ainm ùr air fhèin, ach thathar ag rà dh gu bheil a shliochd fhathast a’ fuireach anns a’ phort-mhara sin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Iain MacNèill: John MacNeil; soitheach-mara: maritime vessel; treun: brave; cuireadh: invitation; preas: cupboard.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: am measg sheann mharaichean: among old mariners; dh’inns fear dhiubh do chà ch: one of them told the others; mar a mharbh e spùinneadair ainmeil agus a thriùir mhac: how he killed a famous pirate and his three sons; b’ iad na spùinneadairean a bu chunnartaiche anns na h-Eileanan an Iar: they were the most dangerous pirates in the Western Isles; gun robh am fear eile a’ bruidhinn air athair agus a bhrà ithrean: that the other man was speaking about his father and brothers; gun dèanadh e dìoghaltas: that he would get revenge; thuirt e le moit gun robh fuil a’ bhreabadair fhathast air a chlaidheamh: he said with pride that the weaver’s blood was still on his sword; am mac a b’ òige: the youngest son; thug e dòrn dha na chluais agus thuit am bodach marbh: he punched him in the ear and the old man fell dead; b’ e sin an dìoghaltas a bha mac a’ bhreabadair air gealltainn: that was the revenge that the son of the weaver had promised; cha b’ urrainn dha fuireach ann an Lunnainn tuilleadh: he couldn’t stay any longer in London; cha robh ise ga aithneachadh-san idir: she wasn’t recognising him at all; an do thachair thu riamh ris a’ ghille agam?: did you ever meet my son?; bha uiread de dh’iongnadh oirre ’s nach robh comas labhairt aice airson greis: she was so surprised that she couldn’t speak for a while; thuirt e gur e sin a bha fa-near dha: he said that that was his intention; an do ghabh e ainm ùr air fhèin: if he took a new name; gu bheil a shliochd fhathast a’ fuireach anns a’ phort-mhara sin: that his descendants still live in that maritime port.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chaidh Iain a-null a bhruidhinn ris an duine: John went over to speak to the man. A-null (dialectally a-nunn) is an adverb that we use when expressing movement away from the speaker. It does not express a static state and should be used with a verb of motion. Dh’fhalbh i a-null a Chanada ‘she went over to Canada’. We express movement towards the speaker with a-nall e.g. thà inig iad a-nall a dh’Alba ‘they came over to Scotland’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: thuirt Iain nach gabhadh e cà il ri ithe no òl: John said he wouldn’t take anything to eat or drink.
Broadcast
- Sun 28 Jul 2024 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.