Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1308
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1308. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 11 Aug 2024
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1004
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1308
Duration: 05:00
Litir 1308: Clach Sgà in (1)
Dè a’ Ghà idhlig a th’ air The Stone of Destiny? Tha mi cinnteach gun tuig sibh dè tha mi a’ ciallachadh. A’ chlach air an robh rìghrean – Albannach, Sasannach agus Breatannach – air an crùnadh thar nan linntean. Tha i a-nise ann an Taigh-tasgaidh Pheairt.
Tha ceithir diofar ainmean air a’ chloich, a rèir an Fhaclair Bhig. Lia Fà il – ainm à rsaidh a tha cuideachd air clach ann an Èirinn. Clach-chrùnaidh na h-Alba ‘the coronation stone of Scotland’. Clach na Cinneamhain ‘the stone of destiny’. Agus Clach Sgà in ‘stone of Scone’. Tha i co-cheangailte ri Sgà in, faisg air Peairt, oir ʼs ann an sin a bhite a’ crùnadh rìghrean na h-Alba anns an t-seann aimsir.
Tha mi air a’ Chlach fhaicinn dà thuras nam bheatha. Tha bliadhnaichean mòra agus astar fada eatarra. An toiseach, chunnaic mi i ann an Abaid Westminster ann an Lunnainn. Bha i leth fhalaichte fo chathair-chrùnaidh Bhreatainn. Bha sin anns na seasgadan dhen linn a dh’fhalbh. Bha mi nam ghille beag.
An dà rna turas a chunnaic mi i, ʼs ann am-bliadhna a bha e. Bha mi ann an Siorrachd Pheairt agus chaidh mi a bhaile Pheairt a dh’aona-ghnothach airson a’ chlach fhaicinn. Rinneadh obair leasachaidh mhòr air an taigh-tasgaidh. Dh’fhosgail e o chionn beagan mhìosan. Tha an togalach gu math spaideil. Agus ann am meadhan an taigh-tasgaidh, tha seòmar sònraichte anns a bheil a’ Chlach. Tha i ann an suidheachadh tèarainte.
Feumar tiogaid fhaighinn airson a faicinn, agus leigidh iad le daoine dhol a-steach dìreach airson deich mionaidean. Tha iad a’ sealltainn bhidio agus a’ dèanamh aithris air crùnadh nan seann rìghrean ann an Sgà in agus beagan mu eachdraidh na cloiche.Â
Tha e iongantach cho cudromach ʼs a tha ìomhaighean do shluagh, nach eil? Chan eil anns a’ chloich ach pìos de chlach-ghainmhich nach eil uabhasach dreachmhor. Ach ʼs e na tha i a’ riochdachadh a tha ga dèanamh cho luachmhor. Nà iseanachas. Dìleab. Fèin-aithne.
Bha a’ chlach air a goid bho Sgà in le Eideard I, Rìgh Shasainn, ann an dà cheud deug, naochad ʼs a sia (1296). Bha Eideard cumhachdach. Bha e na nà mhaid mhòr do dh’Alba. Bha a’ chlach air a toirt a dh’Abaid Westminster. Mar a thachair le rìghrean na h-Alba roimhe, bha rìghrean Shasainn air an crùnadh oirre. Bha i ann an Sasainn airson seachd ceud bliadhna mus robh i air a gluasad air ais a dh’Alba, an toiseach a Chaisteal Dhùn Èideann.Â
Cha b’ e sin a’ chiad turas a dh’aontaich na Sasannaich a’ chlach a thilleadh a dh’Alba. Ann an còrdadh co-cheangailte ri Cùmhnant Dhùn Èideann-Northampton, a thug aithne do dh’Alba mar rìoghachd neo-eisimeileach, dh’aontaich Rìgh Eideard III a’ chlach a thoirt air ais. Bha sin ann an trì cheud deug, fichead ʼs a h-ochd (1328).
Carson nach robh a’ chlach air a tilleadh an uair sin, ma-thà ? A chionn ʼs gun do chuir grà isg ann an Lunnainn stad oirre. Bha Eideard lag mar Rìgh. Bha gu leòr ann an Sasainn mì-thoilichte mun chùmhnant. Agus dh’fhuirich a’ chlach far an robh i.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Peairt: Perth; Sgà in: Scone; spaideil: of fine, refined appearance; tèarainte: secure; air a goid: stolen; nà mhaid: enemy; grà isg: mob.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: A’ chlach air an robh rìghrean – Albannach, Sasannach agus Breatannach – air an crùnadh thar nan linntean: the stone on which kings – Scottish, English and British – were crowned over the centuries; tha bliadhnaichean mòra agus astar fada eatarra: there are many years and a big distance between them; leth fhalaichte fo chathair-chrùnaidh Bhreatainn: half-hidden under the British coronation chair; anns na seasgadan dhen linn a dh’fhalbh: in the 1960s; ʼs ann am-bliadhna a bha e: it was this year; rinneadh obair leasachaidh mhòr air an taigh-tasgaidh: the museum underwent major development; feumar tiogaid fhaighinn airson a faicinn: a ticket must be obtained to see it; leigidh iad le daoine dhol a-steach dìreach airson deich mionaidean: they let people go in for just ten minutes; tha e iongantach cho cudromach ʼs a tha ìomhaighean do shluagh, nach eil?: it’s amazing how important icons are to a people, isn’t it?; chan eil anns a’ chloich ach pìos de chlach-ghainmhich: the stone is just a piece of sandstone; nach eil uabhasach dreachmhor: that isn’t particularly distinguished in appearance; ann an Sasainn airson seachd ceud bliadhna: in England for seven hundred years; mus robh i air a gluasad air ais a dh’Alba: before it was moved back to Scotland; ann an còrdadh co-cheangailte ri Cùmhnant Dhùn Èideann-Northampton: in an agreement connected to the Treaty of Edinburgh-Northampton; a thug aithne do dh’Alba mar rìoghachd neo-eisimeileach: that recognised Scotland as an independent kingdom.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: dh’fhuirich a’ chlach far an robh i: the stone remained where it was. Remember if you look at a dictionary and find ³¦Ã ¾±³Ù for ‘where’, that this will only suffice for a question. Cà it a bheil thu? ‘where are you?’ Far is used in some other constructions as in bha Anndra far am biodh dùil ‘Andrew was where he would be expected’; fan far a bheil thu ‘stay where you are’; far am bi an t-iasg, ʼs ann a bhios na h-eòin ‘where the fish are, so are the birds’ (proverb).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: chaidh mi a bhaile Pheairt a dh’aona-ghnothach airson a’ chlach fhaicinn: I went to the city of Perth deliberately to see the stone.
Broadcast
- Sun 11 Aug 2024 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.