Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1305
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1305. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 21 Jul 2024
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1001
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1305
Duration: 05:00
Litir 1305: Caisteal a' Bhreabadair (3)
Bha mi ag innse dhuibh mun bhreabadair agus a theaghlach a bha a’ fuireach air an Stac Àrd, deas air Èirisgeigh. Cha do mhair beò ach bean a’ bhreabadair agus an gille as òige ace. ’S e Iain an t-ainm a bh’ air – Iain MacNèill.
Bha iad a’ fuireach còmhla ri seanair Iain ann an Uibhist a Deas. Bha Iain toilichte air a’ chroit. Bhiodh e ag obair leis na caoraich, crodh agus eich. Ach bha aon rud a’ cur dragh air. A h-uile latha bhiodh a mhà thair a’ gul.
Dhiùlt i innse do a mac carson a bha i brònach. Nuair a rà inig esan aois ceithir-deug, dh’inns i dha mu mar a chaidh athair agus a bhrà ithrean a chur gu bàs ann an Èirisgeigh. Nuair a ghabh e sin a-steach, thuirt Iain, ‘Tha mi a’ falbh gu muir agus cha stad mi gus an lorg mi an duine a mharbh m’ athair ’s mo bhrà ithrean.’ Chuir sin a mhà thair troimhe-chèile buileach. Ach bha Iain deimhinne, agus dh’fhalbh e.
An toiseach, choisich e a Loch nam Madadh, thairis air dà fhadhail. Ghabh e bà t’-aiseig gu ruige Dùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach. Mu dheireadh, rà inig e Grianaig, air Chluaidh. Bha tòrr shoithichean anns a’ chala ach cha do bhruidhinn duine ris. Cha robh mòran airgid aige ach bha gu leòr airson cuid na h-oidhche ann an taigh-loidsidh.Â
An ath latha, thill e don chala. An turas seo, chunnaic sgiobair aig tè de na soithichean e. Bha e air Iain fhaicinn an latha roimhe agus shaoil e gun robh an gille a’ sireadh obair air bòrd soithich.
‘Do you want to go to sea?’ thuirt an caiptean ris ann am Beurla. Cha do fhreagair Iain e oir cha robh Beurla aige. Bhruidhinn an caiptean ris ann an Gà idhlig an uair sin, ‘A bheil thu ag iarraidh falbh gu muir?’
‘Tha,’ fhreagair Iain agus chaidh cuireadh a thoirt dha dhol air bòrd soitheach a’ chaiptein. Bhuineadh an caiptean do dh’Eilean Arainn agus bha Gà idhlig gu leòr aige. Gu h-iongantach, ’s e MacNèill a bh’ air mar ainm-cinnidh. ‘Dè an t-ainm a th’ ort?’ dh’fhaighnich e.
‘Iain MacNèill,’ fhreagair am fear eile.
‘Nach iongantach sin,’ thuirt an caiptean. ‘’S e MacNèill a th’ ormsa cuideachd. Agus cò às a tha thu?’
‘Bha m’ athair à Barraigh,’ ars Iain, ‘ach thogadh mise air Eileanan nan Stac, deas air Èirisgeigh.’ Rug an dithis air là imh air a chèile. Bhon latha sin a-mach, bha iad nan deagh charaidean.
Air a’ chiad turas-mhara, chaidh Iain seachad air Cape Horn gu ruige Vancouver. Dh’fhàs e eòlach air dòighean na mara gu luath. Nuair a thill e, chaidh e gu sgoil airson sgilean maraiche ionnsachadh. Fhuair e tron deuchainn. An ath thuras bha e ag obair mar dà rna meit. Mu dheireadh, an dèidh bhliadhnaichean, leig an Caiptean MacNèill dheth a dhreuchd. Ghabh Iain comannd air an t-soitheach.
Cha do dhìochuimhnich Iain mar a gheall e dha fhèin gum faigheadh e dìoghaltas airson bàs athar agus a bhrà ithrean. Latha a bha seo bha e ann an Lunnainn. Bha e am measg sheann mharaichean ann an club. Dh’èirich fear agus dh’inns e do chà ch mar a mharbh e spùinneadair agus a thriùir mhac air taobh an iar na h-Alba. Dè rinn Iain MacNèill? Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Èirisgeigh: Eriskay; dhiùlt i: she refused; brònach: sad; Loch nam Madadh: Lochmaddy; fadhail: sea-ford; Dùn Bheagain: Dunvegan; cuireadh: invitation; Eilean Arainn: The Isle of Arran; Lunnainn: London.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Cha do mhair beò ach bean a’ bhreabadair agus an gille as òige ace: the only ones that survived were the weaver’s wife and her youngest son; a’ fuireach còmhla ri seanair Iain ann an Uibhist a Deas: living with John’s grandfather in South Uist; bha aon rud a’ cur dragh air: one thing was upsetting him; a h-uile latha bhiodh a mhà thair a’ gul: every day his mother would be crying, weeping; mar a chaidh athair agus a bhrà ithrean a chur gu bà s: how his father and brothers were killed; cha stad mi gus an lorg mi an duine a mharbh X: I won’t stop until I find the man who killed X; chuir sin a mhà thair troimhe-chèile buileach: that made his mother really [even more] upset; rà inig e Grianaig, air Chluaidh: he reached Greenock on the Clyde; bha tòrr shoithichean anns a’ chala: there were many vessels in the harbour; bha e air Iain fhaicinn an latha roimhe: he had seen John the previous day; shaoil e gun robh an gille a’ sireadh obair air bòrd soithich: he thought the lad was looking for work on board a vessel; ’s e MacNèill a bh’ air mar ainm-cinnidh: his surname was also MacNeil; nach iongantach sin: isn’t that amazing; rug an dithis air là imh air a chèile: the two of them shook hands; chaidh e gu sgoil airson sgilean maraiche ionnsachadh: he went to school [an education facility] to learn the skills of a mariner; cha do dhìochuimhnich Iain mar a gheall e dha fhèin gum faigheadh e dìoghaltas: John didn’t forget how he promised himself he would get revenge.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bhon latha sin a-mach, bha iad nan deagh charaidean: since that day, they were good friends. This literally means ‘they were in their good friends’. The dative case can be used in this way to express identity. Bha e na dheagh charaid dhomh ‘he was [‘in’] a good friend to me’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: airson cuid na h-oidhche ann an taigh-loidsidh: for a night’s accommodation in a lodging house. Cuid na h-oidhche can also mean a free night’s lodging given to a traveller.
Broadcast
- Sun 21 Jul 2024 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.