Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1299

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1299. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 9 Jun 2024 13:55

Clip

Litir 1299: An Clò Mòr (1)

An latha eile, thàinig mi tarsainn air seann alt anns an iris ‘An Gàidheal’. Chaidh fhoillseachadh as t-Sultain naoi ceud deug, trithead ʼs a trì (1933). B’ e an t-ùghdar Ruairidh Caimbeul à Mionaird air cladach Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal. Nochd an t-alt an toiseach mar aiste ann am farpais aig Mòd Dhùn Omhain trì bliadhna roimhe sin.

B’ e an cuspair ‘An Clò Mòr’. Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gach pàirt dhen phròiseas eadar smeuradh no smiùradh nan caorach agus luadhadh a’ chlò.

Tha Ruairidh a’ sgrìobhadh seo: ‘Chan eil a leithid de rud agus smiùradh air a chleachdadh an àite sam bith an-diugh, a chionn, le Achd lagha, feumaidh caoraich a bhith air an tumadh ann an stuth-glanaidh dà uair sa bhliadhna.’ Ach tha e ag innse dhuinn mar a bhiodh gach teaghlach anns an t-seann aimsir a’ comharrachadh oidhche shònraichte anns a’ gheamhradh airson smiùradh nan caorach.

Tha Ruairidh a’ leantainn: ‘Bhiodh prais mhòr, ris an cainte a’ phrais-thearra, air a cumail, gu daonnan, anns gach dachaigh, agus nuair nach biodh feum dhith, bhiodh i air a cumail air a beul fòidhpe an cùil air choreigin mun taigh. Dh’fheumadh an teàrr a bhith aig tigheadachd shònraichte agus b’ e ola èisg, mar bu trice, a bha air a cleachdadh gu a tanachadh.’ 

Tha e laghach a bhith a’ leughadh Gàidhlig Loch Fìne – dualchainnt nach cluinnear ach ainneamh an-diugh. Agus tha Ruairidh ag innse dhuinn, ged a bha an obair-smiùraidh cruaidh, gum b’ e sin deagh àm airson sgeulachdan innse.

B’ e an ath ìre dhen phròiseas an rùsgadh. B’ e latha faing-an-rùsgaidh latha glè mhòr anns a’ choimhearsnachd. Anns an latha an-diugh, bidh sinn gu tric ag ràdh ‘meadhan-latha’ airson noon. Ach tha Ruairidh Caimbeul a’ cleachdadh seann abairt – ³Ù°ùà³Ù³ó-²Ôò¾±²Ô. Seo na th’ aige anns an alt aige: ‘bhiodh na caoraich gu cumanta anns an fhaing aig ³Ù°ùà³Ù³ó-²Ôò¾±²Ô agus mu leth-uair an uaireadair an dèidh sin, bhiodh a chaoraich fhèin ceangailte aig gach fear air an rèidhlean ghorm ri taobh na fainge ...

Tha Ruairidh a’ dèanamh aithris air na fuaimean a bhiodh ann. An toiseach fuaim nan deamhaisean. A bheil sibh eòlach air an fhacal sin? Fuaim nan deamhaisean – the sound of the hand shears. Tha e cuideachd ag innse dhuinn na bhiodh rùsgadairean ag èigheachd air a chèile. Mar eisimpleir, ‘Thoir dhomh spearrach!’ Give me a fetter. Thoir dhomh spearrach.

‘’S e caora fhuadain a tha seo.’ This sheep is a straggler. ’S e caora fhuadain a tha seo. Bhiodh na croitearan ag aithneachadh nan caorach, agus cò bu leis iad, air na comharraidhean-cluaise – ear marks. Seo cuid de na comharraidhean air an robh Ruairidh eòlach – beum, bàrr na cluaise, clisinn, toll agus sùbhlag. 

Tha na faclan air am mìneachadh ann am faclair Dwelly: Beum – pìos leth-chearcallach air a ghearradh à taobh fodha na cluaise; bàrr na cluaise – am pìos as fhaide a-mach dhen chluais air a ghearradh dheth; clisinn – tha mi an dùil gu bheil seo co-ionann ri slisinn – sliseag air a ghearradh de thaobh na cluaise; toll – toll cruinn ann am meadhan na cluaise; agus mu dheireadh, sùbhlag – cumadh-V air a ghearradh à bàrr na cluaise. Bidh tuilleadh agam air caoraich, clòimh agus an clò mòr anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: clò: tweed; Achd lagha: an Act of Law; tigheadachd: thickness, viscosity (often tigheachd); sliseag: slice; clòimh: wool.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Chaidh fhoillseachadh as t-Sultain: it was published in September; b’ e an t-ùghdar X à Mionaird air cladach Loch Fìne ann an Earra-Ghàidheal: the author was X from Minard on the shore of Loch Fyne in Argyll; nochd an t-alt an toiseach mar aiste ann am farpais aig Mòd Dhùn Omhain trì bliadhna roimhe sin: the article first appeared as an essay in a competition at the Dunoon Mod three years before that; eadar smeuradh no smiùradh nan caorach agus luadhadh a’ chlò: between the smearing of the sheep and the waulking of the tweed; feumaidh caoraich a bhith air an tumadh ann an stuth-glanaidh dà uair sa bhliadhna: sheep must be dipped in cleansing material twice in the year; oidhche shònraichte anns a’ gheamhradh: a special night in the winter; bhiodh i air a cumail air a beul fòidhpe an cùil air choreigin mun taigh: it would be kept upside-down in some nook or other around the house; b’ e ola èisg, mar bu trice, a bha air a cleachdadh gu a tanachadh: it was fish oil, usually, that was used to thin it; dualchainnt nach cluinnear ach ainneamh an-diugh: a dialect that is not often heard today; gum b’ e sin deagh àm airson sgeulachdan innse: that that was a good time for telling stories; bhiodh na caoraich gu cumanta anns an fhaing aig ³Ù°ùà³Ù³ó-²Ôò¾±²Ô: the sheep would often be in the fank at noon; mu leth-uair an uaireadair an dèidh sin, bhiodh a chaoraich fhèin ceangailte aig gach fear air an rèidhlean ghorm ri taobh na fainge: about half an hour after that, each man would have his sheep on the sward next to the fank; ag aithneachadh nan caorach, agus cò bu leis iad: recognising the sheep and to whom they belonged; pìos leth-chearcallach air a ghearradh à taobh fodha na cluaise: a semi-circular cut from the underside of the ear.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Bhiodh prais mhòr, ris an cainte a’ phrais-thearra, air a cumail, gu daonnan, anns gach dachaigh: a large pot, which was called the tar-pot, was kept, always, in each house. The genitive form of teàrr ‘tar’ is tearra (without an accent). However, it is lenited in the compound noun prais-thearra because prais is a feminine noun and tearra is operating as an adjective c.f. a’ phrais mhòr ‘the big pot’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: thàinig mi tarsainn air seann alt: I came across an old article.

Broadcast

  • Sun 9 Jun 2024 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast