Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1300
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1300. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 16 Jun 2024
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 996
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1300
Duration: 05:00
Litir 1300: An Clò Mòr (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu alt Gà idhlig anns an iris ‘An Gà idheal’. Bha e le Ruairidh Caimbeul à Mionaird air cladach Loch Fìne. B’ e an cuspair ‘An Clò Mòr’. Tha an t-ùghdar a’ mìneachadh gach pà irt dhen phròiseas airson clò a dhèanamh. An t-seachdain sa chaidh, thug sinn sùil air smeuradh agus rùsgadh nan caorach.
’S e an t-ath cheum anns a’ phròiseas – nigheadh na clòimhe. A rèir Ruairidh, bhiodh na boireannaich ‘cas-rùisgte a’ bogadh na clòimhe le ’n casan ann an tubaichean mòra ri taobh na h-aibhne’.Â
Tha e inntinneach na chanas e mu na bhiodh a’ chlann a’ dèanamh nuair a bha an nigheadh a’ dol air adhart. Bhiodh an fheadhainn òga ‘ri mà garan san fheur ghorm mun cuairt’. A bheil an abairt sin agaibh? Tha a’ chlann bheag ri mà garan. The young children are crawling on all fours.
Agus na gillean na bu shine? Dè bhiodh iadsan a’ dèanamh fhad ’s a bha am mà thraichean a’ nigheadh na clòimhe? Uill, bhiodh iad a’ dèanamh leum-loga anns an abhainn. A bheil an abairt sin agaibh? Tha e a’ ciallachadh ‘the lads were skimming stones on the water' – bha iad a’ dèanamh leum-loga.
Nuair a bha a’ chlòimh glan, bha i air a tiormachadh. An uair sin, bha i air a cur ann am pocannan anns an t-sabhal gus an tigeadh à m a’ chalanais anns a’ gheamhradh. Tha an calanas a’ ciallachadh ‘cìreadh agus snìomh na clòimhe’. Bha sin a’ tachairt an tac an teine anns a’ gheamhradh nuair nach robh daoine ag obair a-muigh.
An uair sin, bhiodh an dathadh ann. Tha Ruairidh Caimbeul ag rà dh ‘dath na clòimhe’ seach ‘dathadh na clòimhe’. The dyeing of the wool. Tha e ag rà dh gu bheil e duilich ‘aideachadh nach eil boireannaich an latha seo idir cho ealanta ann an obrachadh nan dathan spèisealta a chunnaic sinn nuair a bha sinn òg’. Bha seo anns na tritheadan, cha mhòr ceud bliadhna air ais. Feumaidh gun robh Ruairidh dhen bheachd gur e obair nam ban a bh’ ann an dathadh.
Nuair a bha Ruairidh beò, bha na Gà idheil mu thrà th gu ìre mhòr air a dhol gu cleachdadh ‘dathan bùtha’ leis gun robh iad cho ‘goireasach’. Ach tha e ag innse dhuinn gun robh cùisean eadar-dhealaichte thairis air na ceudan roimhe sin. Bha mòran lusan dùthchasach air an cur gu feum. Fhuair Ruairidh eòlas air cuid dhiubh na òige – agus seo iad.
Bha na seann daoine a’ cleachdadh còig lusan airson clòimh a dhathadh dubh. B’ iad sin seileastair, feà rna, grainnseag, preas nan à irneag agus copag. A bheil sibh eòlach air na lusan sin? Seileastair – flag iris; feà rna – alder; grainnseag – bearberry; preas nan à irneag – blackthorn; agus copag – docken. Gu mì-fhortanach, chan eil Ruairidh ag innse dhuinn dè am pà irt de na lusan a bhathar a’ cleachdadh.
Bha dà lus air an cur gu feum airson clòimh a dhathadh gorm. B’ iad sin an droman ‘elder’ agus braoileagan ‘blaeberries’. Tha e a’ toirt trì ainmean Gà idhlig eile airson blaeberries – dearc an fhraoich, curra-mhiag agus lus nan dearc. Airson curra-mhiag, bidh cuid ag rà dh caora-mhitheag. Chuala mi sin ann an Eilean Leòdhais. Sin, ma-thà , dubh agus gorm. Bheir sinn sùil air dathan eile an-ath-sheachdain.Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: nigheadh na clòimhe: the washing of the wool; cas-rùisgte: barefoot; na òige: in his youth.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: à Mionaird air cladach Loch Fìne: from Minard on the shore of Loch Fyne; tha an t-ùghdar a’ mìneachadh gach pà irt dhen phròiseas airson clò a dhèanamh: the author explains each part of the process for making tweed; smeuradh agus rùsgadh nan caorach: the smearing and shearing of the sheep; a’ bogadh na clòimhe le ’n casan ann an tubaichean mòra ri taobh na h-aibhne: immersing the wool with their feet in large tubs beside the river; nuair a bha an nigheadh a’ dol air adhart: when the washing was happening; na gillean na bu shine: the older lads; fhad ’s a bha am mà thraichean a’ nigheadh na clòimhe: while their mothers were washing the wool; bha i air a tiormachadh: it was dried; ann am pocannan anns an t-sabhal: in bags in the barn; cìreadh agus snìomh na clòimhe: the carding and spinning of the wool; an tac an teine: next to the fire; na tritheadan, cha mhòr ceud bliadhna air ais: the thirties, almost a hundred years ago; bha na Gà idheil mu thrà th gu ìre mhòr air a dhol gu cleachdadh ‘dathan bùtha’: the Gaels had already largely gone over to using ‘shop dyes’; leis gun robh iad cho ‘goireasach’: because they were so convenient; gun robh cùisean eadar-dhealaichte thairis air na ceudan roimhe sin: that matters were different over the centuries before that; dè am pà irt de na lusan a bhathar a’ cleachdadh airson dathadh: which part of the plants were being used for dyeing.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bhiodh iad a’ dèanamh leum-loga anns an abhainn: they would be skimming stones in the river. If you know some fluent native speakers, why not ask them what their Gaelic is for ‘skimming stones in water’. The Faclair Beag (www.faclair.com) has the following for ‘stone skimming’: spitheag, sniog-sneog, spoth an t-sìl, struidearachd, leac an rìgh, leacan teithe teintean. For a skimming stone, it has: buill-leog agus ceum-neog. However, there is no entry in the faclair, or in Dwelly, for leum-loga.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha a’ chlann bheag ri mà garan: the young children are crawling on all fours.
Broadcast
- Sun 16 Jun 2024 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.