Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1290

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1290. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 7 Apr 2024 13:55

Clip

Litir 1290: Ainmean-àite Ghlaschu

Dè tha an t-ainm-àite Glaschu – Glasgow – a’ ciallachadh? Bidh sinn a’ cluinntinn aig feadhainn gu bheil e a’ ciallachadh ‘dear green place’. Ach tha an fhianais ag innse dhuinn nach eil sin ceart. Tha e nas coltaiche gu bheil e a’ tighinn bho dhà eileamaid anns an t-seann chànan aig Breatannaich a’ Chinn a Tuath – glas agus cau. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘green hollow’. Ach càit a bheil an lag glas no lag uaine? Tha, faisg air Cathair-eaglais Ghlaschu far a bheil allt a’ sruthadh tro lag nàdarrach.

Fhuair mi am fios seo bho leabhar luachmhor a chaidh fhoillseachadh an-uiridh.Ìý ʼS e an t-ainm a th’ air Glasgow’s Gaelic Place-Names. Tha e air a sgrìobhadh le Alasdair MacIlleBhàin. Tha dealbh anns an leabhar a tha a’ sealltainn an luig a thug ainm don bhaile.

Cha do mhair seann chànan nam Breatannach. Thàinig a’ Ghàidhlig agus Albais na àite. Agus tha iad fhathast air am bruidhinn an-diugh. Tha eachdraidh fhada aig a’ Ghàidhlig anns a’ bhaile as motha ann an Alba.

Nochd ainmean-àite Gàidhlig anns na seann chlàraidhean is làmh-sgrìobhainnean cho fada air ais ris an dàrna linn deug. Mar eisimpleir – Carmunnock. Tha sin a’ tighinn bhon t-Seann Bhreatannais no bhon Ghàidhlig. Mas ann bhon Ghàidhlig a tha e, math dh’fhaodte gur e Càrr Manach no Corr Manach a bh’ ann bho thùs – ‘rocky shelf of monks’. Tha Polmadie cuideachd a’ nochdadh anns an dàrna linn deug – mar Polmacde. Tha Alasdair MacIlleBhàin ag innse dhuinn gu bheil a’ Ghàidhlig Poll Mac Dè a’ ciallachadh ‘stream of the sons of God’.

Tha na riochdan tùsail fìor ´Ú³óè¾±²Ô cudromach. Ma choimheadas sinn air an ainm-àite Ruchazie, chan eil e follaiseach dè tha e a’ ciallachadh no eadhon gur ann às a’ Ghàidhlig a tha e. Ach tha e a’ nochdadh anns an t-siathamh linn deug mar Auchinhasie. Agus tha an t-ùghdar dhen bheachd gu bheil sin a’ riochdachadh na Gàidhlig Achadh an Fhasaidh ‘field or farm of the stopping place’.

Tha Barlinnie car coltach ri sin. Mura b’ e gun robh seann riochdan ann, bhiomaid a’ smaoineachadh gu bheil e a’ tighinn bho bàrr agus linne. Ach nochd e anns an t-siathamh linn deug mar Blairlenny. Chaidh a chruthachadh an toiseach mar Blàr Lèanach ‘marshy plain’.

Ged as e baile mòr mòr a th’ ann an Glaschu an-diugh, buinidh gu leòr de ainmean-àite do linn nuair a bha daoine an sàs ann an obair-fearainn. Is toigh leam an t-ainm-àite Gartnavel. Tha sin a’ tighinn bhon t-seann Ghàidhlig Gart an Abhaill ‘enclosure of the apple tree or orchard’.

Tha Alasdair MacIlleBhàin ag innse dhuinn gu bheil Cathkin a’ tighinn bhon Ghàidhlig Coitcheann, a’ ciallachadh ‘common grazing’. Agus bha an t-ainm ainmeil Auchenshuggle clàraichte mus robh tramaichean a’ dol ann! Tha e a’ tighinn bho Achadh an t-Seagail ‘field or farm of the rye’.Ìý

Chan eil freagairt aig an ùghdar airson a h-uile ceist agam mu ainmean-àite Ghlaschu. Mar eisimpleir, chan eil e cinnteach mu Bellahouston. Ach tha e air obair mhòr mhòr a dhèanamh airson dualchas na Gàidhlig – agus cànanan eile – ann an Glaschu a shoilleireachadh agus a mhìneachadh.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Glaschu: Glasgow; Alasdair MacIlleBhàin: Alasdair [C.] Whyte; Albais: Scots language.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Bidh sinn a’ cluinntinn aig feadhainn: we hear from some folk; nas coltaiche gu bheil e a’ tighinn bho dhà eileamaid: it is more likely to have come from two elements; anns an t-seann chànan aig Breatannaich a’ Chinn a Tuath: in the old language of the Northern Britons (Northern Brittonic); faisg air Cathair-eaglais Ghlaschu far a bheil allt a’ sruthadh tro lag nàdarrach: near Glasgow Cathedral where a burn [the Molendinar Burn] flows through a natural hollow; leabhar luachmhor a chaidh fhoillseachadh an-uiridh: a valuable book that was published last year [by Origin/Birlinn]; a’ sealltainn an luig: showing the hollow [lag]; cha do mhair seann chànan nam Breatannach: the old language of the Britons did not survive; anns na seann chlàraidhean is làmh-sgrìobhainnean: in the old records and manuscripts; cho fada air ais ris an dàrna linn deug: as far back as the 12th century; ma choimheadas sinn air: if we look at; bhiomaid a’ smaoineachadh gu bheil: we would be thinking that; buinidh gu leòr de ainmean-àite do linn: many of its place-names belong to a time; nuair a bha daoine an sàs ann an obair-fearainn: when people were involved in agricultural work; bha an t-ainm ainmeil X clàraichte mus robh tramaichean a’ dol ann: the famous name X was recorded before trams were going there; tha e air obair mhòr mhòr a dhèanamh airson dualchas na Gàidhlig a shoilleireachadh agus a mhìneachadh: he has done tremendous work in highlighting and explaining the Gaelic heritage.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Tha na riochdan tùsail fìor ´Ú³óè¾±²Ô cudromach: the original forms are incredibly important. Note that when we use ´Ú³óè¾±²Ô as an adjectival strengthener in a structure like this, it can impinge on lenition. We would say fìor chudromach ‘very important’ (with cudromach lenited under the influence of ´Úì´Ç°ù) but fìor ´Ú³óè¾±²Ô cudromach ‘extremely important’ (without lenition of cudromach). It makes no difference with an adjective that does not cause lenition e.g. uabhasach cudromach/uabhasach ´Ú³óè¾±²Ô cudromach.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Mura b’ e gun robh seann riochdan ann: if it weren’t [for the fact] that there were old forms.

Broadcast

  • Sun 7 Apr 2024 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast