Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1289

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1289. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 31 Mar 2024 13:55

Clip

Litir 1289: Foithear (2)

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mun fhactaraidh aluminium ann am Foithear, taobh Loch Nis. Nuair a chaidh an Canàl Cailleannach a thogail tràth san naoidheamh linn deug, thàinig gu leòr de luchd-turais a choimhead air na h-easan air Abhainn Feachlainn (no Foyers River mar a chanas daoine an-diugh). Dh’fhàs an t-àite ainmeil air feadh Bhreatainn.

Ron àm sin, cha robh mòran ghoireasan anns an sgìre do luchd-siubhail. Cha robh drochaid ann faisg air na h-easan. Ach bha craobh-laighe tarsainn na h-aibhne faisg air an eas àrd. A rèir aithris, bha fear a bha seo às an sgìre air mhisg. Bha e ag iarraidh dhol gu taobh thall na h-aibhne. Leis nach robh an t-eagal air, chaidh aige air a dhol a-null, dòigh air choreigin, air a’ chraoibh-laighe.

Ach, mo chreach, nuair a thill e don àite, agus e sòbair, thuig e an cunnart anns an robh e an latha roimhe. Agus thàinig bàs obann air le grèim-cridhe. Uill, ʼs e sin stòiridh a bhite ag innse do luchd-turais, co-dhiù!

Tha eachdraidh na factaraidh ann am Foithir gu math inntinneach. Cheannaich am British Aluminium Company an oighreachd ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a còig (1895). Bha iad ag amas air dealan saor a chruthachadh le cumhachd an uisge. Bithear a’ cur feum air tòrr cumhachd an dealain airson aluminium a dhèanamh. 

B’ fheudar dhaibh dam a thogail gu h-àrd os cionn Foithir. Cheangail iad ri chèile dà loch – Loch Gart agus Loch Farralainn. Chruthaich iad loch ùr ris an canar An Loch Mòr. Gu mì-fhortanach, air na mapaichean, tha e air a sgrìobhadh mar ‘Loch Mhòr’.

Chaidh trì rathaidean a chòmhdachadh leis an uisge ùr. B’ fheudar don chompanaidh rathaidean ùra a thogail. Chaidh pìosan fearainn croite fon uisge cuideachd. Fhuair na croitearan a chaill fearann fearann ùr o Thuathanas Ghoirtlig. 

Bliadhna an dèidh sin, bha an fhactaraidh a’ dol. Fhuair iad a’ chlach-mhèinnir, ris an canar bauxite, tron chanàl. An toiseach, thàinig am bauxite à Èirinn agus às an Fhraing. 

Bha am Morair Kelvin na chomhairleach don ghnothachas. Bha esan gu mòr airson ʼs gum biodh na Gàidheil a’ cur turasachd an dàrna taobh, a’ gabhail obair ann am factaraidhean a bhiodh a’ cleachdadh cumhachd dealain-uisge. Agus fhuair na ficheadan daoine obair anns an fhactaraidh ann am Foithir, ged nach robh a h-uile duine aca às an sgìre fhèin. Thog a’ chompanaidh baile ùr anns an robh còrr is sia ceud duine a’ fuireach. 

Ach cha robh an leasachadh gun chall. Cha robh Gàidhlig aig a’ chuid a bu mhotha de na daoine a thàinig a-steach o àiteachan eile. Thug an leasachadh, mar sin, droch bhuaidh air staid na Gàidhlig ann an sgìre Shrath Fharagaig.

Dhùin an fhactaraidh ann an naoi ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1967). Bha i ro bheag agus bha an canàl fhèin ro bheag airson leigeil le soithichean mòra a dhol troimhe. Bha an aluminium a rinn i, mar sin, ro chosgail. Ach tha an togalach na sheasamh fhathast.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Foithear: Foyers; Loch Nis: Loch Ness; an Canàl Cailleannach: the Caledonian Canal; Abhainn Feachlainn: Foyers River; Loch Gart: Loch Garth; Loch Farralainn: Loch Farraline; clach-mhèinnir: ore; Srath Fharagaig: Stratherrick.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: tràth san naoidheamh linn deug: early in the 19th century; thàinig gu leòr de luchd-turais a choimhead air na h-easan: plenty of tourists came to view the waterfalls; cha robh mòran ghoireasan: there weren’t many facilities; ag iarraidh dhol gu taobh thall na h-aibhne: wanting to go to the other side of the river; leis nach robh an t-eagal air: because he wasn’t scared; nuair a thill e don àite, agus e sòbair, thuig e an cunnart anns an robh e an latha roimhe: when he returned to the place in a sober state, he understood the danger in which he had been [was] on the previous day; thàinig bàs obann air le grèim-cridhe: he died suddenly of a heart attack; ag amas air dealan saor a chruthachadh le cumhachd an uisge: aiming to create cheap electricity with water power; b’ fheudar dhaibh dam a thogail gu h-àrd os cionn Foithir: they had to build a dam high above Foyers; fhuair na croitearan a chaill fearann fearann ùr o Thuathanas Ghoirtlig: the crofters who lost land got new land from the Gorthleck Farm; bha am Morair Kelvin na chomhairleach don ghnothachas: Lord Kelvin was an adviser to the business; bha esan airson ʼs gum biodh na Gàidheil a’ cur turasachd an dàrna taobh: he wanted the Highlanders to neglect tourism; a’ gabhail obair ann am factaraidhean a bhiodh a’ cleachdadh cumhachd dealain-uisge: taking work in factories that would use hydro power; cha robh an leasachadh gun chall: the development was not without loss; airson leigeil le soithichean mòra a dhol troimhe: to allow large vessels to go through; ro chosgail: too expensive; tha an togalach na sheasamh fhathast: the building still stands.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: chaidh aige air a dhol a-null, dòigh air choreigin, air a’ chraoibh-laighe: he managed to cross, in some way or other, on the fallen tree. The full expression here would be ann an dòigh air choreigin ‘in some way or other’ but the ‘ann an’ is often left out in speech.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha fear a bha seo air mhisg: a certain man was inebriated.

Broadcast

  • Sun 31 Mar 2024 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast