Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1288
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1288. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 24 Mar 2024
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 984
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1288
Duration: 05:00
Litir 1288: Foithear (1)
O chionn greis, bha mi ag innse dhuibh mu à ite air a’ Ghà idhealtachd a dh’fhuiling ionnsaighean le bomaichean aig à m an Dà rna Cogaidh. B’ e sin Loch Iubh ann an Ros an Iar. An-diugh, tha mi a’ dol a thoirt sùil air à ite eile air a’ Ghà idhealtachd a dh’fhuiling anns an aon dòigh.
’S e sin Foithear, taobh Loch Nis – no ann am Beurla, Foyers. Thig mi an-ceartuair don ionnsaigh-adhair. Ach, an toiseach, tha mi airson sùil a thoirt air an ainm-à ite, oir tha ceangal ann eadar Foithear Loch Nis agus à iteachan air cladach Loch Iubh.Ìý
Ann an Gà idhlig Rois an Iar, canaidh daoine faithear no faithir ri à iteachan far a bheil leathad ann eadar cladach an latha an-diugh agus an seann chladach a bh’ ann o shean – a raised beach mar a th’ aca air ann am Beurla. Anns an fhaclair dhualchainnteach aige, tha Roy Wentworth ag innse seo dhuinn: faithir – arable or grazing land at shore, between the beach and the foot of [a] grassy slope going up to [a] raised beach, and sometimes on the raised beach itself. Tha An Fhaithear Mhòr agus An Fhaithear Bheag ann faisg air Inbhir Àsdail.Ìý
Tha Uilleam MacBhà tair ag innse dhuinn gur e an t-aon fhacal a th’ ann am Foithear, taobh Loch Nis. Tha e a’ ciallachadh ‘a slope, a terraced declivity’. Tha e boireanta. B’ e Fear Foithreach an t-ainm Gà idhlig a bh’ air the Laird of Foyers.Ìý
Tha abhainn a’ sruthadh sìos am bruthach an sin agus a’ tuiteam thairis air leac mhòr, a’ dèanamh eas a tha cho ainmeil ri gin ann an Alba – the Falls of Foyers. Ann an Gà idhlig, bhiodh tu an dùil gur e sin Eas Foithreach. Ach, a rèir choltais, ’s e Eas na Smùide a chanadh muinntir an à ite ris. Canaidh sinn ²õ³¾Ã¹¾±»å ris a’ water vapour a dh’èireas à s an eas nuair a tha tòrr uisge ann.
Chaidh mi a choimhead air an eas agus tha an t-à ite gu math drùidhteach. Ach bha an turadh air a bhith ann airson grunn là ithean mus deach mi ann. Gu mì-fhortanach, cha robh mòran uisge anns an eas.
Tha an t-à ite sìtheil agus bòidheach an-diugh. Tha e gu sònraichte à lainn as t-fhoghar nuair a tha na duilleagan ruadh is donn is buidhe. Ach cha robh e sìtheil air an treas latha deug dhen Ghearran, naoi ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1941). Air an latha sin leig itealan-cogaidh Gearmailteach bomaichean air an fhactaraidh aluminium ann am Foithir.Ìý
Thuit dà bhoma air pìoban uisge ri taobh na factaraidh. Chaidh dithis fhear a mharbhadh – Murchadh MacLeòid agus Gilleasbaig MacDhòmhnaill – agus chaidh feadhainn eile dhen luchd-obrach a leòn. Chuir a’ bhanaltram ionadail agus buidheann de shaor-thoilich ionad-nursaidh air dòigh airson cobhair a dhèanamh orra.
Chaidh a h-uile uinneag anns an fhactaraidh a bhriseadh ach cha do chuir an ionnsaigh stad air obair na factaraidh ach airson latha no dhà . Trì mìosan an dèidh sin, thà inig itealan Gearmailteach eile. An turas seo, bha gunnaichean dìon aig an fhactaraidh. Loisg iad air an itealan agus chùm am pìleat a dol sìos Loch Nis, gun boma sam bith a leigeil.Ìý

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Loch Iubh: Loch Ewe; dualchainnteach: dialectal; Uilleam MacBhà tair: William J Watson; boireanta: feminine; Fear Foithreach: the Laird of Foyers; Eas na Smùide: the Falls of Foyers; drùidhteach: impressive; gunnaichean dìon: defensive guns.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a dh’fhuiling ionnsaighean le bomaichean aig à m an Dà rna Cogaidh: that suffered attacks with bombs at the time of the Second World War; a dh’fhuiling anns an aon dòigh: which suffered in the same way; thig mi an-ceartuair don ionnsaigh-adhair: I’ll come presently to the aerial attack; a’ sruthadh sìos am bruthach agus a’ tuiteam thairis air leac mhòr: flowing down the hill and falling over a large slab; eas a tha cho ainmeil ri gin ann an Alba: a waterfall that is as famous as any in Scotland; airson grunn là ithean mus deach mi ann: for a few days before I went there; à lainn as t-fhoghar nuair a tha na duilleagan ruadh is donn is buidhe: beautiful in autumn when the leaves are russet and brown and yellow; leig itealan-cogaidh Gearmailteach bomaichean air an fhactaraidh: a German warplane dropped bombs on the factory; chaidh dithis fhear a mharbhadh: two men were killed; chaidh feadhainn eile dhen luchd-obrach a leòn: others of the workforce were injured; chuir a’ bhanaltram ionadail agus buidheann de shaor-thoilich ionad-nursaidh air dòigh: the local nurse and a group of volunteers set up a nursing station; airson cobhair a dhèanamh orra: to aid them; chaidh a h-uile uinneag anns an fhactaraidh a bhriseadh: every window in the factory was broken; loisg iad air an itealan agus chùm am pìleat a dol: they fired on the aircraft and the pilot continued on; gun boma sam bith a leigeil: without dropping any bomb.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: cha do chuir an ionnsaigh stad air obair na factaraidh ach: the attack only stopped the factory’s work [for]... This structure, employing a negative verb and the conjunction ach ‘but’ is a useful one. Here are other examples: cha robh mi ach a’ tarraing asad ‘I was only/just teasing you’; cha do leugh e ach a’ chiad chaibideil ‘he only read the first chapter’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: bha an turadh air a bhith ann: the weather had been dry.
Broadcast
- Sun 24 Mar 2024 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.