Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1287
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1287. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 17 Mar 2024
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 983
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1287
Duration: 05:00
Litir 1287: Beurla Inbhir Nis
How ye doo’een? Ach yir se-en it. How’s yerself? No bad – it’s a smasheen day, ri’eenuff.
Tha mi a’ tòiseachadh na Litreach an-diugh le beagan Beurla. Buinidh i do phrìomh bhaile na Gà idhealtachd, Inbhir Nis.
O chionn ghoirid, fhuair mi leabhran a chaidh fhoillseachadh le Fòram Eachdraidh Ionadail Inbhir Nis. ’S e an tiotal a th’ air an leabhran ‘Old Inverness Words and Phrases’. Tha e a’ toirt sùil air Beurla Inbhir Nis. Tha e gu math inntinneach.
Tha cuid de na faclan sònraichte do Inbhir Nis. Mar eisimpleir – clacher. Chan e neach a tha ag obair gu proifeiseanta le clachan, ach cuideigin a tha a’ toirt taic don sgioba ball-coise ionadail – Clachnacuddin FC! Agus salachs – chan urrainn dhomh a rà dh am bi am facal sin a’ nochdadh ann an à iteachan eile. Ach tha e a’ ciallachadh ‘Salvation Army’ – salachs.Ìý
Nochdaidh cuid de na faclan ann an sgìrean eile – gu sònraichte air a’ Ghalltachd. Mar eisimpleir – scaffies airson luchd-glanaidh sgudail agus trachled – air a shà rachadh no air a chlaoidheadh le obair.
Tha earrann anns an leabhran mu fhaclan a thà inig a-steach a Bheurla Inbhir Nis bhon Ghà idhlig. Is beag an t-iongnadh, oir bha Gà idhlig aig a’ mhòr-chuid de mhuinntir a’ bhaile thairis air ceudan bhliadhnaichean.
Seo eisimpleir bhon bhriathrachas aca, leis a’ Bheurla ionadail an toiseach agus an uair sin am mìneachadh. Amadan – a fool. Uill, tha sin gu follaiseach bhon Ghà idhlig agus ’s e facal a chluinnear tric gu leòr fhathast. Cuideachd groyk – a fool, an awkward person – bhon Ghà idhlig ²µ°ùò¾±²µ. Bodach – an old man – agus cailleach – an old woman. Tha an dà fhacal sin air an cleachdadh ann am Beurla air feadh na Gà idhealtachd – co-dhiù am measg dhaoine a bhuineas don Ghà idhealtachd.
Cyarack – left-handed. Chan eil an leabhran a’ mìneachadh mar a bhios daoine ga chleachdadh. Ann an Gà idhlig bidh sinn ag rà dh gu bheil cuideigin leis a’ chearraig no gu bheil a’ chearrag aige. Doorchan – a pine cone. Tha sin a’ tighinn bhon Ghà idhlig durcan. Dossan – fringe of hair on the forehead – bhon Ghà idhlig dosan.
Tha am facal cappach air an liosta cuideachd, a’ ciallachadh toothless. Tha am facal Gà idhlig cabach a’ ciallachadh ‘gun fhiaclan no le beul grà nda’. Tha fhios gu bheil e stèidhichte air an fhacal cab. Tha cab a’ ciallachadh ‘beul’ ach tha faclair Dwelly ag innse seo dhuinn: ‘cab – mouth ill-set with teeth’.
Ann an Inbhir Nis, canar mappach airson very drunk and confused. Ann an Gà idhlig tha mabach a’ ciallachadh ‘stammering, stuttering’ – tha e co-cheangailte ri cainnt ach cha leig e leas a bhith co-cheangailte ri deoch là idir.
Tha an abairt mo-hooker ann am Beurla Inbhir Nis, a’ ciallachadh it doesn’t matter. Tha sin gu follaiseach bhon abairt Ghà idhlig ma thogair leis an dearbh chiall. Bidh e inntinneach faicinn dè mhaireas beò de na seann fhaclan is abairtean Gà idhlig ann am Beurla Inbhir Nis anns an ùine fhada.Ìý

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Fòram Eachdraidh Ionadail Inbhir Nis: Inverness Local History Forum; luchd-glanaidh sgudail: rubbish collectors; gu follaiseach: obviously.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: cò às a tha a’ chainnt sin?: where is that speech from?; math dh’fhaodte gun aithnich sibh i: perhaps you will recognise it; neach a tha ag obair gu proifeiseanta le clachan: somebody that works professionally with stones; cuideigin a tha a’ toirt taic don sgioba ball-coise ionadail: somebody that supports the local football team; gu sònraichte air a’ Ghalltachd: particularly in the Lowlands; is beag an t-iongnadh, oir bha Gà idhlig aig a’ mhòr-chuid de mhuinntir a’ bhaile thairis air ceudan bhliadhnaichean: it’s hardly surprising, because the majority of the townsfolk spoke Gaelic for centuries; ’s e facal a chluinnear tric gu leòr fhathast: it’s a word that is heard often enough still; am measg dhaoine a bhuineas don Ghà idhealtachd: among people who belong to the Highlands; gu bheil cuideigin leis a’ chearraig: that somebody is left-handed; gun fhiaclan no le beul grà nda: toothless or possessing an ugly mouth; cha leig e leas a bhith co-cheangailte ri deoch là idir: it doesn’t need to be connected to strong drink; bidh e inntinneach faicinn dè mhaireas beò de na seann fhaclan is abairtean Gà idhlig ann am Beurla Inbhir Nis anns an ùine fhada: it will be interesting to see what survives of the old Gaelic words and phrases that in the English of Inverness in the long term.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Tha mi a’ tòiseachadh na Litreach an-diugh le beagan Beurla: I am starting the Litir today with a bit of English. Litir is a slender feminine noun that broadens with an -ach ending in the genitive singular case. It is here in the genitive singular with the article following the verbal noun a’ tòiseachadh. Without the article we would leave it in its nominative form e.g. bidh mi a’ tòiseachadh litir.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Buinidh i do phrìomh bhaile na Gà idhealtachd: it belongs to the Highland capital.
Broadcast
- Sun 17 Mar 2024 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.