Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1276
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1276. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 31 Dec 2023
13:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 972
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1276
Duration: 05:00
Litir 1276: Seanfhaclan à Asainte
Anns a’ chunntas-sluaigh ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-aon (1891) bha Gà idhlig aig 87 às a’ cheud (87%) de na daoine ann an Asainte. Mura h-eil sibh eòlach air an sgìre sin, tha i ann an taobh an iar Siorrachd Chataibh eadar A’ Chòigeach agus Eadar Dhà Chaolas. Tuigidh sibh, anns an naoidheamh linn deug, agus roimhe sin, gun robh an sgìre gu math math Gà idhealach.
Uill, bha mi fortanach gu leòr ’s gun d’ fhuair mi tiodhlac bho chuideigin o chionn ghoirid. ’S e leabhran a th’ ann a tha là n sheanfhaclan Gà idhlig. ’S e an tiotal air an leabhar ‘Gaelic Proverbs’. Chaidh fhoillseachadh le Club Leabhar ann an Inbhir Nis ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a trì (1973).
Agus dè an ceangal a th’ ann eadar an leabhar agus Asainte? Uill, ’s e boireannach à Asainte a chuir ri chèile an cruinneachadh de sheanfhaclan. B’ ise Barabra Nic Leòid agus bhuineadh i do Chlais an Easaidh. Chuala i gu leòr de na seanfhaclan aig a mà thair.
Bidh gu leòr de na seanfhaclan aice aithnichte do dhaoine à sgìrean eile. Nochdaidh gu leòr dhiubh ann an cainnt is sgrìobhadh fhathast. Ach tha mi airson ur cur an aithne feadhainn nach eil cho cumanta.
Seo agaibh a’ chiad fhear: Am fear a gheibh ainm na mocheirigh, faodaidh e cadal anmoch. Ma bhios tu cliùmhor airson rudeigin math, bidh daoine a’ toirt maitheanas dhut ma thèid thu an aghaidh sin. Get a name of early rising and you can sleep late. Am fear a gheibh ainm na mocheirigh, faodaidh e cadal anmoch.
An à m na h-èiginn, dearbhar na cà irdean. Adversity shows your true friends. An à m na h-èiginn, dearbhar na cà irdean. Agus seo agaibh fear a tha gu math iomchaidh: An nì anns an tèid dà il, thèid dearmad. Delay anything and you neglect it. An nì anns an tèid dà il, thèid dearmad. Cha bhi fiach air beul dùinte. The person who keeps silent will stay out of trouble. Cha bhi fiach air beul dùinte.
Ciamar a chanamaid ann an Gà idhlig ‘friendship cannot be one-sided’? Uill, tha seanfhacal aig Barabra air an dearbh chuspair: Cha seas cà irdeas air aon chois. Friendship cannot stand on one leg. Cha seas cà irdeas air aon chois.
Tha e inntinneach cho tric ’s a tha mòine a’ nochdadh ann an seanfhaclan Gà idhlig, gu h-à raidh feadhainn à taobh an iar na Gà idhealtachd. Chan eil sin fìor mun Bheurla! Ach bha e fìor mu Asainte nan Gà idheal. Seo agaibh fear: Chan aithnich thu duine ach an loisg thu cruach mhòine còmhla ris. Gu litreachail tha e a’ ciallachadh ‘you won’t know a person until you have burned a peatstack with them.’ Tha fhios gu bheil sin a’ ciallachadh gu feum thu bliadhna, no co-dhiù fad geamhraidh, a chur seachad le cuideigin mus bi thu eòlach orra. Chan aithnich thu duine ach an loisg thu cruach mhòine còmhla ris.
Agus dè ur beachdan air an t-seanfhacal seo? Dà rud air nach còir feart a thoirt – trod chà irdean is sìth nà imhdean. Take no notice of a quarrel between friends or peace among foes. Tha gliocas ann a sin, nach eil? Dà rud air nach còir feart a thoirt – trod chà irdean is sìth nà imhdean.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: cunntas-sluaigh: census; Asainte: Assynt; gliocas: wisdom; trod: quarrel, scolding.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Mura h-eil sibh eòlach air an sgìre sin: if you are not familiar with that area; taobh an iar Siorrachd Chataibh eadar A’ Chòigeach agus Eadar Dhà Chaolas: the western part of the County of Sutherland between Coigach and Eddrachillis; tuigidh sibh: you’ll understand; fortanach gu leòr ’s gun d’ fhuair mi tiodhlac: fortunate enough to receive a gift; leabhran a tha là n sheanfhaclan Gà idhlig: a booklet that is full of Gaelic proverbs; dè an ceangal a th’ ann eadar an leabhar agus Asainte?: what is the link between the book and Assynt?; a chuir ri chèile: who compiled; bhuineadh i do Chlais an Easaidh: she belonged to Clashnessie; chuala i gu leòr de na seanfhaclan aig a mà thair: she heard many of the proverbs from (at) her mother; bidh gu leòr de na seanfhaclan aice aithnichte do dhaoine à sgìrean eile: many of her proverbs will be familiar to people from other areas; nochdaidh gu leòr dhiubh ann an cainnt is sgrìobhadh: many of them appear in speech and writing; tha mi airson ur cur an aithne feadhainn nach eil cho cumanta: I want to introduce you to some that are not so common; ciamar a chanamaid X?: how would we say X?; tha e inntinneach cho tric ’s a tha mòine no poll mònach a’ nochdadh ann an seanfhaclan Gà idhlig: it’s interesting how often peat or a peat bank appear in Gaelic proverbs; gu h-à raidh feadhainn à taobh an iar na Gà idhealtachd: particularly ones from the Western Highlands (and Islands); gu feum thu bliadhna, no co-dhiù fad geamhraidh, a chur seachad le cuideigin mus bi thu eòlach orra: that you must spend a year, or at least a winter, with somebody before you know them.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: An à m na h-èiginn, dearbhar na cà irdean. This proverb literally means ‘in time of adversity, the friends will be proven’ i.e. you find out who your real friends are when you fall on hard or difficult times. Dearbhar is a future passive form of the verb dearbh ‘prove’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: 87 às a’ cheud: 87 percent.
Broadcast
- Sun 31 Dec 2023 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.