Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1275

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1275. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Christmas Eve 2023 13:00

Clip

Litir 1275: Dùghall Bochanan ann an Raineach (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhùghall Bochanan ann an Raineach. Sgrìobh an t-Urr. Iain Mac na Ceàrdaich cunntas air anns an leabhar ‘Schiehallion’ a chaidh fhoillseachadh ann an naoi ceud deug ’s a còig (1905). Seo agaibh naidheachd no dhà mu Dhùghall bhon leabhar sin.

Bha bodach a’ fuireach ann an Ceann Loch Raineach. Bha e na ghobha na òige ach a-nise bha e sean agus lag. Latha a bha seo, ann am meadhan a’ gheamhraidh, bha cur is cathadh ann. Shaoil na balaich anns a’ bhaile gur e deagh spòrs a bhiodh ann nan càrnadh iad sneachd ri doras agus uinneagan taigh a’ bhodaich.Ìý

Airson adhbhar air choreigin, chaidh iad don mhaighstir-sgoile airson a thaic fhaighinn. Chaidh iad uile ann – Mgr Bochanan agus na balaich – agus chàrn iad sneachd ris an doras agus na h-uinneagan. Nuair a bha an obair dèante, dh’iarr am maighstir-sgoile air na balaich tighinn cruinn ann an cròileagan. ‘Nise, a bhalachaibh,’ thuirt e, ‘dè rinn sinn? Ghabh sinn brath air bodach bochd nach urrainn a dhìon fhèin. ’S e gnothach suarach a th’ ann.’

Thuirt Dùghall ris na balaich gum bu chòir do a leithid a bhith an aghaidh an cogaisean. Nam biodh iad fhèin sean agus lag, am biodh iad ag iarraidh gum fulaingeadh iad fhèin mar sin? Agus thuirt e gum biodh Dia mì-thoilichte leotha. Cho luath ’s a mheòraich na balaich air an droch rud a rinn iad, chaidh iad air ais don taigh. Chlìoraig iad an sneachd air fad. ’S e leasan a bh’ ann do na balaich agus cha do dhìochuimhnich duine aca e.

A bharrachd air a bhith a’ teagasg tron t-seachdain, bha Dùghall ag obair mar shearmonaiche air an t-Sàbaid. ’S e a bha trang! Bhiodh e a’ searmonachadh anns an eaglais, anns an sgoil agus eadhon a-muigh air toman aig amannan. Am measg na bhiodh a’ dol do na seirbheisean aige, bha buidheann de shaighdearan a bhuineadh do Shiorrachd Chataibh. Chanainn gun robh iad à Dùthaich MhicAoidh agus gun robh iad stèidhichte anns an taigh-feachd ann am Bràigh Raineach – faisg air ceann an iar Loch Raineach. Bha iad a’ ‘cumail na sìthe’ an dèidh Ar-a-mach nan Seumasach. Ri taobh Drochaid Ghamhair, chithear ‘Rannoch Barracks’ air a’ mhapa fhathast.

Dh’ionnsaich Dùghall dàin spioradail Ghàidhlig bhuapa. Bha iad air an sgrìobhadh le fear Iain MacAoidh. Bhiodh na seann daoine ann an Raineach ag ràdh gur iad na dàin sin a bhrosnaich Dùghall gus a dhàin spioradail fhèin a sgrìobhadh.

A’ chiad turas a chaidh Dùghall a Bhràigh Raineach a shearmonachadh, thàinig sluagh mòr a-mach. Cha robh drochaid ann aig an àm agus thàinig daoine cruinn air gach bruach de dh’Uisge Ghamhair. Chan e sin a-mhàin ach bha nàimhdeas ann eadar na daoine air gach taobh dhen abhainn, deas agus tuath.Ìý

Sheas Dùghall air clach ann am meadhan na h-aibhne agus rinn e searmon cumhachdach. A rèir aithris, chaidh daoine bho gach taobh a-steach don abhainn airson a bhith an caidreabh a chèile. Air an latha sin, dh’fhalbh an naimhdeas eadar an dà shluagh.

Bha plàigh a’ dol timcheall na sgìre ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a h-ochd (1768). Ghabh Dùghall i agus chaochail e air an dàrna latha dhen Ògmhios. Dh’fhàg e dìleab mhòr às a dhèidh – ann an Raineach agus air feadh Alba nan Gàidheal.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Dùghall Bochanan: Dugald Buchanan; an t-Urramach Iain Mac na Ceàrdaich: the Rev John Sinclair; Ceann Loch Raineach: Kinloch Rannoch; chlìoraig: cleared; Drochaid Ghamhair: Bridge of Gaur; nàimhdeas: enmity; plàigh: plague; dìleab: legacy.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: naidheachd no dhà: an anecdote or two; bha e na ghobha na òige ach a-nise bha e sean agus lag: he was a blacksmith in his youth but he was now old and frail; latha a bha seo, ann am meadhan a’ gheamhraidh: one day in the middle of winter; bha cur is cathadh ann: there was heavy and lying snow; shaoil na balaich gur e deagh spòrs a bhiodh ann; the lads thought it would be good fun; nan càrnadh iad sneachd ri doras agus uinneagan taigh a’ bhodaich: if they piled up snow at the door and windows of the old man’s house; nuair a bha an obair dèante, dh’iarr am maighstir-sgoile air na balaich tighinn cruinn ann an cròileagan: when the work was done, the schoolmaster asked the boys to gather round him; ghabh sinn brath air: we took advantage of; ’s e gnothach suarach a th’ ann: it’s a sorry matter; an aghaidh an cogaisean: against their consciences; gum fulaingeadh iad fhèin: that they would suffer themselves; cha do dhìochuimhnich duine aca e: none of them forgot it; air toman aig amannan: on a knoll sometimes; a bhuineadh do Shiorrachd Chataibh: who belonged to Sutherlandshire; chanainn gun robh iad à Dùthaich MhicAoidh: I reckon they were from the Mackay Country; stèidhichte anns an taigh-feachd ann am Bràigh Raineach: based in the barracks in the Braes of Rannoch; a’ ‘cumail na sìthe’ an dèidh Ar-a-mach nan Seumasach:‘keeping the peace’ after the Jacobite rebellion; dh’ionnsaich Dùghall dàin spioradail Ghàidhlig bhuapa: Dugald learned Gaelic spiritual poems from them; gus a dhàin spioradail fhèin a sgrìobhadh: to write his own spiritual poems; air gach bruach de dh’Uisge Ghamhair: on both banks of the River Gaur; airson a bhith an caidreabh a chèile: to embrace each other;Ìý

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: ‘Nise, a bhalachaibh,’ thuirt e, ‘dè rinn sinn?: ‘Now, lads,’ he said, ‘what did we do?’ A bhalachaibh is the vocative plural form of balach, used in addressing a group of males (they can actually be older than boys because balach can be used informally for a male of almost any age). The termination can be pronounced (dialectally) ‘oo’, ‘iv’ or ‘uh’.Ìý

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Airson adhbhar air choreigin: for some reason or other.

Broadcast

  • Christmas Eve 2023 13:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast