Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1239
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1239. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 16 Apr 2023
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 935
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1239
Duration: 05:00
Litir 1239: Uisge-beatha agus Ainmean-Ã ite (1)
Ann an Litir ochd ceud, fichead ʼs a trì (823) bha mi ag innse dhuibh mu uisge-beatha a chaidh a dhèanamh thall-thairis fon ainm ‘Spey Livet’. ʼS e ainm a bh’ ann a chaidh a chruthachadh airson margaidheachd, agus coltas Albannach air. Ach ʼs e an rud a tha iongantach dhomh an uiread de dhiofar sheòrsaichean de dh’uisge-beatha, a bhuineas do dh’Alba, air a bheil ainm rudeigin ‘fuadain’. Tha mi a’ ciallachadh gu bheil iad coltach ri ainm-à ite, ach nach eil a leithid de dh’ainm-à ite ann.
Thà inig leabhar inntinneach a-mach an-uiridh. Bha e air a sgrìobhadh le Jacob King agus ʼs e an t-ainm a th’ air ‘The A to Z of Whisky Place-Names: Landscape, Language & Invention’. Tha an t-Ollamh King na eòlaiche air ainmean-à ite.
Chan eil fhios a’m cia mheud ‘gleann’ no ‘glen’ a th’ air mapa na h-Alba. Ach tha an t-uamhas de sheòrsaichean uisge-beatha no taighean-staile anns a bheil am facal gleann no glen anns an ainm. Chunnt mi ceud, caogad ʼs a dhà dhiubh anns an leabhar!
ʼS e dìreach aonan dhiubh anns a bheil dreach Gà idhlig air an fhacal – Gleann Banbh. Shaoileadh sibh gur e fìor à ite a th’ ann. Ach chan e, co-dhiù ann an Alba. ʼS e Banbh a’ Ghà idhlig airson Banff agus tha an t-uisge-beatha seo à Moireibh. Ach ma tha à ite ann air a bheil Gleann Banbh, ʼs ann ann an Èirinn a tha e!
Tha Gleann Banbh air a dhèanamh ann an taigh-staile Glenfarclas, taobh Uisge Spè. Agus a bheil Glenfarclas stèidhichte air ainm-à ite fìrinneach? Uill, tha – gu ìre. Faisg air an taigh-staile, tha cnoc air a bheil Tomfarclas mar ainm. ʼS e ainm Gà idhlig a th’ ann, ach chan eil e soilleir dè tha farclas a’ ciallachadh.
Thachair cruthachadh-ainmean mar sin iomadach triop. Tha Jacob King a’ gabhail ‘whisky glen’ air a leithid – far am bithear a’ cur an fhacail ‘Glen’ ann an co-cheangal ri eileamaidean eile airson ainm ‘Gà idhealach’ a chruthachadh. Mar eisimpleir, cuideachd taobh Uisge Spè, tha taigh-staile Glenallachie. Buinidh an t-ainm-à ite Allachie – bhon Ghà idhlig eileachaidh – don dearbh sgìre, agus chaidh ‘Glen’ a chur ris. Tha na staileadairean air abairt-shuaicheantais a chur an cois an uisge-bheatha seo – ‘Valley of the Rocks’. Anns an dòigh sin, tha iad air a bhith dìleas don Ghà idhlig eileachaidh a tha a’ ciallachadh ‘à ite creagach’.
Tha Glen Burgie rudeigin coltach ri sin. Tha à ite ann an Siorrachd Narann air a bheil ‘Burgie’ agus chaidh am facal ‘Glen’ a chur ris airson ainm an uisge-bheatha a chruthachadh.
Ge-tà , tha cuid de dh’ainmean uisge-bheatha ann, a chaidh a chruthachadh buileach glan gun a bhith ceangailte ri ainm-à ite. ʼS e eisimpleir dhiubh uisge-beatha eile à Moireibh – Glen Broch. Tuigidh sibh dè th’ ann am broch, ged a bhios am facal cuideachd a’ riochdachadh na Gà idhlig bruach ann an ainmean-à ite. Shaoileadh daoine gur e à ite fìor Albannach a th’ ann an ‘Glen Broch’. Ach tha Jacob King ag innse dhuinn nach eil a leithid de dh’à ite ann!
Agus tha Glen Darbach ann – mac na bracha à taobh Uisge Spè. Chan eil à ite sam bith ann an Alba air a bheil ‘Darbach’, ged a nochdas e mar ainm aibhne anns a’ Ghearmailt.Ìý
Nach eil fìor ainm-à ite a’ nochdadh ann an co-cheangal ri uisge-beatha Albannach? Uill, tha, agus bheir sinn sùil air feadhainn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: margaidheachd: marketing; chunnt: counted; à Moireibh: from Moray; taigh-staile: distillery; iomadach triop: [on] many occasions; taobh Uisge Spè: on Speyside; dìleas: loyal; Siorrachd Narann: Nairnshire.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: an uiread de dhiofar sheòrsaichean de dh’uisge-beatha, a bhuineas do dh’Alba, air a bheil ainm rudeigin ‘fuadain’: the number of different types of whisky, that belong to Scotland, [but] that have an ‘artificial’ name; ach nach eil a leithid de dh’ainm-à ite ann: but that there is no such place-name; chan eil fhios a’m cia mheud: I don’t know how many; shaoileadh sibh gur e fìor à ite a th’ ann: you’d think it was a real place; tha na staileadairean air abairt-shuaicheantais a chur an cois an uisge-bheatha seo: the distillers have connected a motto to this whisky; a chaidh a chruthachadh buileach glan gun a bhith ceangailte ri ainm-à ite: which was created from scratch without being connected to a place-name; tuigidh sibh dè th’ ann am broch: you’ll know [understand] what a broch is; ged a bhios am facal cuideachd a’ riochdachadh: although the word also represents; ged a nochdas e mar ainm aibhne anns a’ Ghearmailt: although it appears as a river name in Germany; nach eil fìor ainm-à ite a’ nochdadh ann an co-cheangal ri uisge-beatha Albannach?: Isn’t there a real place-name connected with a Scottish whisky?
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: mac na bracha: malt whisky. This rather attractive phrase literally means ‘the son of the malt’ i.e. the direct product of [a single] malting process. If you are offered a dram, with the question, ‘An gabh sibh dram?’ you might say, ‘A bheil mac na bracha agaibh?’ ‘do you have [any] malt whisky?’ Your host will know you have a discerning whisky palate!
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a chaidh a chruthachadh: that was created.
Broadcast
- Sun 16 Apr 2023 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.