Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1212
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1212. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 9 Oct 2022
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 908
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1212
Duration: 05:00
Litir 1212: Ceatharnach Shiaboist (4)
Chuala ‘Ceatharnach Shiaboist’ claidheamh Alasdair Mhoireasdain a’ bualadh ann an creag mar rabhadh dha. Theich e agus, ged a lorg na daoine a bhothan, cha robh e ann. Nuair a fhuair na daoine sealladh air, bha e mìle air thoiseach orra, aig bonn na beinne, a’ ruith a dh’ionnsaigh na mara.
Mu dheireadh, ghlac na daoine e air trà igh siar air Siabost. Nuair nach robh duine eile san èisteachd, dh’inns Alasdair dha gun robh a theaghlach taingeil dha airson beatha a pheathar a shà bhaladh. Rà inig iad taigh Ruairidh Dheirg air a’ Chà rnan Mhòr. Bha Iseabail Mhoireasdan an sin, cuide ri a h-athair.
Chunnaic i am fear a shà bhail i. ‘O, athair,’ thuirt i, ‘siud am fear a shà bhail mi anns an loch. Chan fhaod sibh a chrochadh.’ Bha i ann an gaol leis.
‘Nì mi mo dhleastanas, Iseabail,’ fhreagair a h-athair. ‘Bidh e a rèir co-dhiù tha am fear òg ciontach no neoichiontach.’ Fhad ʼs a bha e a’ bruidhinn, bha feadhainn bhon bhaile a’ rannsachadh a’ bhothain air mullach na Beinne Mòire. An sin, lorg iad fianais gu leòr gum b’ esan am mèirleach.
Mar sin, cha b’ urrainn do dh’athair Iseabail, ris an canadh iad ‘Am Britheamh’ cà il a dhèanamh airson am fear òg a shà bhaladh. Chaidh fhaighinn ciontach. B’ e a’ bhinn crochadh gu bà s. Thogadh croich air cnoc ris an canar Cnoc a’ Chrochaidh, agus chaidh an duine a chur gu bà s an sin. Bha an sagart ga fhrithealadh agus ghiùlain an ceatharnach e fhèin le uaisleachd.Â
Cha d’ fhuair na daoine a-mach cò bh’ anns a’ cheatharnach no eadhon an t-ainm a bh’ air, ach gum buineadh e do na Leòdaich. Chaidh a thiodhlacadh ann an glac ghorm aig bonn a’ chnuic far an deach a chrochadh. Sgrìobh an sgeulaiche, Tormod an t-Seòladair, gun gabhadh a’ ghlac aithneachadh fhathast o chionn ceud bliadhna.
Chan e sin buileach deireadh an sgeòil, ge-tà . Taobh a-staigh seachdain on a fhuair an duine bà s, dh’fhàs Iseabail Mhoireasdan tinn. Cha tà inig feabhas oirre, agus taobh a-staigh sia mìosan bha i marbh.
An latha mus do chaochail i, chuir i fios air a brà thair, Alasdair. Nuair a thà inig Alasdair a-steach don t-seòmar aice, dh’iarr i air a mà thair, a bha cuideachd an là thair, an seòmar fhà gail. Nuair a bha an dithis còmhla – piuthar agus brà thair – dh’inns Iseabail dha nach maireadh i beò fada. ‘Mar as dual, bidh mi air mo thiodhlacadh ann an Cladh Bhrà gair,’ thuirt i, ‘anns an oisean a bhuineas don teaghlach againn. Ach air an dà rna oidhche an dèidh an tiodhlacaidh, tha mi ag iarraidh ort fhèin agus air Ùisdean MacAmhlaigh a dhol ann air an oidhche. Tha mi airson ʼs gun tog sibh mo chiste às an uaigh agus gun ath-thiodhlaic sibh i anns an uaigh aig an fhear threun a shà bhail mo bheatha. Ach feumaidh sibh seo a chumail dìomhair bho ar pà rantan.’
Agus ʼs e sin a thachair. Chaidh Iseabail agus an duine gun ainm a shà bhail i a shìneadh còmhla anns an aon uaigh. Goirid an dèidh sin, chuir cuideigin craobh – seileach-caoidheach – air an uaigh.Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: theich e: he fled; Cnoc a’ Chrochaidh: the hill of the hanging; tinn: ill; dìomhair: secret; seileach-caoidheach: weeping willow.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Chuala ‘Ceatharnach Shiaboist’ claidheamh Alasdair Mhoireasdain a’ bualadh ann an creag mar rabhadh dha: the Shawbost Freebooter heard Alasdair Morrison’s sword hitting a rock as a warning to him; mìle air thoiseach orra, aig bonn na beinne: a mile ahead of them, at the base of the hill; a’ ruith a dh’ionnsaigh na mara: running towards the sea; taingeil dha airson beatha a pheathar a shà bhaladh: grateful to him for saving his sister’s life; chan fhaod sibh a chrochadh: you can’t hang him; nì mi mo dhleastanas: I’ll do my duty; a rèir co-dhiù tha am fear òg ciontach no neoichiontach: according to whether [or not] the young man is guilty or not guilty; fianais gu leòr gum b’ esan am mèirleach: plenty of evidence that he was the thief; b’ e a’ bhinn crochadh gu bà s: the judgement was death by hanging; bha an sagart ga fhrithealadh: the priest was attending him; ghiùlain an ceatharnach e fhèin le uaisleachd: the freebooter carried himself with dignity; gum buineadh e do na Leòdaich: that he belonged to the MacLeods; chaidh a thiodhlacadh ann an glac ghorm: he was buried in a green hollow; bonn a’ chnuic far an deach a chrochadh: the bottom of the hill where he was hanged; gun gabhadh a’ ghlac aithneachadh fhathast: that the hollow could still be recognised; cha tà inig feabhas oirre: she didn’t improve; an latha mus do chaochail i, chuir i fios air a brà thair: the day before she died, she sent for her brother; nach maireadh i beò fada: that she wouldn’t live long; gun tog sibh mo chiste às an uaigh: that you’ll lift my coffin from the grave; gun ath-thiodhlaic sibh i: that you’ll rebury it.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: siud am fear a shà bhail mi: that’s the man who saved me. Why have I used siud here, rather than sin? It’s all to do with distance from the speaker. If the man were next to her, Ishbel would have said ‘seo am fear …’. If he had been a short distance from her, she would have said ‘sin am fear...’ However, he was at a considerable distance from her, so she said ‘siud am fear …’ I might have translated it ‘yonder is the man...’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Mar as dual: as is customary.
Broadcast
- Sun 9 Oct 2022 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.