Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1211
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1211. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 2 Oct 2022
13:55
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 907
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1211
Duration: 05:00
Litir 1211: Ceatharnach Shiaboist (3)
Tha mi a’ leantainn leis an sgeul ‘Ceatharnach Shiaboist’. Bha Iseabail agus Peigi Mhoireasdan ri taobh Loch Athabhat Mòr. Chunnaic Iseabail dealan-dè brèagha air duilleag-bhà ite bhà n. Le bata-coiseachd, dh’fheuch i ris an lus a tharraing gu tìr. Ach dh’fhà ilnich oirre agus thuit i don uisge a bha dubh agus domhainn. Dh’fhalbh i fodha.
Thòisich Peigi air sgreuchail. Thà inig ceann Iseabail an-uachdar ach thà inig maoim oirre. Bha i a’ spriodadh agus a’ plumadaich. An à ite a bhith a’ tighinn gu tìr, bha i a’ sìor ghluasad air falbh bho bhruach an locha. Chaidh i fodha agus chaidh a casan an sàs anns a’ pholl air grunnd an locha. Bha i an impis bà thadh nuair a chuala Peigi fuaim air a cùlaibh. Thà inig fear seachad oirre agus leum e don uisge.
Shnà mh e fodha, lorg e Iseabail, agus thug e don chladach i. Bha i gun mhothachadh ach thà inig i thuige. Thuirt i ris an duine, ‘A mhaighstir, shà bhail sibh mo bheatha. Ciamar a bheir mi taing dhuibh?’
‘Na gabh dragh mu dheidhinn,’ fhreagair e. ‘ʼS e mo dhuais gun do shabhail mi beatha cuideigin.’
‘Gabhaibh mo leisgeul,’ thuirt Peigi ris an t-srainnsear, ‘ach cò à s a thà inig sibh?Â
‘Na gabh dragh mu dheidhinn,’ thuirt am fear. ‘Fòghnaidh e gun do shà bhail mi beatha do charaid an seo.’
‘Tha mo dhachaigh ann am Brà gar,’ ars Iseabail ris. Bha i ga fhaighinn air leth tarraingeach. ‘Is mise nighean ceann-cinnidh nam Moireasdanach,’ lean i. ‘Thigibh dhachaigh cuide rium. Bidh m’ athair air leth toilichte coinneachadh ribh.’
‘Is beag an rud a rinn mi,’ thuirt am fear. ‘ʼS e do charaid a tha airidh air moladh. ʼS e an sgreuchail aice a dh’inns dhomh gun robh thu ann an cunnart do bheatha.’ Dhiùlt e a dhol a Bhrà gar còmhla ris a’ chloinn-nighean. Ach thuirt e gum biodh e a’ cèilidh air athair Iseabail an ceann greis bheag.
Choisich an coigreach pà irt dhen rathad còmhla ris an dithis eile. An uair sin stad e, agus thuirt e gu feumadh e falbh. Fhad ʼs a bha iad an sin, thà inig fitheach faisg orra. Bha iad uile dhen bheachd gun robh sin na chomharra de dhroch naidheachd, bàs eadhon.
Nuair a rà inig i an taigh aice, dh’inns Iseabail mar a thachair dhi. Bha fios aig a brà thair, Alasdair, gur e an ceatharnach às a’ Bheinn Mhòir a shà bhail i, ach cha tuirt e guth.
Mun à m sin, bha cuid de dhaoine a’ gearan mu chall bìdh. Bha mèirleach a’ briseadh a-steach do na taighean aca air an oidhche, agus a’ goid biadh. Bha daoine dhen bheachd gun robh am mèirleach a’ fuireach air a’ Bheinn Mhòir. Chaidh Alasdair a chur os cionn feachd, leis an amas an duine a lorg.
Chaidh am feachd seachad air a’ bheinn. Shreap iad don mhullach bhon taobh dheas. Faisg air a’ mhullach, thuit Alasdair a dh’aona-ghnothach agus rinn a chlaidheamh fuaim nuair a bhuail e ann an creag. Bha sin mar rabhadh don fhear a shà bhail a phiuthar. Agus chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Ceatharnach Shiaboist: The Shawbost Freebooter; bata-coiseachd: walking-stick; fodha: under [the water]; shnà mh: swam; sgreuchail: screaming; coigreach: stranger; fitheach: raven; shreap: climbed.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: dealan-dè brèagha air duilleag-bhà ite bhà n: a beautiful butterfly on a water-lily; dh’fheuch i ris an lus a tharraing gu tìr: she tried to draw the plant to land; dh’fhà ilnich oirre agus thuit i don uisge a bha dubh agus domhainn: she failed and fell into the water that was dark and deep; thà inig ceann Iseabail an-uachdar ach thà inig maoim oirre: Ishbel’s head came to the surface but she suffered a panic attack; chaidh a casan an sàs anns a’ pholl air grunnd an locha: her feet got stuck in the mud at the bottom of the loch; an impis bà thadh: on the point of drowning; bha i gun mhothachadh ach thà inig i thuige: she was unconscious but came to; ʼs e mo dhuais gun do shabhail mi beatha cuideigin: my reward is that I saved somebody’s life; fòghnaidh e gun do shà bhail mi beatha do charaid: it will suffice that I saved your friend’s life; bha i ga fhaighinn air leth tarraingeach: she found him very attractive; bidh m’ athair air leth toilichte coinneachadh ribh: my father will be very pleased to meet you; airidh air moladh: deserving of praise; gum biodh e a’ cèilidh air athair Iseabail an ceann greis bheag: that he would be visiting Ishbel’s father in a wee while; a’ gearan mu chall bìdh: complaining about the loss of food; a’ briseadh a-steach do na taighean aca: breaking into their houses; os cionn feachd: in charge of a [military] force; thuit Alasdair a dh’aona-ghnothach: Alasdair fell deliberately; rinn a chlaidheamh fuaim: his sword made a noise; mar rabhadh: as a warning.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bha i a’ sìor ghluasad air falbh bho bhruach an locha: she was moving steadily away from the bank of the loch. Sìor is used in this structure in front of the verbal noun, which it lenites. It means ‘perpetually, constantly, moving continually in the same direction’. Tha thu a’ sìor fhàs math air ‘you’re getting better and better at it’; tha i a’ sìor dhol am miosad ‘she is continually getting worse’; tha prìsean a’ sìor dhol an-à irde ‘prices are perpetually rising’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a’ spriodadh agus a’ plumadaich: floundering and flailing.
Broadcast
- Sun 2 Oct 2022 13:55Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.