Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1200

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1200. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 17 Jul 2022 13:55

Clip

Litir 1200: Gaelic in Your Gob

Bidh sibh eòlach air an fhacal boogie, a tha car cumanta ann am Beurla nan Stàitean Aonaichte. Tha e a’ ciallachadh grunn rudan, a’ gabhail a-steach danns, agus tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gun tàinig e a-nall don Bheurla bho chànan Afraganach. Ach a bheil ceangal ann ris an fhacal Ghàidhlig bogadh?

Tha mi a’ cur na ceist oir tha an sgoilear Gàidhlig Mìcheal Newton ga togail anns an leabhar aige Gaelic in Your Gob a nochd ann an clò an-uiridh. Tha Mìcheal còir air tòrr a dhèanamh airson na Gàidhlig agus seo leabhar beag tarraingeach a tha làn neamhnaidean. Agus – math dh’fhaodte – ʼs e an gnothach aig bunait a’ chàirdeis eadar boogie agus bogadh – feise. 

Dè tha faclair Dwelly ag ràdh mun fhacal bogadh? Uill, tha e a’ ciallachadh ‘softening, mollifying, steeping, dipping, moistening, state of sticking fast in the mire, wagging, bobbing, softness, tenderness, mellowness, floating.’ Airson ‘the dog is wagging its tail’ canaidh sinn ‘tha an cù a’ bogadh earbaill’.Ìý

ʼS dòcha gun robh Eideard Dwelly ro ‘mhodhail’ airson ciall eile dhen fhacal a chur anns an fhaclair aige. Ach tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun robh bàird anns an t-seachdamh is ochdamh linn deug a’ cleachdadh ‘bogadh’ mar thruaill-chainnt airson feise. Tuigidh sibh mar a dh’fhaodadh sin a bhith. Tha an t-ùghdar a’ toirt eisimpleirean de a leithid anns an leabhar aige. Tha e dhen bheachd gur dòcha gu bheil am facal Gàidhlig bogadh am measg na chuir ri boogie anns na Stàitean Aonaichte.

Tha cha mhòr leth-cheud facal Gàidhlig a thug buaidh air a’ Bheurla anns an leabhar. Bheir sinn sùil air eisimpleir no dhà. Bidh sibh eòlach air an fhacal ²ú±ð²¹²Ô-²õì³Ù³ó±ð no ²ú±ð²¹²Ô-²õ³óì³Ù³ó±ð ann an Gàidhlig. Fairy woman. Leis gur e ‘banshee’ a chanas daoine ann am Beurla, tha beachd ann gun tàinig am facal bho Ghàidhlig na h-Èireann far an canar ‘ban’ airson bean.

Ge-tà, tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun tàinig am facal a-steach an toiseach bho Ghàidhlig na h-Alba. Tha e a’ nochdadh ann an clò ann an seachd ceud deug, seachad ʼs a h-aon (1771) mar ‘Benshi or the Fairies wife’ ann an Alba. ʼS ann às dèidh sin a thug an dreach Èireannach buaidh air an fhacal ann am Beurla.

Ann an Gàidhlig, canaidh sinn ³¾Ã ±ô dubh airson blackmail. Tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gur dòcha gun do dh’èirich am facal Beurla bhon Ghàidhlig, ged a thàinig ³¾Ã ±ô a-steach don Ghàidhlig an toiseach bhon t-seann Bheurla. B’ e ³¾Ã ±ô dubh sùim airgid a bhiodh tuathanach a’ pàigheadh don uachdaran no ceann-cinnidh mu choinneamh gach mart aige. Bha sin mar àrachas an aghaidh feadhainn eile a bhith a’ togail creach – a’ goid na sprèidhe. Bhiodh an t-uachdaran a’ faighinn nam beathaichean air ais no a’ lorg feadhainn eile nan àite. B’ e sin am ³¾Ã ±ô dubh no blackmail.

Agus dè mu dheidhinn peata? A pet, tame animal. Peata. Tha am facal a’ nochdadh ann an Gàidhlig cho fada air ais ris an ochdamh linn ann an làmh-sgrìobhainn Èireannach. Agus cò chanas am facal anns an sgeul ach Cù Chulainn fhèin!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: ceangal: link, tie; math dh’fhaodte: perhaps; ro mhodhail: too polite; truaill-chainnt: slang; ge-tà: however; peata: a pet, tame animal; làmh-sgrìobhainn Èireannach: an Irish manuscript.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Beurla nan Stàitean Aonaichte: US English; grunn rudan, a’ gabhail a-steach danns: a few things, taking in dance; gun tàinig e a-nall don Bheurla bho chànan Afraganach: that it came over into English from an African language; tha an sgoilear X ga togail: the scholar X raises it; a nochd ann an clò an-uiridh: which appeared in print last year; leabhar beag tarraingeach a tha làn neamhnaidean: a small attractive book that is full of gems [pearls]; ʼs e an gnothach aig bunait a’ chàirdeis eadar X agus Y – feise: the matter that is the basis of the relationship between X and Y is sexual intercourse; bàird anns an t-seachdamh is ochdamh linn deug: poets in the seventeenth and eighteenth centuries; tuigidh sibh mar a dh’fhaodadh sin a bhith: you’ll understand how that might be; cha mhòr leth-cheud facal: almost fifty words; a thug buaidh air a’ Bheurla: which influenced the English language; bheir sinn sùil air eisimpleir no dhà: we’ll have a look at an example or two; b’ e ³¾Ã ±ô dubh sùim airgid a bhiodh tuathanach a’ pàigheadh don uachdaran no ceann-cinnidh: blackmail was a sum of money that a farmer would pay to the landlord or clan chief; mar àrachas an aghaidh feadhainn eile a bhith a’ togail creach: as insurance against others lifting cattle; a’ goid na sprèidhe: stealing the livestock/cattle; bhiodh an t-uachdaran a’ faighinn nam beathaichean air ais no a’ lorg feadhainn eile nan àite: the landlord would get the beasts back or would find replacements; cho fada air ais ris an ochdamh linn: as far back as the eighth century; cò chanas am facal anns an sgeul ach Cù Chulainn fhèin: who says the word in the story but Cuchullin himself.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: mu choinneamh gach mart aige: corresponding to each of his cows. Mu choinneamh means ‘opposite, facing’ but can be used idiomatically in this way to mean ‘meeting’ or ‘corresponding to’. Dwelly’s dictionary gives the example tha airgead agam mu choinneamh a’ mhàil ‘I have money to meet the rent’. This ³¾Ã ±ô, by the way, is the same word that appears in the text in ³¾Ã ±ô dubh ‘blackmail’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha an cù a’ bogadh earbaill: the dog is wagging its tail.

Broadcast

  • Sun 17 Jul 2022 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast