Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1199

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1199. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 10 Jul 2022 13:55

Clip

Litir 1199: Dà Luinneig

Bu mhath leam na briathran airson dà òran bheag thraidiseanta a thoirt dhuibh an t-seachdain seo. Thuirt mi ‘òrain’, ach ʼs dòcha gum biodh an tiotal ‘luinneagan’ a cheart cho freagarrach. Luinneag – a ditty. ʼS e a’ chiad fhear Moladh a' Bhàta. Praising the boat. Moladh a’ Bhàta. Tha rudeigin sònraichte mun bhàta – a dath. Tha i buidhe.

Seo mar a tha e a’ dol. Seo an t-sèist. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe. 

Agus seo agaibh a’ chiad rann. Am ²úà³Ù²¹ buidhe bòidheach. ʼS na seòid inntʼ ann an lèintean. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe.

Leanaidh mi orm leis a’ chòrr dhen òran. Thug sinn an Cuan Siar dhi, Mun dʼ rinn aʼ ghrian ach èirigh. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe. 

Seachad Maol Chinn Tìre, Bha siaban geal ag èirigh. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe. 

ʼS ann [a] chuir gaoth is fairge i, Cho luath ri earb an t-slèibhe. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe.

Tha ʼm ²úà³Ù²¹ buidhʼ cho dìonach, Ri botal fìon’ is cèir air. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe, ʼS ann an-diugh tha feum oirr’. Mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe. Tha an rann mu dheireadh ag innse dhuinn gu bheil an luinneag gu math sean. Aig an àm sin, bhiodh botal fìon’ air a sheulachadh le cèir, seach le àrc no ceap-botail mar a th’ againn gu tric an-diugh.

ʼS e an t-ainm a th’ air an dàrna luinneig Mionam air a’ Ghille Bheag. Tha sin a’ ciallachadh ‘the wee lad is such a sweetie’. Mionam air a’ Ghille Bheag. Ach cha bhi an gille beag a-chaoidh, mar a chluinneas sinn anns an òran! Seo na faclan, ma-thà: Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Cuin a bheir e còt’ agus cleòc às a’ bhùth dhomh? A bheil sibh a’ tuigsinn sin? Tha mi cinnteach gur e boireannach a bhios a’ coimhead air a’ ghille bheag. Cuin a bheir e gùn dhomh? When will he bring me a gown? Cuin a bheir e còt’ agus cleòc às a’ bhùth dhomh? When will he bring me a coat and cloak from the shop? Seo, ma-thà, an còrr dhen luinneig.

Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Nuair dh’fhàsas e làidir, ʼS a dh’fhàgas e an dùthaich.

Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Bidh siùil ri crainn àrda, ʼS mo ghràdh-sa ga stiùireadh.

Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Nach mis’ a bhitheas bòstail, Nuair sheòlas e an ¾±Ã¹²ú³ó°ù²¹³¦³ó. ʼS dòcha nach bi sibh eòlach air an fhacal ¾±Ã¹²ú³ó°ù²¹³¦³ó. Seòrsa de bhàta – cutter ann am Beurla.

Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Nuair ruigeas e na h-Innsean, Thig sìoda gam ionnsaigh.

Mionam air a’ ghille bheag, Cuin a bheir e gùn dhomh? Cuin a bheir e còt’ agus cleòc às a’ bhùth dhomh? 

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: sèist: chorus; a’ chiad rann: the first verse; Maol Chinn Tìre: Mull of Kintyre; siaban geal: white spindrift; sean: old; gùn: gown.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: ʼs dòcha gum biodh an tiotal ‘luinneagan’ a cheart cho freagarrach: perhaps the title ‘ditties’ would be just as suitable; tha rudeigin sònraichte mun bhàta – a dath: there is a special thing about the boat – her colour; mo bheannachd air a’ bhàta bhuidhe: my blessing on the yellow boat; ʼs ann an-diugh tha feum oirr’: it’s today she is needed; na seòid inntʼ ann an lèintean: the heroes in her [dressed] in smocks; leanaidh mi orm leis a’ chòrr dhen òran: I’ll continue with the rest of the song; thug sinn an Cuan Siar dhi: we took her on the Minch; mun dʼ rinn aʼ ghrian ach èirigh: before the sun had barely risen; ʼs ann [a] chuir gaoth is fairge i cho luath ri earb an t-slèibhe: wind and sea made her as swift as the mountain roe [deer]; tha ʼm ²úà³Ù²¹ buidhʼ cho dìonach ri botal fìon’ is cèir air: the yellow boat is as watertight as a bottle of wine with wax on it; air a sheulachadh le cèir: sealed with wax; seach le àrc no ceap-botail: rather than with a cork or bottle top; mionam air a’ ghille bheag: the wee lad is a total sweetie: cha bhi an gille beag a-chaoidh: the lad won’t always be wee; cuin a bheir e còt’ agus cleòc às a’ bhùth dhomh?: when will he bring me a coat and cloak from the shop?; nuair dh’fhàsas e làidir, ʼs a dh’fhàgas e an dùthaich: when he grows strong and leaves the country; bidh siùil ri crainn àrda, ʼs mo ghràdh-sa ga stiùireadh: sails will be on the tall masts and my love steering it; nach mis’ a bhitheas bòstail, nuair sheòlas e an ¾±Ã¹²ú³ó°ù²¹³¦³ó: it’s me that will be boastful when he sails the boat; nuair ruigeas e na h-Innsean: when he reaches India; thig sìoda gam ionnsaigh: silk will come to me.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Moladh a’ Bhàta: Note that the word ²úà³Ù²¹ is masculine and behaves grammatically like a masculine noun – so it is a’ bhàta in the definite genitive singular, not na ²úà³Ù²¹. However, when it comes to using a pronoun to discuss the boat, she is feminine and we use the third personal singular feminine pronoun ‘i’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: dà òran bheag thraidiseanta: two wee traditional songs. Note the lenition of the adjectives in the dual case.

Broadcast

  • Sun 10 Jul 2022 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast