Cur-seachadan
'S iad geamannan, rannan agus tòimhseachain a th' aig Fiona NicChoinnich dhuinn. Games, riddles and rhymes are Fiona MacKenzie's topic today.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
Tha Fiona NicChoinnich a' toirt thugainn ultach gheamannan, ranndan agus thòimhseachain a bh' aig daoine nan òige agus a chaidh a chruinneachadh le Sgoil Eòlais na h-Alba.
Gheibh sinn ranndan agus aibideil à Muile bho Dhùghall MacCarmaig. Cluinnidh sinn grunn ranndan agus gheamannan mar 'Mireadh nan Cruach' bho Cheit Dix, Ceit an Tà illeir à Beà rnaraigh na Hearadh.
Cuiridh Nan NicFhionghain, Nan Eachainn Fhionnlaigh à Bhatarsaigh tòimhseachain oirnn leithid an fhir sa - Cuthag, cuthag steach an doras 's cnà imh duin' aice na beul. Bheir i cuideachd dhuinn cunntas air iomart fhaochaig.
Ann am Barraigh bhiodh iad a' carachd ann an gèam air a robh 'Crom an Fhà saich' agus nì Calum MacIain, Calum Aonghais Iain dealbh dhuinn air.
Aig Ruaraidh MacPhilip, Ruaraidh Iain Nèill à Beà rnaraigh na Hearadh gheibh sinn a-mach mu gheamannan leithid 'Leagail Saighdear' agus 'Speilean' agus innsidh e cuideachd mu chloidsear - dè a bh' ann agus dè a bhiodh iad a' dèanamh leis. Cluinnidh sinn cuideachd bhuaithe mun ghà ireachdainn a bhiodh aca leis a' ghèam 'Leannan às a' Luaithe'.
Last on
More episodes
Next
Broadcasts
- Thu 24 Jun 2021 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 24 Jun 2021 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 27 Jun 2021 09:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal