Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ruaraidh Cunnartach, Bàrd Chaolas Stocanais

Beatha 's bàrdachd Ruaraidh Chunnartaich, Bàrd Chaolas Stocanais sna Bàigh sna Hearadh. Joina Macdonald selects songs written by Roddy Macleod from Kyles Stockinish in Harris.

Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

'S i Joina NicDhòmhnaill a tha a' cur beatha 's bàrdachd Ruaraidh Mhicleòid, Ruaraidh Cunnartach, Bàrd Chaolas Stocanais sna Bàigh sna Hearadh fon phrosbaig. B' e Harris ainm eile a bh' aig daoin' air agus rugadh e air a' chòigeamh là deug den Mhàirt ann an 1903, an dàrna duine cloinne aig Alasdair Ruaraidh ‘ain Mhoir a’ Chaolais agus Ceiteag Thormoid Bhig ‘an ‘ic Thormoid Òig. Bha e an toiseach ag obair aig a' Mhorair Leverhulme ach an uair sin chaidh e gu muir, agus sin mar a chuir e seachad a bheatha gun deach e às a rathad ann an 1965 ann an tubaisd aig muir far na Canaries agus tha e air a thiodhlacadh ann an Las Palmas.

B' iad na Leòdhasaich a bha còmhla ris aig muir a thug Ruaraidh Cunnartach air le cho geur ‘s a bha e agus ged a rinn e òrain gaoil cha do phòs e a-riamh.

'S e Tha mi fo Chùram air Cùlthaobh Èirinn òran cho ainmeil ‘s a rinn e aig àm an Darna Cogaidh, nuair a bhuail torpedo bàta a bha air taobh thall am bàta air a robh e fhèin ‘s iad a’ gabhail fasgadh an iar air Eìrinn, air an t-slighe a-null dhan Èiphit. Cluinnidh sinn Dòmhnall Iain MacSuain, Dòmhnall Iain Alasdair Bhig à Sgarasta dha ghabhail.

A thilleadh air a sin cluinnidh sinn Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Shàm à Horgabost le Òran a' Chòta, Caolas Stocanais Ghruamach agus Òran Màiri Eòghainn Chaluim. Aig Seonaidh MacAoidh, 'Am Pincidh' à Sgarasta, gheibh sinn ’S muladach mi ’n-diugh ’s mi ’g èirigh, agus tha Catrìona NicLeòid, Catrìona Fhionnlaigh Dhòmhnaill Raghnaill à Geòcrab a' gabhail Fo ghruamain mar tha mi ’n-diugh, agus òran èibhinn a rinn e, Òran na Doile.

30 minutes

Last on

Sun 20 Jun 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 17 Jun 2021 12:00
  • Thu 17 Jun 2021 22:00
  • Sun 20 Jun 2021 09:30