Main content
Sorry, this episode is not currently available

Gearradh-cainnt

Jo NicDhòmhnaill le taghadh sgeulachdan a' sealltainn cho geur 's a bha daoine air an teanga. Jo MacDonald with School of Scottish Studies recordings showing witty use of language.

Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

Tha na sgeulachdan beaga a th' aig Jo NicDhòmhnaill dhuinn a seo a' sealltainn cho eirmseach 's a bha na Gàidheil sna làithean a dh'fhalbh.

Bha tàillearan sa h-uile sgìre tric nan adhbhar magaidh le cho fada 's a bha daoine a' feitheamh rin cuid aodaich agus, mar a chluinneas sinn aig Eoghainn Dhòmhnaill ‘ic Eoghainn, cha robh tàillearan Uibhist a Tuath air a chaochladh.

Gheibh sinn eisimpleir cuideachd air cho luath 's a chuireadh na bàird rann aoiridh an ceann a chèile ann a seanchas mun Bhàrd Ruadh ann am Muile.

Chan e a mhàin gu robh cuimhne mhath aig Ceit Dix ann am Beàrnaraigh na Hearadh air rannan a chuala i aig daoin' eile ach bha i fhèin a cheart cho math air an cuir ri chèile.

Bhiodh cuid a' dèanamh rann nan deigheadh faighneachd dhaibh 's dhèanadh cuid eile iad airson iad fhèin fhaighinn a suidheachadh duilich 's cluinnidh sinn mun aon fhear a phàigh màl na bliadhna le rann.

A thuilleadh air a sin gheibh sinn naidheachdan mu cheistearan 's mu mhinistearan dha robh am freagairt gu math faisg, ach a bha cuideachd a' coinneachadh ri feadhainn a bha a cheart cho luath air an teanga riutha fhèin.

30 minutes

Last on

Sun 4 Jul 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 1 Jul 2021 12:00
  • Thu 1 Jul 2021 22:00
  • Sun 4 Jul 2021 09:30