Biadh agus Deoch
'S e biadh 's deoch a tha fa-near do Jo NicDhòmhnaill 's rudan annasach air a' chlà r-bìdh. Jo Macdonald looks at food and drink in days when Highlanders were mostly self-sufficient
Air a' bhliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlà radh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S e biadh agus deoch a tha fa-near do Jo NicDhòmhnaill a seo, agus air a' chlà r-bìdh aice tha sabhs air fheadh, slòcan, ìm an craiceann agus omhann maistridh. Airson cuideachadh len cnà mh tha uisge-beatha agus deochan air an dèanamh le flùraichean conaisg agus sùgh na craoibhe beithe.
Tha Fearchar MacGriogar, a bha a’ fuireach air an Dòrnaidh, ag innse mun deoch a b’ fheà rr a dh’fheuch e a-riamh - an deoch a thà inig às a’ bheithe - agus mar a bhiodh iad a' dèanamh uisge-beatha.
Innsidh Flòraidh NicCùthais, Flòraidh Iain ’Ic Fhionnlaigh à Beà rnaraigh na Hearadh, ciamar a bha iad a' dèanamh sabhs air fheadh agus gheibh sinn a-mach bho Sheòras Gow à Tealmainn an Dùthaich MhicAoidh mar a bhiodh iad a' smocaigeadh chudaigean, mu dhòigh annasach a bh' aca air ìm a dhèanamh agus mu dè bh' ann an omhainn maistridh.
'S cluinnidh sinn bho Chairistìona NicPheadrais mu na bhiodh iad a' dèanamh le feamainn ann an Eilean Bheà rnaraigh.
Last on
Broadcasts
- Thu 15 Apr 2021 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 15 Apr 2021 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Apr 2021 09:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal