Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na làmh-sgrìobhainnean aig Dòmhnall Iain Dhonnchaidh

Iseabail T NicDhòmhnaill ag innse mu na thog Dòmhnall Iain Dhonnchaidh de bheul-aithris. Ishbel T MacDonald brings us a small selection of D J Macdonald's manuscript collection.

Air a' bhliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

Chuala sinn an t-seachdain a chaidh bhon bhàrd Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh mu na bha e fhèin a sgrìobhadh. A seo tha Iseabail T NicDhòmhnaill a' toirt sùil air na chruinnich e de bheul-aithris do Sgoil Eòlais na h-Alba.

Rugadh Dòmhnall Iain ann am Peighinn an Aoireann, Uibhist a Deas, ann an 1919, do theaghlach a bha sònraichte a thaobh an eòlais agus an ùidh a bha aca ann an eachdraidh, òrain agus dualchas. Thòisich e fhèin a' cruinneachadh ann a 1953 agus chruinnich e còrr air 6500 duilleag anns na ceithir bliadhna a lean. Ruith e air sgìrean eile ach thàinig tòrr dhe na chruinnich e bho a chàirdean fhèin.

B' e an seanchaidh ainmeil Donnchadh MacDhòmhnaill 'ic Dhonnchaidh, Donnchadh Clachair, a b' athair dha, agus bha Niall, bràthair athar, cuideachd aithnichte mar sgeulaiche. Cluinnidh sinn criomagan de na seann sgeulachdan clasaigeach a bh' aig athair, leithid sgeulachd Alasdair Mòr Mac Iain Làidir agus seanchas mun teine bhiorach; aig Niall bha iomradh air mar a chaidh na Dòmhnallaich a thogail creiche anns an Eilean Sgitheanach.

Thug e sìos còrr air 400 òran agus thàinig àireamh mhòr dhiubh bho a pheathraichean Ceit agus Anna, òrain a dh’ ionnsaich iad bhon athair agus cuid dhiubh bhom màthair, Mairead Aonghais Ruaidh, piuthar do Dhòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir , bàrd Phàislig. Bho Anna cuideachd thog e sgeulachd agus òran Nighean MhicCailein a chaidh don arm. A thuilleadh air a sin, chruinnich e dealbhan de dh’innealan, fiosrachadh mu chleachdaidhean agus sean-fhacail. Thog e còrr air fichead sgeulachd, a thuilleadh air òrain luaidh, bho Mhàiri Anna NicAonghais à Stadhlaigearraidh an Uibhist a Deas, agus nam measg bha an te a chluinneas sinn far an deach iarraidh air sgiobair fiach sgillinn de ghliocas a thoirt air ais dhachaigh leis!

Nochd cuid den chruinneachadh de bheul-aithris is sgeulachdan a rinn e anns an leabhar Uibhist a Deas a dh'ath-fhoillsich Acair an 2019. Tha iomradh air beatha Dhòmhnaill Iain agus cruinneachadh slàn den bhàrdachd aige anns an leabhar Chì Mi, deasaichte le Bill Innes agus air fhoillseachadh le Birlinn, 1998.

30 minutes

Last on

Sun 11 Apr 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 8 Apr 2021 12:00
  • Thu 8 Apr 2021 22:00
  • Sun 11 Apr 2021 09:30