Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na h-òrain aig Dòmhnall MacColla

Tha a' bhàrdachd 's an t-seinn aig Dòmhnall MacColla às an Dunbheag faisg air an Òban fon prosbaig. We look at the poetry and singing of Donald MacColl of Dunbeg, near Oban.

Air a' bhliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

A seo 's ann air a' bhàrdachd agus an t-seinn aig Dòmhnall MacColla às an Dunbheag san Òban a tha am prosbaig, le dithis a bha eòlach air eachdraidh Dhòmhnaill a' toirt thugainn na sgeòil. 'S e cìobair a bh' ann an Dòmhnall agus bhiodh e ri bàrdachd mu uachdarain nach robh còrdadh ris agus rudan a bhiodh a’ tachairt sa sgìr' aige, am measg rudan eile.

Bha Dòmhnall a’ fuireach an Ceann Tràgha agus bha Seumas Camshron a’ fuireach ann an Airidh Bheagaige an Ath Tharracail is e eòlach air Dòmhnall bho bha e òg. Agus bha cleamhnas ann cuideachd, oir phòs e nighean piuthar Dhòmhnaill. Chaidh Dòmhnall a chìobaireachd agus a gheamaireachd ann a Loch Èite, agus às dèidh sin chaidh e dhan Ghallanach Bheag air Bràigh an Òbain far a robh e cuideachd ag obair le crodh.

Bha càirdeas aig Ailean MacColla ri Dòmhnall. Bha e a' fuireach sa Chorpaich agus b' e a sheanair agus athair Dhòmhnaill an dà bhràthair. Bhiodh e a' tachairt ris aig feiltean chruidh, aig Mòdan agus cruinneachaidhean sa sgìre far am biodh e a’ seinn.

30 minutes

Last on

Sun 25 Apr 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 22 Apr 2021 12:00
  • Thu 22 Apr 2021 22:00
  • Sun 25 Apr 2021 09:30