Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1107
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1107. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 7 Oct 2020
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 803
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1107
Duration: 05:00
Litir 1107: Am Fiadh Iapanach
Bha mi a’ coiseachd gu mall tro choille bheithe. Bha an talamh garbh agus cas. Fada fodham, bho à m gu à m, eadar na craobhan, chithinn Loch Nis. Bha fraoch a’ bhadain agus am fraoch Frangach fo bhlà th. Bha na dearcan-gorma no dearcan-coille an ìre mhath abaich. Gu dearbh, dh’ith mi tè no dhà . Bha mi air mo dhòigh.
Air an talamh, far an robh poll, bha lorgan-coise aig fiadh air choreigin. Bha iad a’ coimhead rud beag na bu lugha na lorgan-coise an fhèidh ruaidh. Agus bha am buachar aca car coltach ri buachar caorach, ach rud beag na bu mhotha.
An uair sin, chunnaic mi eilid. Bha i eadar donn is glas, car dorch, agus le stiall far an robh a cnà mh-droma. Chan fhac’ i mi, agus chaidh mi ga h-ionnsaigh gu slaodach. Bha a’ ghaoth fà bharach dhomh. Bha i a’ sèideadh gam ionnsaigh. Bha an eilid ri snotaireachd fad na h-ùine, ach cha d’ fhairich i m’ fhà ileadh.Â
Bha mi gu math faisg oirre nuair a chlisg i. Cha robh i air m’ fhaicinn, ach fhuair i rabhadh bho fhiadh eile. Bha am fuaim neònach, rudeigin mar chomhartaich aig abhag. Chunnaic fiadh eile mi, no dh’fhairich e m’ fhà ileadh. Chan fhaighinn cho faisg air fiadh eile air an latha sin.
Bha am fuaim-rabhaidh ag innse dhomh gur e gnè car annasach a bh’ anns an fhiadh. Cha b’ e fèidh ruadha a bh’ annta, no earbaichean. ʼS e a bh’ annta ach fèidh Iapanach, seòrsa ris an canar ann am Beurla sika deer. Tha iad pailt gu leòr ann an cuid de sgìrean, taobh a deas Loch Nis nam measg. Bidh iad a’ dèanamh tòrr dhiofar fhuaimean, eadar fead, sgreuch, glagadaich is gnòst.
Tha am fiadh Iapanach beagan nas lugha na ʼm fiadh ruadh. Tha na leabhraichean ag innse dhuinn nach e beathach sòisealta a th’ ann ach a-mhà in sa gheamhradh. Ach chunnaic mi gu leòr dhiubh anns an aon cheà rnaidh an latha sin. Aon turas bha dà dhiubh là imh ri chèile, agus iad a’ spioladh ʼs ag ionaltradh còmhla. Agus bha iad sòisealta gu leòr gus rabhadh a thoirt do chà ch a chèile gun robh cunnart ann.
Tha am fiadh Iapanach pailt ann an cuid de dh’à iteachan thairis air tìr-mòr na Gà idhealtachd agus anns na Crìochan. Tha iad cuideachd ann an Sasainn agus Èirinn. Thathar a’ smaoineachadh gun robh iad air an toirt a-steach a dh’aona-ghnothach le uachdaran anns an naoidheamh linn deug.Â
Is bochd sin, oir bidh iad a’ dèanamh tar-ghineachadh leis an fhiadh ruadh. Ann an cuid de sgìrean, tha sin a’ toirt atharrachadh air an fhiadh ruadh – gnè a tha dùthchasach. Bidh na fèidh Iapanach cuideachd a’ dèanamh sgrios air craobhan ann an cuid de dh’à iteachan. Air an là imh eile, bidh cuid de dh’oighreachdan gam marbhadh is a’ reic an cuid feòla.Â
Cha chreid mi gum faigh sinn cuidhteas iad a-chaoidh. Bidh na fèidh Iapanach againn gu sìorraidh. Feumaidh sinn a' fàs cleachdte ris na fuaimean à raidh a tha iad a’ dèanamh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: buachar caorach: sheep droppings; eilid: hind; chlisg: started, showed a startled reaction; fiadh Iapanach: sika [‘Japanese’] deer; sòisealta: social; ceà rnaidh: locality; na Crìochan: the Borders; tar-ghineachadh: interbreeding; dùthchasach: native.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a’ coiseachd gu mall tro choille bheithe: walking slowly through a birchwood; bha fraoch a’ bhadain agus am fraoch Frangach fo bhlà th: the bell heather and cross-leaved heath were in bloom; bha na dearcan-gorma no dearcan-coille an ìre mhath abaich: the blaeberries were pretty much ripe; air an talamh, far an robh poll, bha lorgan-coise aig fiadh air choreigin: on the ground, where there was mud, there were the hoofprints of some deer or other; rud beag na bu lugha na lorgan-coise an fhèidh ruaidh: a little smaller than the hoofprints of the red deer; stiall far an robh a cnà mh-droma: a stripe where her backbone was; chaidh mi ga h-ionnsaigh gu slaodach: I went towards her slowly; ri snotaireachd fad na h-ùine: continually sniffing the air; cha d’ fhairich i m’ fhà ileadh: she didn’t detect my smell; tòrr dhiofar fhuaimean, eadar fead, sgreuch, glagadaich is gnòst: many different sounds, between a whistle, scream, clacking and groaning; bha dà dhiubh là imh ri chèile, agus iad a’ spioladh ʼs ag ionaltradh còmhla: two of them were next to each other, browsing and grazing together; air an toirt a-steach a dh’aona-ghnothach le uachdaran: deliberately introduced by a landowner; bidh cuid de dh’oighreachdan gam marbhadh is a’ reic an cuid feòla: some estates kill them and sell their meat; cha chreid mi gum faigh sinn cuidhteas iad a-chaoidh: I don’t think we’ll ever get rid of them; bidh na fèidh Iapanach againn gu sìorraidh: sika deer will always be with us; feumaidh sinn a' fàs cleachdte ris na fuaimean à raidh a tha iad a’ dèanamh: we’ll have to get used to the strange sounds they make.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: eadar na craobhan, chithinn Loch Nis: between the trees, I could see Loch Ness. Chithinn is the first person singular conditional (‘would’) form of the irregular verb faic ‘see’. It can also mean ‘I would see’ or ‘I used to see’. However, it is good to remember that with this verb you don’t need to translate ‘I could see X’ as ‘b’ urrainn dhomh X fhaicinn’. Chithinn will do the job. This also applies to other verbal forms. For example chì mi can mean ‘I can see’ as well as ‘I will see’. Am faic thu bà ta? ‘can you see a boat?’ Chì ‘yes, I can’.Ìý
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha mi air mo dhòigh: I was very happy.
Broadcasts
- Sun 4 Oct 2020 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Oct 2020 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.