Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1106
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1106. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 30 Sep 2020
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 802
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1106
Duration: 05:00
Litir 1106: An Dreathan-donn
Tha mo smuaintean air an dreathan-donn an-diugh. Eun beag le cridhe mòr! Bha mi sa mhonadh as t-samhradh – air iomall Inbhir Nis, gun a bhith fada bhon taigh agam. Ghabh mi lòn, agus mi nam shuidhe air cùl preas fraoich. Fhad ʼs a bha mi an sin, bha dreathan-donn air sgèith mu mo thimcheall, ag èigheachd ʼs a’ gearan. Feumaidh gun robh nead aige faisg air là imh.
Agus dè bha e ag rà dh? Uill, bhiodh na seann daoine a’ cur nam faclan seo ann am beul an dreathain-duinn.Ìý
Thig thig, thig a dhiol-dèirce, Thig thig, thig a ghille-frìde; Is gillean-frìde na h-eòin uile, Ach mise leam fhìn, Ach mise leam fhìn, Gillean-frìde, gillean-frìde.
Gillean-frìde – mites, rudan beaga bìodach, suarach. Tha an dreathan-donn a’ cur ‘gillean-frìde’ air na h-eòin eile mar gur e eun mòr gaisgeil a th’ ann fhèin! Tha sin gar toirt gu cnag na cùise. Bha na Gà idheil riamh dhen bharail gu bheil deagh bheachd aig an dreathan-donn air fhèin. Ged a tha e beag, chan eil e bog. Tha e là n misneachd.Ìý
Chì sinn sin anns an t-seanfhacal mun dreathan: Is bigid e sin, is bigid e sin, mar a thuirt an dreathan-donn, nuair a thug e là n a ghuib às a’ mhuir ‘tis the less for that, tis the less for that, as the wren said, when it sipped a bill-full from the sea.’ Is bigid e sin, is bigid e sin, mar a thuirt an dreathan-donn, nuair a thug e là n a ghuib às a’ mhuir.
Tha seann naidheachd mun strì eadar an dreathan-donn agus rìgh nan eun, an iolair-bhuidhe. Tha i a’ sealltainn mar a tha an dreathan cho dà na ri Bran. Latha a bha seo, bha an iolair a’ bòstadh mu cho comasach is cumhachdach ʼs a bha i. ‘Thèid mise air sgèith nas à irde na eun sam bith eile,’ thuirt i, gu h-à rdanach.Ìý
Cha robh gin de na h-eòin eile deònach a dhol na h-aghaidh. Uill, cha robh, ach a-mhà in an dreathan-donn. ‘Ist, ʼs urrainn dhòmhsa dhol nas à irde na thu fhèin,’ thuirt an dreathan.
‘Thusa?!’ ars an iolair, gu fanaideach. ‘Chan eil annad ach isean lag. Seall cho beag ʼs a tha thu. Cha bhi thu a’ dol fada bho na preasan is creagan. Bidh mi a’ coimhead sìos air do leithid, nuair a tha mi shuas à rd, oir is mise rìgh nan eun.’
‘Siuthad, ma-thà ,’ ars an dreathan-donn. ‘Dearbh e dhuinn!’ Leis an dùbhlan sin, chaidh an iolair an-à irde. Ghabh i a’ ghaoth fo a sgiathan agus chaidh i suas … is suas. Bha i fada os cionn na talmhainn.
Thug an iolair sùil air an talamh fada fòidhpe. Bha a h-uile rud cho beag bìodach. Cha robh sgeul air an dreathan-donn. Amadan de dh’isean, ag rà dh gum b’ urrainn dha a dhol na b’ à irde na iolair!
Agus a-nise an còmhradh: Cà ite a bheil thu, ’dhreathain-duinn? Tha mi ’n seo, os do chinn! Tha an iolair a’ gabhail iongnadh. Tha an dreathan-donn air a druim. Bha e cho aotrom ʼs nach do mhothaich an iolair dha. Agus, gu dearbh, bha e na b’ à irde na ʼn iolair!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: dreathan-donn: wren; air sgèith: flying, on the wing; nead: nest; suarach: trifling; a’ bòstadh: boasting; gu h-à rdanach: haughtily; gu fanaideach: in a mocking manner; fada fòidhpe: far below her.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Eun beag le cridhe mòr: a little bird with a big heart; gun a bhith fada bhon taigh agam: not far from my house; ghabh mi lòn, agus mi nam shuidhe air cùl preas fraoich: I took lunch while sitting behind a heather bush; thig a dhiol-dèirce: come, oh beggar; is gillean-frìde na h-eòin uile, ach mise leam fhìn: all the birds are mites (ie tiny), except me alone; mar gur e eun mòr gaisgeil a th’ ann fhèin: as if it were itself a big, brave bird; tha sin gar toirt gu cnag na cùise: that brings us to the heart of the matter; dhen bharail gu bheil deagh bheachd aig an dreathan-donn air fhèin: of the view that the wren has a high opinion of itself; cho dà na ri Bran: as bold as Bran (Fionn’s dog); cha robh gin de na h-eòin eile deònach a dhol na h-aghaidh: none of the other birds were willing to go against her; chan eil annad ach isean lag: you’re just a weak chick/wee bird; seall cho beag ʼs a tha thu: look how small you are; dearbh e dhuinn: prove it to us; chaidh an iolair an-à irde: the eagle ascended; cà ite a bheil thu, ’dhreathain-duinn?: where are you, wren?; tha mi ’n seo, os do chinn!: I’m here above you [chinn, which rhymes with duinn, is a variant of chionn].
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bhiodh na seann daoine a’ cur nam faclan seo ann am beul an dreathain-duinn: the old people would put these words in the mouth of the wren. Dreathan-donn is a compound noun. The latter element means ‘brown’ but the etymology of the first element is cryptic. Because the basic word of the compound is dreathan (donn being merely a descriptor), this is the word that inflects – so it is slenderised in the genitive singular. Donn also slenderises (as is the rule) so it becomes duinn. You might expect dhuinn but the lenition of the ‘d’ is blocked by the terminal ‘n’ on dreathain (another rule!)
Seanfhacal na Litreach
Seanfhacal na Litreach: Is bigid e sin, is bigid e sin, mar a thuirt an dreathan-donn, nuair a thug e là n a ghuib às a’ mhuir: ʼtis the less for that, ʼtis the less for that, as the wren said, when it sipped a bill-full from the sea.
Broadcasts
- Sun 27 Sep 2020 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Sep 2020 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.