Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1103
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1103. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 9 Sep 2020
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 799
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1103
Duration: 05:00
Litir 1103: Naomh Meircheard (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Meircheard agus Gleann Moireasdan. Anns an t-seann aimsir, nuair a bhiodh cuideigin a’ bà sachadh, bhiodh an t-each a b’ fheà rr aige air a thoirt seachad don uachdaran. B’ e sin an t-each-ursainn. Mura robh each aig an duine, gheibheadh an t-uachdaran an aon luach ann an crodh no caoraich.
Dusan ceud bliadhna an dèidh bàs Meircheard, chaochail fear ann an Gleann Moireasdan. Dh’fhà g e banntrach às a dhèidh. Cha robh each aig an duine, agus thug bà illidh na h-oighreachd leis luach eich ann an caoraich. Bha am bà illidh ag obair don uachdaran Ghranndach, ris an canadh iad ‘Mac Phà draig’.
Air an oidhche sin, bha am bà illidh na laighe san leabaidh, nuair a chuala e guth. Thuirt an guth:
Is mise Meircheard mòr nam feart,
ʼS mi a’ dol dhachaigh san anmoch;
Is inns thusa do Mhac Phà draig
Nach fheà irrd’ e gu brà th am meanbh-chrodh!
Bha eagal a bheatha air an duine. Dh’inns e do Mhac Phà draig dè thachair. Chaidh na caoraich a thoirt ais don bhanntraich sa bhad. Bhon latha sin a-mach, cha bhiodh an t-uachdaran ag iarraidh each-ursainn ann an Gleann Moireasdan.
Tha cunntas mu Mheircheard anns an t-seann leabhar ris an canar Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain, no The Aberdeen Breviary. Chan eil an cunntas ag ainmeachadh Ghleann Moireasdan. Ach tha e ag innse dhuinn mu bhàs an naoimh. Chaidh e don Ròimh. Bheannaich am Pà p, Griogair, e.
Chaidh Meircheard dhachaigh, a’ searmonachadh air an rathad. Rà inig e Cinn Chà rdainn, an dùthaich aige fhèin. Bha fios aige nach robh a bhàs fad-à s. Thug e òrdugh do a shearbhantan a chorp a chur air cairt. Bhiodh a’ chairt a’ gluasad leatha fhèin. Far an stadadh i – b’ e sin an t-à ite airson a thiodhlacadh.
Chaochail an naomh. Chaidh a dhust a chur air cairt. Thoisich na cuibhlichean air tionndadh leotha fhèin. Chaidh a’ chairt tarsainn Uisge Dè, agus stad i far a bheil a-nise an t-seann eaglais ann an Cinn Chà rdainn.
Air ais gu Gleann Moireasdan, ma-thà . Airson ceudan bhliadhnaichean an dèidh bà s Meircheard, bha an clag aige fhathast anns a’ ghleann – aig Clachan Meircheard. Daoine a bha tinn – cha robh aca ach buntainn ris, agus ùrnaigh a dhèanamh, agus thigeadh piseach orra. Nuair a bha tiodhlacadh gu bhith ann, bhiodh an clag a’ seirm leis fhèin, ag rà dh, ‘Dhachaigh, dhachaigh, gu do leabaidh bhuan!’Â
Dh’fhà g Meircheard rabhadh aig na daoine gun a bhith a’ cur a’ chluig a dh’uisge. Ge-tà , timcheall na bliadhna ochd ceud deug is seachdad (1870), thilg fear don abhainn e. Chaidh e fodha agus chan fhacas a-rithist e. Chaidh an duine gu ruige Farrais. Nuair a bha e na bhodach, bha fear òg à Gleann Moireasdan ag obair ann am Farrais. Chunnaic e an duine. Dh’inns e seo do a chà irdean sa ghleann. Thug iadsan tastan dha airson deoch a cheannach don duine, gus an innseadh e cà ’ robh an clag. Ach, nuair e rà inig am fear òg Farrais, bha am bodach dìreach air bà sachadh. Bu mhòr am beud.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Naomh Meircheard: St. Merchard; banntrach: widow; bà illidh na h-oighreachd: the estate factor; nam feart: of the miracles; a’ searmonachadh: preaching; Cinn Chà rdainn: Kincardine [O’Neil]; Uisge Dè: River Dee; tobhta: ruin; Farrais: Forres; tastan: shilling.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bhiodh an t-each a b’ fheà rr aige air a thoirt seachad don uachdaran: his best horse would be given to the landlord; an aon luach ann an crodh no caoraich: the same value in cattle or sheep; don uachdaran Ghranndach, ris an canadh iad ‘Mac Phà draig’: for the Grant landlord, whom they called ‘Mac Phà draig’; a’ dol dhachaigh san anmoch: going home in the evening; inns thusa do X: you tell X; nach fheà irrd’ e gu brà th am meanbh-chrodh: that he will never benefit from the sheep [literally ‘little cattle’]; bha eagal a bheatha air X: X was frightened out of his wits; chaidh e don Ròimh: he went to Rome; bheannaich am Pà p e: the Pope blessed him; nach robh a bhàs fad-à s: that his death wasn’t far away; thug e òrdugh do a shearbhantan a chorp a chur air cairt: he ordered his servants to put his body on a cart; a’ gluasad leatha fhèin: moving by itself; far an stadadh i – b’ e sin an t-à ite airson a thiodhlacadh: where it stopped – that was the place to bury him; chaidh a dhust a chur air cairt: his remains were put on a cart; cha robh aca ach buntainn ris, agus ùrnaigh a dhèanamh, agus thigeadh piseach orra: they only had to touch it, and make a prayer, and they would get better; dhachaigh, gu do leabaidh bhuan: home, to your eternal bed; chaidh e fodha agus chan fhacas a-rithist e: it sank and was never seen again; bu mhòr am beud: what a great pity.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bàs Meircheard: the death of Merchard. One would expect the genitive of a personal name like this to be the lenited Mheircheard or lenited and slenderised Mheircheird. That is indeed the form given for place names in Glenmoriston by scholars like William Mackay (who was from Glen Urquhart). However, local Gaelic speakers, interviewed in the 20th century, named places like Clachan Meirchead (they didn’t pronounce the ‘r’) and Suidhe Meirchead, without lenition and slenderisation. The name is very old and derived from Mo Eircheard ‘my Erchard’, which might explain the situation in part.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: an t-each-ursainn: the heriot [a horse or other livestock which was a death tax imposed by a landlord on the family of a tenant who died]. An appalling pan-European feudal tradition.
Broadcasts
- Sun 6 Sep 2020 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 9 Sep 2020 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.