Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1104
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1104. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 16 Sep 2020
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 800
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1104
Duration: 05:00
Litir 1104: Ailean Dubh Mac Raghnaill (1)
Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Meircheard agus Gleann Moireasdan. An t-seachdain seo, bu mhath leam innse dhuibh mu à iteachan timcheall na sgìre sin, a tha co-cheangailte ri cogadh eadar Clann ʼic Coinnich agus na Dòmhnallaich anns an t-seachdamh linn deug.
Anns a’ bhliadhna sia ceud deug ʼs a dhà (1602), ghabh Clann ʼic Coinnich greim air Caisteal an t-Sròim bho na Dòmhnallaich. Tha sin air taobh an iar Rois. Bha oighre Mhic Raghnaill à Lunndaidh ann an Gleanna Garadh fiadhaich mu dheidhinn. B’ esan Ailean Dubh – Ailean Dubh mac Raghnaill. Chuir e roimhe dìoghaltas a dhèanamh air Cloinn ʼic Coinnich.
Thòisich e le bhith a’ dol mun chuairt ann an Dùthaich ʼic Coinnich ann an riochd ceannaiche-siubhail. Mar sin, fhuair e deagh eòlas air dùthaich a nà imhdean. A rèir aithris, anns an t-Sultain sia ceud deug ʼs a trì (1603), thug e feachd leis à Gleanna Garadh gu ruige an t-Eilean Dubh. Rà inig iad an t-à ite faisg air a’ Bhlà r Dhubh madainn Didòmhnaich, nuair a bha an eaglais là n muinntir an à ite – Clann ʼic Coinnich. Chuir na Dòmhnallaich teine ris an eaglais, agus mharbh iad an fheadhainn a dh’fheuch ri teicheadh. Rinn iad tuilleadh sgrios air an rathad dhachaigh.
Chaidh iad tarsainn Ghleann Urchardain agus stad iad air mòinteach eadar Meall Fuar-mhonaidh agus Loch Nis. Bha feachd aig Clann ʼic Coinnich air an tòir. Chunnaic iad na Dòmhnallaich agus thà inig iad sìos orra le droch rùn. Mharbh iad tòrr de na Dòmhnallaich, agus ʼs e Lòn na Fala a chanas daoine ris an à ite sin chun an latha an-diugh.
Theich Ailean Dubh le a bheatha. Rà inig e allt air a bheil Allt a’ Ghiubhais mar ainm. Bha clais dhomhainn ann. Ruith Ailean mar pheilear, agus leum e thairis air an allt. Dh’fheuch fear de Chloinn ʼic Coinnich leantainn air, ach bha an leum aige goirid. Thuit e an comhair a chùil agus ghabh e grèim air craobh bheag. Thionndaidh Ailean Dubh. Le beum-claidheimh, gheà rr e stoc na craoibhe agus thuit am fear eile gu bonn na claise.
Tha an t-à ite far an do leum Ailean Dubh aithnichte chun an latha an-diugh mar Leum a’ Cheannaiche. Bidh cuimhne agaibh gun robh Ailean a’ dol timcheall ann an Siorrachd Rois, a’ toirt a’ chreidsinn gur e ceannaiche-siubhail a bh’ ann. Mar sin, ʼs e Leum a’ Cheannaiche a chuir muinntir Ghleann Urchardain air an à ite. Ann an Gleann Moireasdan, bha an t-aon à ite aithnichte mar Leum Ailein Mhic Raghnaill. Ge-tà , ʼs e Leum a’ Cheannaiche a th’ air mapaichean na Suirbhidh Òrdanais.
Cha do chuir sin stad air Clann ʼic Coinnich, ge-tà . Fhuair iadsan tarsainn an uillt aig à ite ris an canar Beul-à th nan Clach. Bha Ailean a’ tuigsinn nach biodh dol-às aige ach le bhith a’ dol a-steach a Loch Nis fhèin. A rèir beul-aithris, bha ceann-cinnidh nam Frisealach à Foithir a’ feitheamh ris le bà ta. Shnà mh Ailean Dubh a-null don bhà ta agus mar sin, fhuair e air falbh bho a nà imhdean.
Cha b’ e sin deireadh a’ ghnothaich, ge-tà . Chaidh Ailean Dubh am falach ann an Gleanna Garadh, mar a chluinneas sibh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Caisteal an t-Sròim: Strome Castle; oighre: heir; Lunndaidh: Lundie; Gleanna Garadh: Glengarry; Lòn na Fala [Fola]: ‘the damp meadow of the blood’; comharraichte: marked; clais: gorge; beum-claidheimh: a sword-stroke.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: cogadh eadar Clann ʼic Coinnich agus na Dòmhnallaich anns an t-seachdamh linn deug: a war between the MacKenzies and the MacDonalds in the 17th century; chuir e roimhe dìoghaltas a dhèanamh air X: he decided to gain revenge on X; a’ dol mun chuairt ann an Dùthaich ʼic Coinnich ann an riochd ceannaiche-siubhail: going around in the MacKenzie country in the guise of a pedlar; gu ruige an t- Eilean Dubh: to the Black Isle; faisg air a’ Bhlà r Dhubh: near Muir of Ord; mharbh iad an fheadhainn a dh’fheuch ri teicheadh: they killed those who tried to flee; tuilleadh sgrios air an rathad dhachaigh: more depradations on the way home; mòinteach eadar Meall Fuar-mhonaidh agus Loch Nis: a moor between Meall Fuarvonie and Loch Ness; theich X le a bheatha: X escaped with his life; thuit e an comhair a chùil agus ghabh e grèim air craobh bheag: he fell backwards and grabbed a small tree; a’ toirt a’ chreidsinn gur e ceannaiche-siubhail a bh’ ann: pretending he was a pedlar; bha ceann-cinnidh nam Frisealach à Foithir a’ feitheamh ris le bà ta: the chief of the Frasers of Foyers was waiting for him with a boat; shnà mh Ailean Dubh a-null don bhà ta: Ailean Dubh swam over to the boat; cha b’ e sin deireadh a’ ghnothaich, ge-tà : that wasn’t the end of the matter, however; chaidh X am falach: X went to hide.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: aithnichte chun an latha an-diugh mar Leum a’ Cheannaiche: known to this day as ‘the leap of the merchant’. This is a good example of a place-name which can only be understood through a knowledge of historical events (in this case illuminated by William Mackay in his book ‘Urquhart and Glenmoriston’). It refers to Ailean Dubh Mac Raghnaill who scouted the Ross-shire country of his enemies while disguised as a pedlar (ceannaiche-siubhail), and who escaped their pursuit by leaping the gorge at this point. And, of course, it is intimately connected to the nearby Lòn na Fala [Lòn na Fola (OS)], although that would not be immediately obvious. I would encourage all of you to take a close interest in your local history, ecology and place-names, and make efforts to find the links between them.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: fhuair e deagh eòlas air dùthaich a nà imhdean: he obtained good knowledge of the country of his enemies.
Broadcasts
- Sun 13 Sep 2020 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 16 Sep 2020 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.