Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1102
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1102. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 2 Sep 2020
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 798
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1102
Duration: 05:00
Litir 1102: Naomh Meircheard (1)
An cuala sibh mu Naomh Meircheard? Is esan an naomh sònraichte ann an Gleann Moireasdan. Ann am Beurla, tha daoine eòlach air mar St. Merchard no St. Irchard. Bha cleachdadh aig ar sinnsearan ‘mo’ a chur air beulaibh ainm naoimh. Dh’atharraich Mo Eircheard gu Meircheard. Bhiodh muinntir Ghleann Moireasdan ga fhuaimneachadh mar ‘Meirchead’.
Rugadh is thogadh e faisg air Obar Dheathain ann an sgìre Chinn Chà rdainn – sgìre ris an canar ann am Beurla Kincardine O’Neil. Bha e na Chrìosdaidh on a bha e òg. Latha a bha seo, a rèir beul-aithris, bha Meircheard ann an Srath Ghlais le dithis eile. Bha an triùir aca a’ sgaoileadh an t-soisgeil.Â
Chaidh aire a thoirt gu bò bhà n. Latha an dèidh latha, bhiodh a’ bhò na seasamh faisg air craobh, a’ coimhead oirre. Cha bhiodh i a’ cur a beòil sìos airson ithe. Cha robh i ach a’ toirt sùil air a’ chraoibh fad an latha. A dh’aindeoin sin, bhiodh a’ bhò a’ dol dhachaigh gach feasgar, agus coltas oirre gun robh i air a leòr de dh’fheur ithe.
Dè rinn Meircheard, ach gun do chladhaich e anns an ùir aig bonn na craoibhe. Lorg e trì clagan. Bha iad uile gleansach, ùr-nodha a’ coimhead, mar gun robh iad air an dèanamh an latha sin fhèin.Â
Chùm Meircheard fear de na clagan dha fhèin. Thug e na dhà eile do a chompanaich. Dh’iarr e orra falbh, gach duine air an rathad aige fhèin. ‘Nuair a sheirmeas an clag leis fhèin an treas turas, a chà irdean,’ thuirt e, ‘togaibh eaglais an sin.’
Dh’fhalbh a’ chiad duine chun na h-à irde an ear. Sheirm an clag trì tursan. An turas mu dheireadh, bha e ann an Gleann a’ Chonfhadhaich, deas air a’ Mhanachainn. Tha seann eaglais is cladh an sin fhathast.
Dh’fhalbh an dà rna fear chun na h-à irde an iar. Nuair a sheirm an clag aigesan treas turas, bha e anns an Àth Leathann san Eilean Sgitheanach.
Agus Meircheard fhèin, dh’fhalbh esan chun na h-à irde a deas, suas Srath Ghlais an toiseach. An uair sin, chaidh e tarsainn a’ mhonaidh a dh’ionnsaigh Ghleann Moireasdan. Bha e air mullach an sin nuair a sheirm an clag aige a’ chiad turas. Chuir muinntir an à ite an t-ainm air a’ bheinn ud Suidhe Meircheard. Anns an latha an-diugh, ʼs e dìreach An Suidhe a th’ air na mapaichean, no mar a chanas na Gà idheil timcheall Loch Nis, An Suidh.
Lean Meircheard air gu deas, agus rà inig e Gleann Moireasdan. Stad e aig fuaran faisg air Baile an Tom Buidhe agus sheirm an clag a-rithist. ʼS e Fuaran Meircheard a th’ air an fhuaran sin. Gu mì-fhortanach, chan eil e air na mapaichean. Cha deach am pears-eaglais fada nuair a sheirm an clag a-rithist. Sin far an do stad ar laoch. Thog e eaglais ann, agus canaidh daoine Clachan Meircheard ris an à ite, ged nach eil dad ann a-nise ach seann chladh.
Dh’fhuirich Meircheard ann an Gleann Moireasdan fad ùine mhòr. ʼS e searmonaiche math a bh’ ann, agus bha grà dh aig muinntir an à ite air. Agus mar a chì sinn an-ath-sheachdain, bha an clag aige ainmeil. Thairis air na linntean, bho à m gu à m, bhiodh e a’ seirm leis fhèin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Naomh Meircheard: St. Merchard; Srath Ghlais: Strathglass; togaibh: build; Gleann a’ Chonfhadhaich: Glen Convinth; fuaran: spring [well]; pears-eaglais: churchman, cleric; cladh: cemetery.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha cleachdadh aig ar sinnsearan ‘mo’ a chur air beulaibh ainm naoimh: our ancestors had the practice of putting ‘mo’ before a saint’s name; faisg air Obar Dheathain ann an sgìre Chinn Chà rdainn: near Aberdeen in the area of Kincardine [O’Neil]; bha e na Chrìosdaidh on a bha e òg: he was a Christian from a young age; bha an triùir aca a’ sgaoileadh an t-soisgeil: the three of them were spreading the gospel; bhiodh a’ bhò na seasamh faisg air craobh, a’ coimhead oirre: the cow would stand near a tree, looking at it; cha bhiodh i a’ cur a beòil sìos airson ithe: she wouldn’t put her head down to eat; dè rinn X, ach gun do chladhaich e anns an ùir aig bonn na craoibhe: what did X do, except dig in the soil at the base of the tree; gleansach, ùr-nodha a’ coimhead: shiny and brand-new in appearance; chùm X fear de na clagan dha fhèin: X kept one of the bells for himself; gach duine air an rathad aige fhèin: each man on his own route; sheirm an clag trì tursan: the bell rang three times; deas air a’ Mhanachainn: south of Beauly; nuair a sheirm an clag aigesan treas turas, bha e anns an Àth Leathann: when his bell rang the third time, he was in Broadford; chun na h-à irde a deas: to the south; tarsainn a’ mhonaidh a dh’ionnsaigh: across the hills towards; ʼs e searmonaiche math a bh’ ann: he was a good preacher; bha grà dh aig muinntir an à ite air: the local people loved him.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Baile an Tom Buidhe: Balintombuie. This is the name of a small settlement in Glenmoriston. You might expect it to be Baile an Tuim Bhuidhe which would be ‘correct’ grammatically, with an Tuim Bhuidhe being the genitive form of noun and adjective (it is adjacent to a hill called an Tom Buidhe), but the toponym is Baile an Tom Buidhe in the records and in the speech of the last fluent native speakers of Glenmoriston Gaelic. The adjective sometimes has the effect of annulling the genitive singular inflection of masculine nouns, and this is likely to be an example.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gun robh i air a leòr de dh’fheur ithe: that she had eaten her fill of grass.
Broadcasts
- Sun 30 Aug 2020 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 2 Sep 2020 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.