Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1066

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1066. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 22 Dec 2019 22:30

Clip

Litir 1066: Muileann Bheannchair (2)

Bha mi ag innse dhuibh mun mhallachd a bh’ air Muileann Bheannchair ann am Bàideanach. Bha muinntir Ghleann Bheannchair agus Bhail’ Ùr an t-Slèibh a’ cleachdadh a’ mhuilinn. Chaidh buidheann dhiubh gu taigh na bana-bhuidsich airson bruidhinn rithe. Dh’iarr iad oirre a mallachd a thogail gus am biodh comas aig daoine a bhith ag obrachadh a’ mhuilinn.

Dh’aontaich a’ bhana-bhuidseach sin a dhèanamh ach a-mhàin air Latha Fèill Brìde. Air an latha sin gach bliadhna, duine sam bith a bhiodh ag obair sa mhuileann, bhiodh e a’ fulang gu dubh.

Air sàillibh sin, cha do rinn muillear Ghleann Bheannchair obair sam bith air Latha Fèill Brìde. Sin mar a bha airson greis mhòr. Ach thàinig muillear ùr, agus bha esan dhen bheachd nach robh anns a’ ghnothach ach saobh-chràbhadh gun bhrìgh. Dh’inns e do mhuinntir a’ ghlinne gum biodh am muileann fosgailte, agus ag obair, air Latha Fèill Brìde.

Thàinig an latha sin, agus cha do nochd aon duine aig a’ mhuileann. Ach bha arbhar aig a’ mhuillear fhèin agus chuir e sin tron mhuileann. Fhad ʼs a bha na clachan-brà a’ tionndadh, bha fuaim uabhasach mar dhìosgan a’ tighinn bhuapa. Nuair a thug am muillear sùil air a’ mhin, fhuair e a-mach gun robh i measgaichte le gainmheach, agus gun fheum sam bith mar bhiadh do dhuine no beathach.

Nuair a thug e sùil air na clachan-brà, lorg e tè a bha sgàinte. Chuir e an tè sin am falach agus chuir e tè ùr na h-àite. Dh’inns e do mhuinntir Ghleann Bheannchair gun robh am muileann ag obair ceart gu leòr, a dh’aindeoin ʼs gun robh e air a bhith a’ dol Latha Fèill Brìde. 

Ge-tà, nuair a thàinig daoine eile le arbhar, cha b’ urrainn don mhuillear am muileann a chur air dol. Agus bha an sìol-lann – far an robh gràn air a stòradh – làn radan. Dh’ith na radain an gràn air fad. Dh’fhalbh am muillear mus robh a’ bhliadhna seachad. Ach loisg am muileann ùr aige gu làr, agus chaochail am muillear ann am bochdainn.

An ceann ùine, thàinig muillear ùr a Mhuileann Bheannchair. Bha uchd-mhac aige a bhuineadh don luchd-siubhail. Ruith an dithis am muileann airson grunn bhliadhnaichean, ga chumail dùinte air Latha Fèill Brìde. Cha robh duilgheadas sam bith aca.

Nuair a chaochail an duine seo, agus nuair a thàinig fear eile na àite, cha b’ urrainn dha am muileann a chur air dol. Chuir e fios don uchd-mhac aig an t-seann mhuillear. Dh’iarr e taic air airson am muileann a chur air dol. Dh’aontaich an gille a chuideachadh ach bha e airson a bhith leis fhèin anns a’ mhuileann. Bha pìos fiodha sònraichte aige am falach anns a’ mhuileann. Le bhith a’ cleachdadh sin ann an dòigh dhìomhair, cha b’ fhada gus an robh am muileann ag obair a-rithist.

Dhiùlt an gille an rùn-dìomhair aige innse do dhuine sam bith eile. Cha robh roghainn aig muinntir an àite ach e fhèin fhastadh mar mhuillear. Ach, ged a bha am muileann ag obair, cha robh an gille math mar mhuillear, agus dhùin am muileann. Chan eil ann am Muileann Bheannchair a-nise ach tobhta. Ach tha cuimhne fhathast aig muinntir Bhail’ Ùr an t-Slèibh air mar a bhiodh na seann daoine a’ diùltadh am muileann obrachadh air Latha Fèill Brìde.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Muileann Bheannchair: The Banchor Mill; Bàideanach: Badenoch; Bail’ Ùr an t-Slèibh: Newtonmore; Latha Fèill Brìde: St Bride’s Feast Day; arbhar: unmilled corn [cereal]; sìol-lann: granary; radain: rats; rùn-dìomhair: secret.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Chaidh buidheann dhiubh gu taigh na bana-bhuidsich airson bruidhinn rithe: a group of them went to the witch’s house to speak to her; dh’iarr iad oirre a mallachd a thogail: they asked her to lift her curse; bhiodh e a’ fulang gu dubh: he would suffer badly; sin mar a bha airson greis mhòr: that’s how it was for quite some time; bha esan dhen bheachd nach robh anns a’ ghnothach ach saobh-chràbhadh gun bhrìgh: he was of the opinion that the matter was simply meaningless superstition; fhad ʼs a bha na clachan-brà a’ tionndadh: while the quernstones were turning; nuair a thug am muillear sùil air a’ mhin: when the miller examined the meal; gun robh i measgaichte le gainmheach: that it was mixed with sand; gun fheum sam bith mar bhiadh do dhuine no beathach: useless as food for man or beast; lorg e tè a bha sgàinte: he found one that was split; chuir e tè ùr na h-àite: he put a new one in its place; cha b’ urrainn don mhuillear am muileann a chur air dol: the miller couldn’t get the mill going; chaochail am muillear ann am bochdainn: the miller died in poverty; bha uchd-mhac aige a bhuineadh don luchd-siubhail: he had an adopted son who belonged to the travelling people; dh’aontaich an gille a chuideachadh ach bha e airson a bhith leis fhèin anns a’ mhuileann: the lad agreed to help him but he wanted to be alone in the mill; mar a bhiodh X a’ diùltadh am muileann obrachadh air Latha Fèill Brìde: how X would refuse to work the mill on St Bride’s Feast Day.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: gus am biodh comas aig daoine a bhith ag obrachadh a’ mhuilinn: so that people were able to work the mill. In mainland Scotland and many islands, muileann is a masculine noun; in the genitive singular with the article it is a’ mhuilinn [here following the verbal noun ag obrachadh]. In Lewis and Harris, however, it is often a feminine noun with the genitive singular form na muilne.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha fuaim uabhasach mar dhìosgan a’ tighinn bhuapa: a terrible sound like grating [eg teeth grating on each other] was coming from them.

Broadcast

  • Sun 22 Dec 2019 22:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast