Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1067
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1067. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 29 Dec 2019
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 763
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1067
Duration: 05:00
Litir 1067: Cailean Caimbeul, Ailtire
O chionn ghoirid bha mi ann an dà dhachaigh mhòr stà iteil a tha ceangailte ri chèile. ʼS e fear dhiubh Caisteal Bhrothaigh – Brodie Castle – ann am Moireibh. ʼS e am fear eile Stourhead air crìochan Wiltshire is Somerset ann an Sasainn. Tha iad ceangailte ri chèile le ailtire.
Tha Stourhead brèagha. Tha an leas à lainn, le craobhan mòra ann, agus faoin-thogalaichean ri taobh loch. Chaidh a thogail às ùr trà th anns an ochdamh linn deug. Agus bʼ e an t-ailtire a dhealbhaich e – fear Cailean Caimbeul a bha na Albannach. Rugadh e ann an Caisteal Bhrothaigh ann an sia ceud deug, seachdad ʼs a sia (1676).
Bhuineadh Cailean do na Caimbeulaich leis an robh Caisteal Challadair. Fhuair e oideachadh ann an lagh ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Ach dh’fhà g e an dreuchd aige, agus Alba, airson a bhith na ailtire ann an Sasainn. Choisinn e cliù dha fhèin an sin, agus dh’fhuirich e an còrr de a bheatha ann an Sasainn agus san Eadailt. Bha e gu mòr a’ leantainn ailtireachd Andreas Palladio, ailtire Eadailteach. Bha Palladio dìleas do stoidhle nan togalaichean clasaigeach anns an Ròimh agus sa Ghrèig. Canaidh daoine ‘Palladian’ ris an stoidhle aige.
Dh’fhàs an Caimbeulach ainmeil. Sgrìobh e an leabhar Vitruvius Britannicus, a chaidh fhoillseachadh ann an seachd ceud deug is còig-deug (1715). Bha e mu dheidhinn ailtireachd, agus na riochdan clasaigeach a b’ fheà rr leis a’ Chaimbeulach. Chaochail Cailean ann an seachd ceud deug, fichead ’s a naoi (1729). Cha do mhair an dreuchd aige mar ailtire fada, ach bha e cliùmhor nuair a chaochail e.
Ge-tà , cha robh a bheatha às aonais connspaid. Fhuair e obair mar Leas-à rd-shuirbhidhear aig a’ Bhòrd Obrach Rìoghail. Nuair a bha e san dreuchd sin, rinn e rannsachadh air staid Thaigh nan Cumantan ann an Lunnainn. Mhol an aithisg aige gun dèante obair mhòr air an togalach, oir bha e ann an droch staid. Ach chaidh fios a sgaoileadh gun robh an Caimbeulach air a bhith ri foill, agus e an dùil an cùmhnant fhaighinn airson obair-cà raidh air an togalach – nach robh ann an staid cho dona ’s a bha e a’ cumail a-mach!
An latha a bha mi ann an à ite-breith a’ Chaimbeulaich – Caisteal Bhrothaigh – bha fèill dhibhe is bhìdh ann. Chaidh mi a’ choimhead air stà ile far an robhar a’ reic mil-dheoch. Sin deoch-là idir a thathar a’ dèanamh le mil. Ann am Beurla, mead.Ìý
Bha mi-fhìn is a’ bhean agam a’ bruidhinn ri chèile ann an Gà idhlig mun deoch. Bha sinn air beulaibh an duine a bha ga reic. Gu fortanach, bha sinn air a bhith modhail – oir bhruidhinn an duine rinn ann an Gà idhlig!Â
Tha Crìsdean Mac a’ Mhaoilein air a bhith a’ dèanamh mil-dheoch fad beagan bhliadhnaichean. Tha e stèidhichte ann an Cill Mhìcheil ann an Siorrachd Pheairt, le ionad-obrach ann am Blà r Ghobharaidh. Tha e a’ faighinn na meala aige ann an Srath Àrdail faisg air an dachaigh aige, agus tha e a’ grùdadh na dibhe ann an dòigh nà darrach, stèidhichte air rannsachadh a rinn e air na dòighean-obrach à rsaidh air feadh ceann a tuath na Roinn Eòrpa.Ìý
Chòrd e rium coinneachadh ris, agus e là n Gà idhlig. Agus bha an deoch aige math cuideachd!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Caisteal Bhrothaigh: Brodie Castle; Moireibh: Moray; crìochan: boundaries, borders; ailtire: architect; faoin-thogalaichean: follies [buildings]; dhealbhaich: designed; Cailean Caimbeul: Colen [sic] Campbell; ailtireachd: architecture; obair-cà raidh: repair work; Crìsdean Mac a’ Mhaoilein: Chris Mullin.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: dà dhachaigh mhòr stà iteil a tha ceangailte ri chèile: two stately homes that are linked to each other; a’ riochdachadh seann taigh mòr aig teaghlach beartach: representing an old estate house belonging to a rich family; chaidh a thogail às ùr: it was completely rebuilt; leis an robh Caisteal Challadair: who owned Cawdor Castle; choisinn e cliù dha fhèin: he built a reputation; dh’fhuirich e an còrr de a bheatha ann an Sasainn agus san Eadailt: he lived the rest of his life in England and Italy; cha do mhair an dreuchd aige fada, ach bha e cliùmhor nuair a chaochail e: his career didn’t last long, but he was well-known when he died; cha robh a bheatha às aonais connspaid: his life wasn’t without controversy; Leas-à rd-shuirbhidhear aig a’ Bhòrd Obrach Rìoghail: Deputy Surveyor-General at the Royal Board of Works; rinn e sgrùdadh air staid Thaigh nan Cumantan: he examined the state of the House of Commons; gun dèante obair mhòr air an togalach: that a lot of work [would] be done on the building; chaidh fios a sgaoileadh: news was spread; stà ile far an robhar a’ reic mil-dheoch: a stall where mead was being sold; stèidhichte ann an Cill Mhìcheil ann an Siorrachd Pheairt, le ionad-obrach ann am Blà r Ghobharaidh: based in Kirkmichael in Perthshire, with his workplace in Blairgowrie; tha e a’ faighinn na meala aige ann an Srath Àrdail: he gets his honey in Strathardle; tha e a’ grùdadh na dibhe ann an dòigh nà darrach: he brews the drink in a natural way; dòighean-obrach à rsaidh air feadh ceann a tuath na Roinn Eòrpa: ancient ways of working throughout northern Europe.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bha fèill dhibhe is bhìdh ann: there was a drink and food festival. Historically, the genitive singular form of deoch ‘drink’ was dighe but it is commonly pronounced ‘d¾±²ú³ó±ð’, and now commonly written that way (cf leughadh which is not written leubhagh, despite that common pronunciation). It (and ²úì»å³ó ‘of food’ are here lenited following the feminine noun ´Úè¾±±ô±ô, as they are acting adjectivally.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gun robh an Caimbeulach air a bhith ri foill: that Campbell had been involved in deceit.
Broadcast
- Sun 29 Dec 2019 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.