Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1056
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1056. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 16 Oct 2019
23:30
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 752
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1056
Duration: 05:00
Litir 1056: Caisteal Dhùn Bheagain (2)
Bha mi ag innse dhuibh mun Bhrataich Shìth no Fairy Flag aig Clann ʼic Leòid. Tha i ann an Caisteal Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach. Tha trì stòiridhean eile ann mun bhrataich agus mar a thà inig i gu bhith cho cudromach do Chloinn ʼic Leòid.
Bha fear MacDhiarmaid, a bha na threabhaiche. Thug sìthiche bogsa dha airson a’ chinn-chinnidh. Thug an treabhaiche am bogsa a Chaisteal Dhùn Bheagain. Bha a’ Bhean-uasal NicLeòid air bhioran faighinn a-mach dè bha am broinn a’ bhogsa. Bha a’ bhean-uasal an dùil leanabh a bhith aice an ceann ùine gun a bhith fada. Ach, nuair a thug i sùil air a’ bhrataich, ʼs ann a ghabh i eagal a beatha agus thòisich an spà irn-bhreith sa mhionaid! Agus nochd an leanabh goirid an dèidh sin. A rèir aithris, thachair an aon rud do na beathaichean gu lèir ann an dùthaich MhicLeòid – na bà , na là irichean, na caoraich agus na mucan. Bha breith gu leòr a’ dol an latha sin!
Tha stòiridh eile ann mun bhrataich. Oidhche a bha seo, bha cuirm mhòr ann an Caisteal Dhùn Bheagain. Bha tè-altraim a’ cumail sùil air mac òg a’ chinn-chinnidh fhad ʼs a bha cà ch ri hòro-gheallaidh. Chuir i an leanabh na chreathail anns an t-seòmar aige anns a’ phìos dhen chaisteal ris an canar Tùr nan Sìthichean no Fairy Tower. Bha e na chadal agus dh’fhalbh an tè-altraim a ghabhail pà irt anns a’ chuirm ann an daingneach a’ chaisteil.
Fhad ʼs a bha i air falbh, dh’fhàs an gille an-fhoiseil. Bhreab e a phlaide dheth agus bha e a’ fàs fuar. Thà inig sìthiche airson cobhair a dhèanamh air. Chuir e seà la shìoda timcheall a’ ghille. Nuair a thill an nighean don t-seòmar, thog i an gille, fhathast leis an t-seà la timcheall air, agus dh’fhalbh i don chuirm leis. Tuigidh sibh gum b’ i an t-seà la a’ Bhratach Shìth. Nuair a chaidh an dithis a-steach far an robh cà ch, lìonadh an seòmar le guthan shìthichean, ged nach fhaicte iad, agus iad a’ seinn tà ladh sònraichte.
Agus tha aon stòiridh eile ann. Uair a bha seo, phòs ceann-cinnidh nan Leòdach bean-shìth. Bha iad a’ fuireach còmhla ann an tìr nan sìthichean. Bha an Leòdach ag iarraidh tilleadh do a mhuinntir fhèin. Leig iad soraidh le chèile aig an drochaid tarsainn an uillt aig Beul-atha nan Trì Allt. Canaidh daoine Fairy Bridge rithe ann am Beurla.
Thug a’ bhean-shìth a’ Bhratach Shìth don cheann-chinnidh. Thuirt i ris, nam biodh e ann an èiginn aig à m catha, nach leigeadh e leas ach a’ bhratach a thoirt a-mach agus a crathadh. Agus bhiodh buaidh aige. Ach thug i rabhadh dha nach obraicheadh i ach trì tursan.
A rèir muinntir a’ Chaisteil, chrath an ceann-cinnidh a’ Bhratach Shìth dà thuras ann an cath nuair a bha na Leòdaich ann an èiginn. Gach turas bha buaidh aca.Â
Agus ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a naoi (1939) bha teine anns a’ Chaisteal. Bha a’ ghaoth à rd agus bha cunnart ann gum biodh an caisteal air a sgrios. Ach, nuair a thugadh a’ Bhratach a-mach às a’ chaisteal, ʼs ann a shocraich a’ ghaoth agus chaidh an caisteal a shà bhaladh! Mas breug bhuam e, ʼs breug thugam e!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Caisteal Dhùn Bheagain: Dunvegan Castle; treabhaiche: ploughman; cuirm: feast; breith: birth; daingneach: keep (of castle); an-fhoiseil: uneasy; buaidh: victory.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: mar a thà inig i gu bhith cho cudromach do Chloinn ʼic Leòid: how it came to be so important to Clan MacLeod; am broinn a’ bhogsa: inside the box; an dùil leanabh a bhith aice an ceann ùine gun a bhith fada: expecting to have a baby in the near future; thòisich an spà irn-bhreith sa mhionaid: the labour began straight away; na bà , na là irichean, na caoraich agus na mucan: the cows, the mares, the sheep and the pigs; bha tè-altraim a’ cumail sùil air mac òg a’ chinn-chinnidh: a nurse was looking after the clan chief’s young son; fhad ʼs a bha cà ch ri hòro-gheallaidh: while the others were having fun; chuir i an leanabh na chreathail: she put the baby in his cradle; bhreab e a phlaide dheth: he kicked the blanket off; thà inig sìthiche airson cobhair a dhèanamh air: a fairy came to help him; chuir e seà la shìoda timcheall a’ ghille: he put a silk shawl around the lad; lìonadh an seòmar le guthan shìthichean: the room was filled with voices of fairies; ged nach fhaicte iad: although they couldn’t be seen; a’ seinn tà ladh sònraichte: singing a special lullaby; leig iad soraidh le chèile: they farewelled each other; phòs ceann-cinnidh nan Leòdach bean-shìth: a MacLeod chief married a fairy woman; tilleadh do a mhuinntir fhèin: returning to his own people, ann an èiginn aig à m catha: in dire straits at a time of battle; nach leigeadh e leas ach a’ bhratach a thoirt a-mach agus a crathadh: that he would only need to take out the flag and wave it; nach obraicheadh i ach trì tursan: that it would only work three times; bha cunnart ann gum biodh an caisteal air a sgrios: there was a danger that the castle would be destroyed; ʼs ann a shocraich a’ ghaoth: the wind abated; mas breug bhuam e, ʼs breug thugam e: if it’s a lie from me, it was a lie to me.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: nuair a chaidh an dithis a-steach far an robh cà ch: when the pair went in where the others were. Far can be translated as ‘where’ but it is only used with (a dependent form of) a verb. Seo far am bi mi a-mà ireach (am bi rather than bidh or bhios); seo far an suidh sinn ‘here’s where we’ll sit’; sin far an do thiodhlaic mi an t-ionmhas ‘that’s where I buried the treasure’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha a’ Bhean-uasal NicLeòid air bhioran: Lady MacLeod was excited.
Broadcasts
- Sun 13 Oct 2019 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 16 Oct 2019 23:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.