Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1055
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1055. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 9 Oct 2019
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 751
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1055
Duration: 05:00
Litir 1055: Caisteal Dhùn Bheagain (1)
O chionn grunn bhliadhnaichean, ann an Litrichean còig ceud ochdad ʼs a h-ochd (588) agus ochdad ʼs a naoi (589), dh’inns mi dhuibh mun Bhrataich Shìth no Fairy Flag aig Clann ʼic Leòid. Tha i gu math sònraichte, agus tha i air Clann ʼic Leòid a chumail sà bhailte.
Nise, feumaidh mi seo aideachadh dhuibh – agus nà ire orm – cha robh mi air a’ bhratach fhaicinn gu o chionn ghoirid nuair a chaidh mi timcheall Caisteal Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach. Chan eil mi cinnteach carson a thug e cho fada dhomh a dhol ann ach, co-dhiù, choilean mi sin am-bliadhna. Agus chòrd mo thuras rium.
Cha chanainn gun robh a’ bhratach cho brèagha ʼs a bha mi an dùil. Gu dearbh tha i ann an droch staid, le tuill gu leòr innte. Ach tha i fhathast gu math cumhachdach, co-dhiù ann an inntinn Leòdach air feadh an t-saoghail.
Tha mi ag rà dh ‘i’ oir, dhòmhsa, tha am facal ‘bratach’ boireanta. Mar sin, ʼs e ‘A’ Bhratach Shìth’ a chanainn rithe, agus ʼs e sin a th’ anns na faclairean. Ach tha muinntir a’ chaisteil a’ gabhail ‘Am Bratach Sìth’ oirre, anns na leabhraichean is soidhnichean, mar gu bheil am facal bratach fireanta. ʼS dòcha gu bheil ann an dualchainnt Dhùn Bheagain, no ʼs dòcha gur e mearachd a th’ ann. Ma tha Gà idhlig na sgìre agaibh fhèin, bhiodh e math cluinntinn bhuaibh air a’ chuspair sin.
Co-dhiù, bha e math a’ bhratach fhaicinn. Tha coltas annasach, iongantach oirre. Tha eòlaichean clò ag innse dhuinn gun deach a dèanamh ann an Siria no Eilean Rhodes anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosda. Tha i air a dèanamh de shìoda.
Thug an seachdamh ceann-cinnidh Leòdach air fhichead a’ bhratach a Lunnainn turas airson obair-glèidhidh a dhèanamh oirre. Ann an Taigh-tasgaidh a V and A, thug eòlaiche sùil gheur oirre. Thuirt esan gun robh e dhen bheachd gum buineadh i don Ear-mheadhanach agus gur dòcha gur i a’ bhratach a thug an Rìgh Lochlannach, Harald Hadrada, dhachaigh leis, an dèidh dha a bhith ri spùinneadh thall anns na dùthchannan sin.
‘Ist,’ fhreagair an ceann-cinnidh Leòdach, ‘’s dòcha gun creid thu fhèin sin, ach tha fios agams’ gun deach a toirt do mo shinnsirean leis na sìthichean.’
‘A, uill,’ thuirt an t-eòlaiche, ‘’s ann agads’ a tha fios nas fheà rr na th’ agams’!’
Ach ciamar a fhuair na Leòdaich a’ bhratach bho na sìthichean? Uill, tha ceithir diofar stòiridhean air an toirt seachad ann an Caisteal Dhùn Bheagain. Anns a’ chiad dol a-mach, thathar ag innse mu thuras a chaidh an ceann-cinnidh a-null don Tìr Naoimh mar phà irt de Chogaidhean na Croise. Thachair e ri aonaran a bha a’ fuireach ann am bealach anns na beanntan. Thug an t-aonaran rabhadh dha gun robh spiorad boireann olc a’ fuireach air mullach a’ bhealaich. Bhiodh i a’ marbhadh duine sam bith a bha na fhìor chreidmheach. Chan fhaigheadh duine seachad mura robh pìos dhen fhìor chrann-cheusaidh aca.
Uill, cha do ghabh an Leòdach ri sin. Mharbh e an spiorad. Mus do chaochail i, dh’iarr i air an clò a bha timcheall a meadhain mar chrios a thoirt leis, agus bratach a dhèanamh dheth. Agus ’s e sin a’ Bhratach Shìth. Ach tha stòiridhean eile ann mu a deidhinn, agus innsidh mi iad sin dhuibh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: choilean mi: I fulfilled; boireanta: feminine; obair-glèidhidh: conservation work; aonaran: hermit.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: tha i air Clann ʼic Leòid a chumail sà bhailte: it has kept the MacLeod clan safe; feumaidh mi seo aideachadh dhuibh – agus nà ire orm: I have to admit this to you – to my shame; cha robh mi air a’ bhratach fhaicinn gu o chionn ghoirid nuair a chaidh mi timcheall Caisteal Dhùn Bheagain: I hadn’t seen the flag until recently when I went around Dunvegan Castle; cha chanainn gun robh a’ bhratach cho brèagha ʼs a bha mi an dùil: I wouldn’t say the flag was as beautiful as I had expected; le tuill gu leòr innte: with plenty of holes in it; ann an inntinn Leòdach air feadh an t-saoghail: in the minds of MacLeods throughout the world; anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosda: in the fourth century after Christ; air a dèanamh de shìoda: made of silk; ann an Taigh-tasgaidh a V and A, thug eòlaiche sùil gheur oirre: in the Victoria and Albert Museum, an expert examined it; gum buineadh i don Ear-mheadhanach: that it belonged to the Middle East; an dèidh dha a bhith ri spùinneadh thall anns na dùthchannan sin: after he had been plundering out in those countries; gun deach a toirt do mo shinnsirean leis na sìthichean: that it was given to my ancestors by the fairies; mu thuras a chaidh an ceann-cinnidh a-null don Tìr Naoimh mar phà irt de Chogaidhean na Croise: about a time the clan chief went over to the Holy Land as part of the Crusader Wars; chan fhaigheadh duine seachad mura robh pìos dhen fhìor chrann-cheusaidh aca: nobody would get past unless they had with them a piece of the true crucifixion cross, dh’iarr i air an clò a bha timcheall a meadhain mar chrios a thoirt leis: she asked him to take with him the cloth that surrounded her as a girdle.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: an seachdamh ceann-cinnidh Leòdach air fhichead: the 27th chief of the MacLeods. Although the ‘new’ decimal system (it’s not really new in Gaelic at all!) is generally preferable today with cardinal numbers, it is not as neat as the vigesimal system with ordinal numbers. 27th can be given as ‘fichead ’s a seachdamh’ or ‘ficheadamh ’s a seachd’ but ‘seachdamh air fhichead’, to me, is clearer. Similarly, 37th is ‘an seachdamh X deug air fhichead’ (or, if you prefer, an trithead ’s a seachdamh X).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ’s ann agads’ a tha fios nas fheà rr na th’ agams’: you know better than I do.
Broadcasts
- Sun 6 Oct 2019 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 9 Oct 2019 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.