Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1000

Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir àireamh 1000.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 19 Sep 2018 23:00

Clip

Litir 1000: Am ²Ñì±ô±ðamh Litir

Halo a-rithist, a chàirdean. ʼS dòcha gun do mhothaich sibh do dh’àireamh na Litreach seo. Thòisich Litir do Luchd-ionnsachaidh anns a’ Chèitean naoi ceud deug, naochad ʼs a naoi (1999), còrr is naoi bliadhn’ deug air ais. Tha i air a bhith a’ ruith an ìre mhath a h-uile seachdain bhon uair sin. Agus seo am mìleamh tè.Ìý

Bu mhath leam taing a thoirt dhuibhse, an luchd-èisteachd agam, airson a bhith taiceil dhomh thar nam bliadhnaichean, agus ùidh a shealltainn ann an cuspairean nan Litrichean. Tha sibh ann am mòran dùthchannan, a bharrachd air Alba fhèin, agus mo bheannachd agaibh airson a bhith ag ionnsachadh ar cànain ghràdhaichte, a’ Ghàidhlig. ʼS iomadh post-dealain a fhuair mi bhuaibh thar nam bliadhnaichean agus tha mi gu math taingeil air an son. Co-dhiù ruigidh mi Litir dà mhìle an ceann naoi bliadhn’ deug eile, chan urrainn dhomh a ràdh, ach tha mi an dòchas gun lean sinn air ar turas còmhla airson ùine fhathast.

Tha am facal againn airson a dheich uiread de cheud inntinneach, nach eil? ²Ñì±ô±ð – coltach ris an fhacal ann an Cuimris, Fraingis, Laideann ... Tha dùil gun tàinig i bhon Laidinn an toiseach. Ma choimheadas sibh air an fhacal mìle ann am faclair Gàidhlig, gheibh sibh dà chiall air – thousand agus mile. Chan e co-thuiteamas a tha sin.

Bha mìle aig na saighdearan Ròmanach – air a thomhas air a’ chas chlì a bhith a’ bualadh na talmhainn mìle turas nuair a bhathar a’ caismeachd. Ann an Laideann, b’ e sin mille passus – mìle ceum. Ge-tà, cha bhiodh e co-ionnan fad na h-ùine. Nam biodh na saighdearan sgìth, cha bhiodh na ceumannan aca cho fada. Mar sin, anns a’ bhliadhna fichead ʼs a naoi ro Chrìosd, chruthaich an seanalair Ròmanach Agrippa slat-tomhais choitcheann. Bha an troigh Ròmanach stèidhichte air fad a choise fhèin. Agus bha còig troighean ann an ceum no passus.Ìý

Bha mìle – mar thomhas astair – aig iomadh dùthaich is cultar, stèidhichte air mìle nan Ròmanach. Ach bha e diofraichte ann an diofar àiteachan. Bha mìle Albannach na b’ fhaide na mìle Shasannach. Dh’fhalbh a’ mhìle Albannach nuair a thàinig Alba is Sasainn còmhla anns an aonadh.Ìý

Chan eil e soilleir cò às a thàinig am facal thousand o thùs. ʼS dòcha gun robh e a’ ciallachadh ‘grunn cheudan’. Bha e anns an t-Seann Bheurla mar þú²õ±ð²Ô»å agus tha facal coltach eadhon an-diugh anns na cànanan Gearmanach. Ma thèid sibh a Nirribhidh, cluinnidh sibh daoine ag ràdh tusen takk. Tha sin co-ionann ri ‘mìle taing’ ann an Gàidhlig.

Tha e inntinneach, ma tha, gur ann bhon Laidinn, seach bhon Lochlannais, a thàinig ar facal fhèin. Ach a bheil sin fìor anns a h-uile h-àite? Tha cuimhne agam air turas a chaidh mi a chèilidh air bodach ann an Dùthaich MhicAoidh – fear nach eil beò an-diugh. Bha sinn a’ bruidhinn ann an Gàidhlig air caoraich agus chleachd esan am facal ²õù²õ³Ù²¹²Ô airson mìle. Cha do thuig mi an toiseach gun robh e a’ ciallachadh thousand. ʼS iongantach mura tàinig ²õù²õ³Ù²¹²Ô bhon t-Seann Lochlannais. Bha e clàraichte cuideachd ann an Gàidhlig Ghallaibh.Ìý

Co-dhiù, tha an t-àm agam falbh. ²Ñì±ô±ð beannachd leibh.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: co-thuiteamas: coincidence; mìle ceum: a thousand paces; slat-tomhais choitcheann: a standard measure; Gearmanach: Germanic; ²õù²õ³Ù²¹²Ô: thousand [dialects of North Sutherland and Caithness].

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: ʼS dòcha gun do mhothaich sibh do: perhaps you noticed; an ìre mhath a h-uile seachdain bhon uair sin: almost every week since then; airson a bhith taiceil dhomh thar nam bliadhnaichean, agus ùidh a shealltainn ann an cuspairean nan Litrichean: for supporting me over the years and showing an interest in the subjects of the Litrichean; co-dhiù ruigidh mi X an ceann naoi bliadhn’ deug eile, chan urrainn dhomh a ràdh: whether I reach X in another 19 years, I can’t say; airson a dheich uiread de cheud: for ten hundreds; bha mìle aig na saighdearan Ròmanach: the Roman soldiers had a mile; air a thomhas air a’ chas chlì a bhith a’ bualadh na talmhainn mìle turas nuair a bhathar a’ caismeachd: measured by the left foot hitting the ground a thousand times on a march; bha an troigh Ròmanach stèidhichte air fad a choise fhèin: the Roman foot was based on the length of his own foot; bha mìle Albannach na b’ fhaide na mìle Shasannach: a Scottish mile was longer than an English mile; gur ann bhon Laidinn, seach bhon Lochlannais, a thàinig ar facal fhèin: that it was from Latin, rather than Norse, our own word came; a bheil sin fìor anns a h-uile h-àite?: is that true in every place?; turas a chaidh mi a chèilidh air bodach ann an Dùthaich MhicAoidh: a time I went to visit an old man in the Mackay Country [North Sutherland]; bha sinn a’ bruidhinn air caoraich: we were speaking about sheep; cha do thuig mi an toiseach gun robh e a’ ciallachadh: I didn’t understand to begin with that he was meaning; bha e clàraichte cuideachd ann an Gàidhlig Ghallaibh: it was also recorded in Caithness Gaelic; tha an t-àm agam falbh: I must go.Ìý

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: seo am mìleamh tè: this is the thousandth one. Litir is a feminine word so we use the feminine noun tè ‘female one’ rather than the masculine fear ‘male one’. However where preceded by an ordinal numeral (in this case ³¾Ã¬±ô±ð²¹³¾³ó) we use a masculine-appearing article rather than ‘feminising’ it to a’ mhìleamh tè.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: ʼS iongantach mura tàinig ²õù²õ³Ù²¹²Ô bhon t-Seann Lochlannais: it’s likely that ²õù²õ³Ù²¹²Ô came from Old Norse.

Broadcasts

  • Sun 16 Sep 2018 22:30
  • Wed 19 Sep 2018 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast