Main content

An Litir Bheag 696

Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir Bheag na seachdain sa. Litir àireamh 696.

Available now

4 minutes

Last on

Sun 16 Sep 2018 10:30

Clip

An Litir Bheag 696

Halo a-rithist, a chàirdean. Tha an Litir mhòr – Litir do Luchd-ionnsachaidh – air clach-mhìle a ruigsinn. Thòisich i ann an naoi ceud deug, naochad ʼs a naoi (1999), còrr is naoi bliadhn’ deug air ais. Tha am ³¾Ã¬±ô±ðamh tè a’ nochdadh an t-seachdain seo.Ìý

Tha am facal againn airson a dheich uiread de cheud inntinneach, nach eil? ²Ñì±ô±ð – coltach ris an fhacal ann an Cuimris, Fraingis, Laideann ... Tha dùil gun tàinig e bhon Laidinn. Ma choimheadas sibh air an fhacal ³¾Ã¬±ô±ð ann am faclair Gàidhlig, gheibh sibh dà chiall air – thousand agus mile. Chan e co-thuiteamas a tha sin.

Bha ³¾Ã¬±ô±ð aig na saighdearan Ròmanach – mille passus – ³¾Ã¬±ô±ð ceum. Ge-tà, cha bhiodh e co-ionnan fad na h-ùine. Nuair a bha na saighdearan sgìth, cha robh na ceumannan aca cho fada. Chruthaich an seanalair Ròmanach Agrippa slat-tomhais choitcheann. Bha an troigh Ròmanach stèidhichte air fad cas Agrippa fhèin. Agus bha còig troighean ann an ceum no passus.Ìý

Bha ³¾Ã¬±ô±ð – mar thomhas astair – aig iomadh dùthaich is cultar, stèidhichte air ³¾Ã¬±ô±ð nan Ròmanach. Ach bha i diofraichte ann an diofar àiteachan. Bha ³¾Ã¬±ô±ð Albannach na b’ fhaide na ³¾Ã¬±ô±ð Shasannach. Dh’fhalbh a’ mhìle Albannach nuair a thàinig Alba is Sasainn còmhla anns an aonadh. Tha ³¾Ã¬±ô±ð-mara eadar-dhealaichte oir bha sin o thùs stèidhichte air earrann de chearcall-thomhas na Talmhainn.

Chan eil e soilleir cò às a thàinig am facal thousand. ʼS dòcha gun robh e a’ ciallachadh ‘grunn cheudan’. Bha e anns an t-Seann Bheurla mar þú²õ±ð²Ô»å. Tha facal coltach anns na cànanan Gearmanach. Ma thèid sibh a Nirribhidh, cluinnidh sibh daoine ag ràdh tusen takk. Tha sin co-ionann ri ‘³¾Ã¬±ô±ð taing’ ann an Gàidhlig.

Thuirt mi gur ann bhon Laidinn a thàinig ar facal fhèin. Ach a bheil sin fìor anns a h-uile h-àite? Tha cuimhne agam air turas a chaidh mi a chèilidh air bodach ann an Dùthaich MhicAoidh. Bha sinn a’ bruidhinn ann an Gàidhlig air caoraich. Chleachd esan am facal ²õù²õ³Ù²¹²Ô airson ³¾Ã¬±ô±ð. ʼS iongantach mura tàinig ²õù²õ³Ù²¹²Ô bhon t-Seann Lochlannais. Bha e clàraichte cuideachd ann an Gàidhlig Ghallaibh.Ìý

Co-dhiù, tha an t-àm agam falbh. ²Ñì±ô±ð beannachd leibh.

The Little Letter 696

Hello, again, friends. The ‘big’ Litir – Litir do Luchd-ionnsachaidh – has reached a milestone. It started in 1999, more than nineteen years ago. The thousandth one appears this week.

Our word for ten hundreds is interesting, isn’t it? ²Ñì±ô±ð – like the word in Welsh, French, Latin ... It’s thought it came from Latin. If you look [up] the word ³¾Ã¬±ô±ð in a Gaelic dictionary, you’ll find two meanings for it – thousand and mile. That’s not a coincidence.

The Roman soldiers had a mile – mille passus – a thousand paces. However, it wouldn’t always be the same. When the soldiers were tired, their paces weren’t so long. The Roman general Agrippa created a standard measure. The Roman foot was based on the length of Agrippa’s own foot. And there were five feet in a pace.

Many countries and cultures had a mile – as a measure of distance – based on the Roman mile. But it was different in different places. A Scottish mile was longer than an English mile. The Scottish mile disappeared when Scotland and England came together in the union. A nautical mile is different because that was originally based on a section of the Earth’s circumference.Ìý

It’s not clear where the word thousand came from. Perhaps it meant ‘a few hundred’. It was in Old English as þú²õ±ð²Ô»å. There is a similar word in the Germanic languages. If you go to Norway, you’ll hear people say tusen takk. That’s equivalent to ‘³¾Ã¬±ô±ð taing’ in Gaelic.

I said that it was from Latin that our own word came. But is that true in every place? I remember a time I went to visit an old man in the Mackay Country [North Sutherland]. We were speaking in Gaelic about sheep. He used the word ²õù²õ³Ù²¹²Ô for a thousand. I reckon ²õù²õ³Ù²¹²Ô came from Old Norse. It was also recorded in Caithness Gaelic.

Anyway, it’s time for me to go. A thousand farewells.

Broadcast

  • Sun 16 Sep 2018 10:30

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast