Litir do Luchd-ionnsachaidh 999
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 999.
Last on
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 695
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 999
Duration: 05:00
Litir 999: Rìgh Seumas IV (2)
Bha mi a’ dèanamh aithris air an rìgh mu dheireadh aig an robh Gà idhlig – Seumas IV. Tha mi airson innse dhuibh an t-seachdain sa mu dheidhinn dà rud co-cheangailte ris – an long-chogaidh mhòr ainmeil a thog e, agus mar a thà inig an rìoghachadh aige gu ceann.
           Ann an Sasainn, fhuair Eanraig VIII an rìgh-chathair ann an còig ceud deug is naoi (1509). Thòisich e air cabhlach Shasainn a leudachadh agus thog e long-chogaidh air an robh Mary Rose. Le còig ceud tonna de chuideam innte, bha i gu math mòr.
           Bha glòir-mhiann aig Rìgh na h-Alba, Seumas IV, cuideachd, ged a bha Alba beag is bochd an coimeas ri Sasainn. Ann an còig ceud deug ʼs a còig (1505), dh’òrdaich Seumas gun togte long-chogaidh na bu mhotha na gin eile san t-saoghal. Leigeadh sin le Alba cabhlach mòr nà iseanta a bhith aice a bhiodh an sàs ann an cogadh-croise an aghaidh Ìmpireachd nan Ottoman. Bha an Great Michael air a h-ainmeachadh an dèidh an Àrd-aingeil Mìcheal. Chaidh a togail ann an Newhaven faisg air Dùn Èideann ann an doc’ a chaidh a dhèanamh a dh’aona-ghnothach air a son. Chaidh a cur air bhog ann an còig ceud deug is dhà -dheug (1512). Bha a dhà uiread de chuideam innte ʼs a bh’ anns a’ Mhary Rose aig na Sasannaich.
           Tha luchd-rannsachaidh a’ dèanamh a-mach gun robh uiread de dh’fhiodh-daraich a dhìth airson a leithid de long a thogail, ʼs gun do cheannaich riaghaltas na h-Alba fiodh bhon Fhraing agus na dùthchannan Baltach, a bharrachd air mòran sgìrean ann an Alba fhèin. Bha an Great Michael dà cheud is ceathrad troigh a dh’fhaid agus trithead ʼs a còig troighean a leud. Bha ceithir crainn oirre agus bha a slige air leth tiugh, suas ri deich troighean no trì meatairean. Bha còrr is caogad gunna oirre agus bha sgiob’ aice de thrì cheud maraiche agus suas ri mìle saighdear.
           Bha i air bhog airson bliadhna gu leth nuair a chaidh iarraidh oirre dhol don Fhraing airson ionnsaigh a thoirt air à iteachan a bha le Sasainn anns an Fhraing aig an à m sin. Bidh fios agaibh gun robh Alba ann an seann chaidreabhas leis an Fhraing. Ach, airson gnothaichean a dhèanamh na bu dorra, bha Seumas pòsta aig Mairead Tudor, piuthar Eanraig VIII. Dìreach mìos an dèidh sin, thug Seumas leis armailt, le trithead mìle duine innte, thar crìochan Shasainn.
           Thachair an dà armailt ri chèile aig Flodden ann an Northumberland. Chaidh an latha leis na Sasannaich. Chaidh Seumas a mharbhadh, cuide ri mìltean Albannach eile.
           Bha na là ithean aig Alba mar rìoghachd chumhachdach le cabhlach mòr seachad mus do thòisich iad. Nuair a chunnaic Eanraig VIII na planaichean airson a’ Ghreat Michael, dh’òrdaich e gum biodh long eadhon na bu mhotha air a togail. B’ ise an Henry Grace à Dieu, ged as e ‘Great Harry’ a chanadh muinntir Shasainn rithe.
           Agus dè thachair don Ghreat Michael? Uill, chaidh a reic do na Frangaich ann an còig ceud deug is ceithir-deug (1514), ged a bha i ro mhòr airson cuid de na puirt anns an dùthaich sin. Chaidh ainm ùr a chur oirre – La Grande Nef d’Ecosse. Tha a’ chuid as motha de luchd-eachdraidh dhen bheachd gun do leig na Frangaich leatha a dhol a dholaidh ann am Brest sa Bhreatainn Bhig.ÂFaclan na Litreach
Faclan na Litreach: glòir-mhiann: ambition; Baltach: Baltic; crainn: masts; sa Bhreatainn Bhig: in Brittany.
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: dh’òrdaich Seumas gun togte long-chogaidh na bu mhotha na gin eile san t-saoghal: James ordered that a ship larger than any other in the world be built. Togte is the passive conditional form of the verb tog, togail ‘build’. Togte means literally ‘would be built’; it is created by adding the suffix -te to the verbal root, in this case tog.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gun do leig na Frangaich leatha a dhol a dholaidh: that the French let her rot away.
Broadcasts
- Sun 9 Sep 2018 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 12 Sep 2018 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.