Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 998

Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir àireamh 998.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 5 Sep 2018 23:00

Clip

Litir 998: Rìgh Seumas IV (1)

Bha mi ag innse dhuibh mu Eaglais an Eig ann an taobh sear Rois, a bh’ air an t-slighe thaistealachd, naomh eadar Galltachd na h-Alba agus Baile Dhubhthaich air a’ Ghàidhealtachd. Bha Rìgh Seumas IV air an t-slighe sin gu tric. Tha mi airson innse dhuibh mu Sheumas oir b’ esan an rìgh mu dheireadh againn aig an robh Gàidhlig.

            B’ e Seumas mac Rìgh Sheumais III agus a’ bhean Mairead na Danmhairg, no Mairead Nirribhidh, oir bha an Danmhairg agus Nirribhidh ann an aonadh aig an àm. Cha robh am pòsadh uabhasach soirbheachail. Chaidh Mairead agus Seumas a-mach air a chèile gu mòr. Mu dheireadh, bha esan a’ fuireach ann an Dùn Èideann agus bha ise a’ fuireach ann an Sruighlea. Bha e math gun robh caisteal aca anns gach baile! Tha e coltach gun do rugadh Seumas òg ann an Caisteal Shruighlea – ann an ceithir cheud deug, seachdad ʼs a trì (1473).

            Air sgàth a’ phòsaidh, chaidh atharrachadh a dhèanamh air cruth is meud na h-Alba. ʼS ann an uair sin a thàinig Arcaibh is Sealtainn fo smachd rìghrean na h-Alba mar phàirt de thochair bho Rìgh na Danmhairg.

            O chionn còig ceud is trithead (530) bliadhna, ghabh Seumas òg thairis bho athair. Cha robh e ach còig bliadhn’ deug aig an àm. Bha e fhèin is athair air a dhol a-mach air a chèile cuideachd. Bha mòran de na h-uaislean, a bha an aghaidh an t-seann rìgh, a’ cur taic ri Seumas òg mar rìgh ùr.

            Thàinig gnothaichean gu ceann aig Blàr Allt an t-Seilich – the Battle of Sauchieburn – faisg air Sruighlea. Chaidh an seann rìgh a mharbhadh. Tha aithrisean ann gun deach a mhurt an dèidh a’ bhatail. Tha aithrisean eile ann gun deach a mharbhadh nuair a chaidh a thilgeil far eich. Co-dhiù, bha am prionnsa òg air a chur air an rìgh-chathair mar Rìgh Seumas IV. Ach, a rèir choltais, ghabh e aithreachas airson ʼs mar a thachair do athair agus mar a ghabh e fhèin gnothach ri a bhàs. Gach bliadhna aig àm a’ Charghais, bhiodh e a’ cur slabhraidh iarainn timcheall a mheadhain mar chuimhneachan air mar a ghabh e gnothach ri bàs athar.

            Bha Seumas gu math comasach. Bha e tuilleadh is eòlach air a’ Bhìoball. Leugh e tòrr leabhraichean. Bha e ioma-chànanach. Thathar a’ smaoineachadh gun do dh’ionnsaich e Dànais bho a mhàthair. Co-dhiù tha sin ceart no nach eil, bha na cànanan a leanas aige: Laideann, Fraingis, Gearmailtis, Flànrais, Eadailtis, Spàinntis, Albais agus ... seadh ... Gàidhlig.

            Tha aon rud mu dheidhinn air nach eil mi cinnteach. Tha dealbh dheth a’ sealltainn duine le stais bheag ach gun fheusag. Ach tha aithris sgrìobhte ann gun robh feusag mhòr agus falt fada aige.

            Ged a bha Gàidhlig aige, chan eil sin a’ ciallachadh gun robh Seumas bàigheil ris na Gàidheil a bha a’ stiùireadh Tighearnas nan Eilean. Rinn e oidhirp gus a’ Ghàidhealtachd a chur fo smachd làidir an rìgh.

            Aig a’ cheann thall, ʼs e a chàirdeas le Sasainn a bu dorra a bh’ aige. Ged a dh’fheuch Seumas ri Alba agus Sasainn a chumail ann an sìth le chèile, dh’atharraich cùisean nuair a ghabh Eanraig VIII thairis rìgh-chathair Shasainn ann an còig ceud deug ʼs a naoi (1509). Tuilleadh air sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Mairead na Danmhairg: Margaret of Denmark; ±èò²õ²¹»å³ó: marriage; Sruighlea: Stirling; °ùì²µ³ó-³¦³ó²¹³Ù³ó²¹¾±°ù: throne; slabhraidh iarainn: iron chain; tochair: tocher, dowry; ¶Ùà²Ô²¹¾±²õ: Danish; oidhirp: effort.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: nuair a chaidh a thilgeil far eich: when he was thrown from his horse. The third person masculine possessive article ‘a’ [‘his’] is assumed here (it is no longer indicated in writing in front of a vowel). Thus each is in the genitive singular – because it is effectively a definite noun (one with an article). If I had written nuair a chaidh a thilgeil far each, it would mean ‘when he was thrown from a horse’ as the genitive would be unmarked, which is the case with an indefinite noun in modern usage.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Co-dhiù tha sin ceart no nach eil: whether or not that is true.

Broadcasts

  • Sun 2 Sep 2018 22:30
  • Wed 5 Sep 2018 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast