Litir do Luchd-ionnsachaidh 997
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 997.
Last on
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 693
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 997
Duration: 05:00
Litir 997 - Clach an Eig
Am broinn seann eaglais an Eig ann an taobh sear Rois tha clach mhòr iongantach. Tha i snaighte le ìomhaighean brèagha oirre. Canaidh daoine Clach an Eig rithe. Tha i mìle is dà cheud bliadhna a dh’aois agus chaidh a dèanamh leis na Cruithnich.
           Gu mì-fhortanach, chan eil a’ chlach slà n an-diugh. Thathar a’ smaoineachadh gun deach cron a dhèanamh oirre a dh’aona-ghnothach aig à m an Ath-leasachaidh. Ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a seachd (1797), sgrìobh ministear na paraiste, an t-Urr. Alasdair MacAdhaimh, gun robh a’ chlach air a bhith a’ seasamh an à irde anns a’ chladh chun na bliadhna seachd ceud deug, fichead ʼs a còig (1725) nuair a chaidh a leagail ann an stoirm.
Anns an ochdamh linn deug, chaidh obair-cà raidh a dhèanamh oirre, a’ cleachdadh phìosan meatailt. Bha pìos a bha briste dheth air a shadail don allt a tha a’ ruith ri taobh na h-eaglaise. Chaidh a lorg an sin o chionn fichead bliadhna. Chaidh a’ chlach a chur ri chèile gu proifeiseanta – cho math ʼs a b’ urrainn – agus tha i a-nise air a taisbeanadh am broinn na h-eaglaise.
           Thathar dhen bheachd gun robh i bho thùs aig geata na h-eaglaise. ʼS e an ìomhaigh as motha oirre crois Chrìosdail. ʼS e sin as coireach gun tuirt mi an t-seachdain sa chaidh gum faod sinn a bhith an ìre mhath cinnteach gun robh adhradh Crìosdail a’ gabhail à ite air an là raich sin bho chionn mìle is dà cheud bliadhna. ʼS dòcha nach e a-mhà in a’ chrois a tha ag innse sin dhuinn. Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gu bheil sgeulachd Rìgh Dhaibhidh às a’ Bhìoball air a riochdachadh anns na dealbhan snaighte air a’ chloich cuideachd.
           Chan eil fios le cinnt dè an coltas a bh’ air an eaglais an uair sin. Chanainn gun robh i beag, agus mullach tughaidh oirre. Chaidh ath-thogail a dhèanamh oirre ann an sia ceud deug, fichead ʼs a sia (1626). Chaidh clag a chur innte – agus tha i innte fhathast.
           Tha Eaglais an Eig a’ riochdachadh cruth nan seann eaglaisean Albannach. Tha i air a cuairteachadh air trì taobhan le seann chladh. Tha seann leacan ann a tha cho sean ʼs nach gabh an leughadh a-nise. Tha na clachan-uaighe dìreach ann am Beurla ach a-mhà in aonan le bà rdachd Ghà idhlig oirre.
Tha a’ chùbaid aig ceann an ear an togalaich. Tha à ite fòidhpe far am biodh fear-togail an fhuinn a’ cur a-mach na loidhne. Tha lobht ann far am biodh cuid nan suidhe, agus treastaichean airson a’ choitheanail air beulaibh na cùbaid.
           Bha a’ Ghà idhlig gu math là idir ann an Ros an Ear fad ceudan bhliadhnaichean. Ged a tha an dùthaich còmhnard is torrach – agus mar sin gu math eadar-dhealaichte bho mhòran à iteachan eile air a’ Ghà idhealtachd – bha i gu cultarail mar phà irt dhen Ghà idhealtachd mhòir. Ann an Eaglais an Eig ann an seachd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1739), thòisich ath-nuadhachadh spioradail fo bhuaidh shearmonaichean nach robh nam ministearan – buidheann ris an canadh iad Na Daoine. Às an Eig, sgaoil an teachdaireachd aca air feadh na Gà idhealtachd. B’ e am fear a b’ ainmeile dhiubh fear Dòmhnall Ruadh a chaochail aig aois ceud is còig bliadhna.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Clach an Eig: The Nigg Stone; ²õ±ôà ²Ô: complete; an t-Urr. Alasdair MacAdhaimh: Rev. Alexander MacAdam; crois Chrìosdail: a Christian cross; mullach tughaidh: thatched roof; lobht: loft; treastaichean: pews; coitheanal: congregation; Dòmhnall Ruadh: Donald Roy.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Am broinn seann eaglais an Eig: inside the Nigg old church; snaighte le ìomhaighean brèagha oirre: carved with beautiful images on it; chaidh a dèanamh leis na Cruithnich: it was made by the Picts; gun deach cron a dhèanamh oirre a dh’aona-ghnothach aig à m an Ath-leasachaidh: that it was damaged deliberately at the time of the Reformation; nuair a chaidh a leigeil ann an stoirm: when it was brought down in a storm; chaidh obair-cà raidh a dhèanamh oirre: repair work was done on it; bha pìos a bha briste dheth a shadail don allt: a piece that was broken off was thrown into the burn; cho math ʼs a b’ urrainn: as well as could be; air a taisbeanadh: displayed; gun robh i bho thùs aig geata na h-eaglaise: that it was originally at the gate of the church; gun robh adhradh a’ gabhail à ite air an là raich sin: that worship was taking place on that site; chaidh clag a chur innte: a bell was installed in it; tha a’ chùbaid aig ceann an ear an togalaich: the pulpit is at the east end of the church; tha à ite fòidhpe far am biodh fear-togail an fhuinn a’ cur a-mach na loidhne: there is a place below it where the precentor would do the precenting; gu cultarail mar phà irt dhen Ghà idhealtachd mhòir: culturally part of the greater Gaidhealtachd; thòisich ath-nuadhachadh spioradail: a spiritual awakening began; sgaoil an teachdaireachd aca: their message spread.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Chanainn gun robh i beag: I’d say it was small. Chanainn ‘I would say’ is a really good verbal form to master as a learner because it reflects your thinking, and it can sound as if you are thinking in Gaelic (which may or may not be true!) Try and throw in ´Ú³óì²Ô or ´Ú³óè¾±²Ô ‘self’ as well. Chanainn gur e fear cunnartach a th’ ann an X ‘I’d say X is a dangerous man’; an robh an geamhradh ann an Alba fuar? ‘was the winter in Scotland cold’? – chanainn ´Ú³óì²Ô gun robh, ged nach canadh Ruiseanach sin ‘I myself would say so, although a Russian wouldn’t say so.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ʼS e sin as coireach gun tuirt mi: that’s the reason I said.
Broadcasts
- Sun 26 Aug 2018 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Aug 2018 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.