Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 207

An SS Ben Lomond 's bàta ùr Ameireaganach, a Westover, dhan cuir fodha an t-seachdain sa. Both British and American losses at sea this week in 1918.

Air 7mh den Iuchar 1918 bha an SS Ben Lomond air a slighe eadar Seville sa Spàinn agus Àird Rosain ann an Alba le carago gual. Bha i deich mìle fichead an ear-dheas air Cionn tSàile ann an Èirinn nuair a chaidh losgadh oirre gun rabhadh sam bith leis a' bhata-aigeil Gearmailteach U-92. Chailleadh trì duine fichead. Agus air an 11mh aig leth-uair an dèidh seachd sa mhadainn chaidh bàta ùr Ameireaganach, a Westover, a chur fodha le torpedo. B' e seo a' chiad turas aice gu muir bho chaidh a togail, agus bha i air falbh à New York ann an coimheadachd bhàtaichean, a' dèanamh air St Nazaire, na tuill aice loma-làn de dh'iomadh seòrsa bathar airson na h-Ameireaganaich a bha sabaid san Fhraing. Innsidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair.

Chaidh dà urram a bhuileachadh air fear bhon a' Bhac ann a Leòdhas a bha a' sabaid còmhla ris na Canèidianaich aig toiseach an Iuchar 1918. B' esan Iain Greumach, Iain Aonghais Sheoc, agus fhuair e Bonn a' Mhìlidh agus an Croix de Guerre airson an obair ionmholta a bha e air a dhèanamh bhon thàinig e a-null à Canada. Bha a dhachaigh aig toiseach a' Chogaidh ann a Winnipeg.

10 minutes

Last on

Fri 13 Jul 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 12 Jul 2018 21:00
  • Fri 13 Jul 2018 11:50