Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 206

Bean saighdear dha cuir às a dachaigh 's rabhadh do dh'òstairean mu chlàradh luchd-turais. A soldier's wife is evicted at Achnasheen and hoteliers are warned about registration.

Bha an suidheachadh truagh anns an robh a' bhean aig Iain MacCoinnich, a bha an urra ri Oifig a' Phuist ann an Ach na Sìne anns a' Highland News air an 29mh den Ògmhios 1918. Cho luath 's a chaidh Iain dhan Fhraing chaidh a bhean a chuir às a dachaigh le uachdaran oighreachd Loch a' Chroisg, Sir Teàrlach Bignold. B' fheudar dhith fhèin 's a piuthar a dhol a dh'fhuireach ann an seann taigh-nighe is obair Oifig a' Phuist a chumail a' dol às a sin. Ach bha Iain a' sabaid air a son mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

Bha rabhadh cuideachd sa phàipear do dh' òstairean. A rèir laghan tìd' a' Chogaidh bha còir aca a h-uile duine a bha a' fuireach bho na cabair aca a chlàradh - is fiosrachadh sònraichte a dhìth - ainm, seòladh, obair is rudan dhen t-seòrsa sin. 'S bha seo gu bhith thugad mur a dèanadh tu e!

Air 5mh den Iuchar, dh'fhoillsich a' Ross-shire Journal, litir a nochd an toiseach anns an John O Groats Journal. Bha D. MacKay Miller, a bha sabaid còmhla ris na h-Astràilianaich, air an litir a sgrìobhadh gu phàrantan ann an Inbhir Ùige ag innse mar a thachair e ri fear anns na trainnsichean is dh'aithnich e air blas a chainnt gur e Gàidheal a bh' ann.

10 minutes

Last on

Fri 6 Jul 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 5 Jul 2018 21:00
  • Fri 6 Jul 2018 11:50