Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 208

Blàr cudromach, Dara Blàr a' Mharne a' tòiseachadh agus nurs Sgitheanach a' faighinn urram. The second Battle of the Marne begins and a Skye nurse is awarded the Croix de Guerre.

Thòisich Dara Blàr a' Mharne air 15mh den Iuchar 1918, le na Gearmailtich a' toirt ionnsaigh air loidhne na Frainge thairis air 50 mìle, an ear agus an iar air baile Rheims. Bha am batal seo gu bhith air leth cudromach ann an eachdraidh a' Chogaidh. Chaidh bacadh a chur air an ionnsaigh Ghearmailteach air taobh sear Rheims, eadar Prunay agus Massiges. Chun an iar, eadar Coulommes agus Fossoy, bhuannaich Arm na Gearmailt trì mìle gu leth de dh'fhearann is fhuair iad tarsainn air a' Mharne aig Fosse. Innsidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a lean cùisean.

Bha artaigil anns an Ross-shire Journal ag innse gu robh còmhraidhean a' dol anns a' Hague eadar riochdairean Bhreatainn is na Gearmailt mu iomlaid phrìosanaich a leigeadh le cuid de na Breatannaich a bha sa Ghearmailt tilleadh dhachaigh.

Agus air an 18mh bhuilich an Fhraing an Croix de Guerre air Anna NicFhionghain, Anna Iain Breabadair à Ròdhag san Eilean Sgitheanach, airson a gaisge mar nurs anns a' chogadh san Fhraing.

10 minutes

Last on

Fri 20 Jul 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 19 Jul 2018 21:00
  • Fri 20 Jul 2018 11:50