Episode 205
Gaisgeachd ÃŒlich aig call an Tuscania air aithneachadh 's sgrios an Llandovery Castle. Islay men's heroism at the loss of the Tuscania recognised and the Llandovery Castle is sunk.
Air 22mh den Ògmhios 1918, bha sgeulachd mu dhithis ghaisgeach à Ìle ann am Paipear an Òbain. Bha an dithis aca nan luchd-faire air cladaichean an eilein agus chaidh urram OBE a bhuileachadh orra airson an obair a rinn iad a' sà bhaladh beatha an dèidh call a' bhà ta Ameireaganach, an Tuscania, sa Ghearran. Sgaoil Crois Dhearg nan Stà itean brath-naidheachd ag innse mar a shà bhail Raibeart Moireasdan às an Odha trì saighdearan Ameireaganach agus mar a shà bhail Donnchadh Caimbeul, cuideachd às an Odha, beatha saighdear a bha an fhairge air a thilgeil suas gu à ite creagach, cunnartach a bha cha mhòr do-ruigsinneach.
Aig sabaid aig Abhainn Piave far an d'fhuair na h-Eadailtich buaidh, tha e air aithris gun tubhairt an Seanailear Gearmailteach Erich Ludendorff an uair a chual' e an naidheachd 'gun do dh'fhairich e airson a' chiad uair gun robh a' Ghearmailt a' dol a chall a' chogaidh. An ath latha, chuir an Rìgh Seòras telegram a' cur meala-naidheachd air Rìgh na h-Eadailt.
Air 27mh den Ògmhios chaidh am bà ta-ospadail Canèidianach Llandovery Castle a chur fodha le bà ta-aigeil far costa na h-Èireann. Am measg an 234 a chaill am beatha, bha Iain MacAnndrais a rugadh ann a Steòrnabhagh ach a bha sa Chogadh còmhla ri seirbheisean meidigeach an airm Chanèidianaich.
Bha am bà ta a' tilleadh a Shasainn an dèidh leòintich a thoirt gu Halifax an Alba Nuadh. Mar bu chòir, cha robh a solais air an dubhadh às agus bha Crois Dhearg a' deà lradh gu soilleir air a' bhà ta. Bha sgioba de 258 air bòrd, nam measg ceithir nursaichean deug. A rèir Cùmhnant Hague bha còir aig an nà mhaid bà ta-ospadail a stad 's a sgrùdadh ach cha robh còir aige a cur fodha. Innsidh Gilleasbuig MacDhòmhnail dhuinn mar a thachair.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 280618
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 28 Jun 2018 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 29 Jun 2018 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal