Tormod MacArtair 1/4
Tormod MacArtair, 'Am Brot', ag innse dha Annella Nicleòid mu òige an Cà rlabhagh. Norman MacArthur recalls his early days growing up in Carloway during the Second World War.
Tha Tormod MacArtair, neo Am Brot mar as eòlaich daoin' air, air a bhith ri obair luingeis air cidhe Steòrnabhaigh airson còrr is dà fhichead bliadhna. Ron a sin bha e deugachadh a bhliadhnaichean air feadh Alba anns an t-Seirbhis Chatharra agus thug e cuideachd dà bhliadhna anns an arm ann a Sasainn 's an Èirinn a' dèanamh a Sheirbhis Nà iseanta. Agus tha e air fad a bheatha, cha mhòr bho thà inig e dhan an t-saoghal ann a 1938, a thoirt a' leantainn neo a' cluiche ball-coise agus raon-cluiche sgioba Chà rlabhaigh còmhnard mu choinneamh an taigh anns na rugadh 's na thogadh e air Srà id Sheumais.
B' e athair Thormoid, Tormod Beag Thormoid Sheumais agus brà thair athair, Coinneach, a thog an taigh air Druim na Lic, agus ceann aig gach duin' ac', air an tug iad Cnoc Glas ( às dèidh an à ite far na thogadh iad am Mullach Chà rlabhaigh). B' ann à Seisiadar anns a' Rubha a bha a mhà thair, Cairistiona Alasdair Dhòmhnaill Bhà in.
Anns a' chiad prògram de cheithir tha Tormod ag innse mu thoiseach a là . Rugadh e bliadhna mus do thòisch an dà rna cogadh 's ged a bha athair as a' chogadh bha toiseach a là aig Tormod dòigheil, toilicht' gu là reoite, geamhraidh 's e mu thrì bliadhna a dh'aois, nuair a bha tubaist aige. Cluinnidh sinn cuideachd mar a fhuair e am far-ainm 'Am Brot', mu thurchartas sealbhach aig à m a' chogaidh agus gheibh sinn a-mach carson a tha Tormod air a bhith a' toirt taic do sgioba ball-coise Rangers fad a bheatha.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 5 Jul 2018 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 5 Jul 2018 22:10Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Jul 2018 09:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal